Fàilte mhòr air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig

Issued by Bòrd na Gàidhlig - read this in English

Chaidh an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh an t-seachdain sa chaidh aig cuirm aig oifisean Comhairle na Gàidhealtachd às dèidh coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig aca. A’ bruidhinn mun Stiùireadh às dèidh na coinneimh, thuirt an Comhairliche Hamish Friseal:

“Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air aon de na prìomh Ùghdarrasan Ionadail ann an Alba a tha toirt seachad Foghlam Gàidhlig, agus mar sin bha sinn gu h-àraidh toilichte gun d’ fhuair sinn cothrom pàirt fìor chudromach a ghabhail anns a’ cho-chomhairleachadh agus ann a bhith dealbh an Stiùiridh Reachdail seo.

Tha e na amas don Stiùireadh Reachdail na diofar raointean de dh’fhoghlam na Gàidhlig a gheibhear ann an Alba a mhìneachadh. Cuideachd leis an Stiùireadh thathar ag iarraidh modhan-obrach cunbhalach le amasan soilleir a stèidheachadh, tha e a’ cur chinn-uidhe shoilleir an cèill, agus tha e a’ mìneachadh dè bu chòir dhut a bhith sùileachadh bho fhoghlam tron Ghàidhlig, agus ciamar a bu chòir dha a bhith air a lìbhrigeadh le Ùghdarrasan Ionadail.

Tha e cuideachd a’ toirt stiùireadh do dh’ùghdarrasan foghlaim agus tha e a’ togail air na deagh mhodhan-obrach a chaidh a chur gu feum roimhe, agus a tha gan cur an sàs an-dràsta, le ùghdarrasan foghlaim leithid Comhairle na Gàidhealtachd agus le ùghdarrasan a bh’ ann roimhe thairis air na 30 bliadhna a dh’fhalbh.

Lean e air: “Tha an Stiùireadh Reachdail, cuideachd, a’ toirt taic chudromach do phàrantan is luchd-cùraim agus ag innse dhaibh dè bu chòir tachairt ma tha iad am beachd tagradh a chur a-steach gu ùghdarras foghlaim ag iarraidh measadh gus faicinn a bheil Foghlam Bun-sgoile Gàidhlig a dhìth. Mu dheireadh, bu thoigh leam taing a thoirt do na h-eòlaichean air a’ Bhuidheann-obrach aig an robh an lèirsinn agus an t-eòlas gus seo a thoirt air adhart. Bha riochdairean bho Bhòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba, COSLA, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Baile Ghlaschu air a’ bhuidhinn sin agus tha mi den bheachd gu bheil sinn air clach-mhìle ro chudromach a ruighinn an-diugh airson Foghlam Gàidhlig.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig, tadhailibh air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig: http://www.gaidhlig.scot/bord/ga/education/statutory-guidance/

6 Feb 2017