Duaisean Ceannardais Spòrs

Fhuair Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, ann an com-pàirteachas le High Life na Gàidhealtachd, maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig gus cùrsa còmhnaidheach fad-seachdain – Duais Ceannardais Spòrs – a lìbhrigeadh aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ Cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach.

pix

Lìbhrig Daniel Steele, Co-òrdanaiche Sgoiltean Gnìomhach High Life na Gàidhealtachd, an cùrsa fad-seachdain tro mheadhan na Gàidhlig agus fhuair na daoine òga eòlas oideachadh spòrs gu tur sa Ghàidhlig agus bhrosnaich seo cuideachd spiorad de ionnsachadh co-aoiseach.

Chrìochnaich 15 neach òg ann an àrd-sgoiltean ann am Malaig, Àird nam Murchan, am Ploc, Port Rìgh, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Nis SCQF Ìre 4 ann an Duais Ceannardais Spòrs anns a’ Ghàidhlig.

Thuirt Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh na Gàidhlig, “Tha an iomairt seo na shàr eisimpleir dhen dòigh san urrainn do luchd-labhairt òga na Gàidhlig an sgilean cànain, spòrs is sòisealta a chleachdadh còmhla. Tha na tachartasan seo cudromach seach gu bheil iad a’ toirt dhaoine òga còmhla airson cothrom a thabhann is a thoirt seachad gus sgilean a bharrachd a thogail, a’ gabhail a-steach ceannardas agus barrachd cleachdadh cànain taobh a-muigh suidheachadh foirmeil foghlaim. ’S e iomairt na Duais Ceannardais aon de na gnìomhan comasachaidh ann am Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus ’s e com-pàirteachas èifeachdach a th’ ann eadar Sgioba na Gàidhlig agus High Life na Gàidhealtachd.” 

Thuirt Mags Duncan, Prìomh Mhanaidsear Spòrs agus Chleasan A-Muigh, “Tha e air a bhith sgoinneil taic a thoirt seachad ann a bhith a’ lìbhrigeadh an teisteanais seo agus sgilean dhaoine òga na Gàidhealtachd a thogail. ’S e a tha gu sònraichte math, gun tèid na ceannardan òga seo, len teisteanasan ùra, air ais do na coimhearsnachdan aca, le taic bho na Co-òrdanaichean Sgoiltean Gnìomhach aca, agus gun urrainn dhaibh a’ mhisneachd agus na sgilean aca a cho-roinn gus daoine eile a chom-pàirteachadh an dà chuid ann an spòrs agus Gàidhlig.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: gaelic@highland.gov.uk