Ceannard Maireannach Ùr ga Cur an Dreuchd aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a’ Bh-uas Barbara Nic a’ Ghobhainn a chur an dreuchd mar Cheannard Maireannach aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Tha a’ Bh-uas Nic a’ Ghobhainn na neach-labhairt fileanta den Ghàidhlig agus bha i na sgoilear aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Tha i an-dràsta a’ teagasg ann am Bun-Sgoil an Àth Leathainn san Eilean Sgitheanach agus bha i roimhe na Ceannard san Eadar-ama ann am Bun-Sgoil Shlèite, a’ bhun-sgoil Ghàidhlig ann an Slèite, san Eilean Sgitheanach. Choisinn i cuideachd am Bonn Òir aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Chuir Bill Alexander, Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air an naidheachd, is thuirt e: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil sinn air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ cur Ceannard maireannach an dreuchd aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhan Bh-uas Nic a’ Ghobhainn san dreuchd ùir aice. Tha mi cinnteach gun cuir Comhairle Phàrant na Sgoile agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd ann an Inbhir Nis fàilte chridheil air an naidheachd seo. Bu toil leam cuideachd taing a thoirt dhan Bh-uas Anna Nic a’ Phì airson a dreuchd mar Cheannard san Eadar-ama san sgoil bhon Lùnastal a chaidh.”

Thuirt a’ Bh-uas Nic a’ Ghobhainn: “Tha mi air mo dhòigh glan agus ’s e urram a th’ ann cothrom fhaighinn am prìomh sgoil airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd a stiùireadh agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris na sgoilearan, an luchd-obrach, na pàrantan agus coimhearsnachd na sgoile san fharsaingeachd.”

Bidh a’ Bh-uas Nic a’ Ghobhainn a’ tòiseachadh san dreuchd aig toiseach seisean-sgoile 2015-16 san Lùnastal.

Read this in English