Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 23 May 2013

Minutes: Read the Minutes

Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar 3, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach air Diardaoin, 23 Cèitean 2013 aig 2.00f.


 An làthair:

Mgr S Farlow, Mgr C Friseal, Mgr S Friseal, Mgr A M Mac a’ Mhuilleir, Mgr F Parr, A’ Bh-uas M E NicPheadrais, An Dr A Nic na Ceàrdaich


 A’ frithealadh na coinneimh:


Mgr Ù Friseal, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs

Mgr C Moireach, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs

A’ Bh-uas Mòrag Anna NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs

A’ Bh-uas Norma Young, Manaidsear Foghlaim Sgìreil, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs

A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir

A’ Bh-uas F NicBheathain, Rianaire Comataidh, Oifis an Àrd-Oifigeir

A’ Bh-uas S Nic an Tàilleir, Oifigear Catharra, Seirbheis an Ionmhais



Cuideachd an làthair:


An t-Ollamh B Robasdan, Prionnsapal, Sabhal Mòr Ostaig

Mgr I T MacLeòid, Iar-Phrionnsapal agus Stiùiriche Ionnsachaidh, Sabhal Mòr Ostaig

Mgr D A MacIllinnein, Ceannard Oighreachdan is Sheirbheisean, Sabhal Mòr Ostaig

A’ Bh-uas C NicCoinnich, PA don Phrionnsapal, Sabhal Mòr Ostaig

Mgr I Moireasdan, Àrd-oifigeir, An Comunn Gàidhealach

Mgr I MacLeòid, Ceann-suidhe, An Comunn Gàidhealach


 Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.


Mgr S Friseal sa Chathair

 Gnothach


1. Fàilte bhon Chathraiche agus Comharrachadh 40mh Ceann-bliadhna

    an t-Sabhail Mhòir


 A’ cur fàilte air Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig gu Sabhal Mòr Ostaig, chuir an Cathraiche meal-an-naidheachd air a’ cholaiste airson 40 bliadhna de dh’obair gus a’ Ghàidhlig a ghleidheadh is a chur air adhart, aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.  Ghuidh e gach soirbheas dhaibh san àm ri teachd, agus bha e an dòchas gun leanadh a’ Chomhairle agus Sabhal Mòr Ostaig air adhart leis an dàimh cho-thaiceil aca.  Mar chomharra air an dàimh seo, thog an Cathraiche bratach taobh a-muigh na colaiste, as leth na Comhairle.


Chaidh duilleag fiosrachaidh ‘Deagh Naidheachdan’ a chur fa chomhair nam Ball, leis an fhiosrachadh a leanas:


Latha Dreuchdan Gàidhlig

 Air 19 Màrt 2013 chaidh Latha Dreuchdan Gàidhlig fìor shoirbheachail, fon ainm “Siuthad!” a chumail ann an Eden Court.  Bha còrr is 100 sgoilear bho S2 agus S3 ann an Àrd-sgoiltean na Gàidhealtachd an làthair.  B’ e prìomh amas an tachartais brosnachadh a thoirt do dhaoine òga a bha air foghlam fhaighinn tro Mheadhan na Gàidhlig, leantainn air adhart leis a’ Ghàidhlig gu ìre teisteanais.  Bha Siuthad! cuideachd ag amas air aire a thogail mu na cothroman eaconamach agus dreuchdail a bhiodh ann do dhaoine òga nan leanadh iad air adhart le foghlam Gàidhlig.  Bha cothrom aig an òigridh coinneachadh ri oifigearan bho bhuidhnean agus ri daoine fa leth le dreuchdan far an robh comas labhairt sa Ghàidhlig buannachdail.  Bha diofar bhuidhnean an làthair, nam measg: Leasachadh Sgilean na h-Alba, BBC ALBA, Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach.  Thug Ruairidh MacIlleathain, Tosgaire na Gàidhlig an-dràsta, seachad taisbeanadh a bha a’ sealltainn dhaoine a bha an-dràsta a’ faighinn cosnadh ann am buidhnean air sgàth an sgilean cànain sa Ghàidhlig.  Dh’obraich Oifigearan na Comhairle gu dlùth le Leasachadh Sgilean na h-Alba gus an tachartas soirbheachail seo a chur air dòigh.


 FILMG

 Bha deich àrd-sgoiltean sa Ghàidhealtachd air còig filmichean deug a dhèanamh airson FILMG.  Bhuannaich Àrd-sgoil Phort Rìgh Duaisean FilmG airson an Riochdachadh as Fheàrr agus airson na Gàidhlig as Fheàrr agus bhuannaich Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich an Duais airson an Dràma Goirid as Fheàrr.  Chaidh liosta de luchd-duais eile bhon a’ Ghàidhealtachd a thoirt seachad cuideachd.


SOILLSE


Bha SOILLSE air rannsachadh fhoillseachadh bho chionn ghoirid fon tiotal ‘Beachdan a’ Phobaill air a’ Ghàidhlig ann an Alba’.  Bha seo a’ toirt geàrr-chunntas air toraidhean beachdan a’ phobaill air a’ Ghàidhlig bhon t-Suirbhidh Albannach air Beachdan Sòisealta na h-Alba 2012, stèidhichte air sampall de 1,299 neach.  Thug toraidhean an rannsachaidh seachad teachdaireachd làidir, dheimhinnte agus fharamach airson na Gàidhlig, le aithris gun robh:


    70% de chom-pàirtichean air a’ Ghàidhlig a chluinntinn sna dachannan aca tro na meadhanan;

    58% air a’ Ghàidhlig fhaicinn air soidhnichean-rathaid no air soidhnichean poblach eile;

    86% a’ faicinn na Gàidhlig mar phàirt chudromach de dhualchas na Gàidhealtachd agus nan Eilean.


40mh Ceann-bliadhna an t-Sabhail Mhòir


Bha Sabhal Mòr Ostaig air prògram ùidheil thachartasan a chur air dòigh gus 40 bliadhna a chomharrachadh agus bha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn air an làraich-lìn aca, a bha an-dràsta ceangailte ri duilleag-dachaigh na Comhairle. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air cuairt na Buidhne gu leasachadh na Cille Bige sa mhadainn, agus air an naidheachd air 14 Cèitean 2013 gun robh Riaghaltas na h-Alba air pasgan maoineachaidh £1.9m a chur ri cosgais nan goireasan gnothachais a bha gu bhith air an togail air an làraich.  Am measg nan leasachaidhean eile bha làrach-oilthighe ùr, 93 dachaigh agus goireasan spòrs airson na Colaiste agus na coimhearsnachd.


 Làithean Fosgailte 0-3 Bliadhna ann an Geàrrloch, Luirg, san Aghaidh Mhòir agus sa Ghearasdan


 Bhathar air Làithean Fosgailte Gàidhlig ro-sgoile a chumail gu soirbheachail ann an Geàrrloch, Luirg, san Aghaidh Mhòir agus sa Ghearasdan le amas fiosrachadh a thoirt do phàrantan mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus mun taic a bha ri fhaotainn nan roghnaicheadh iad an leanabh/cuid chloinne a chur gu FtG.


 A’ Ghàidhlig ann an Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige


 Bha fèill mhòr air clasaichean Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige le 24 neach clàraichte an-ceartuair airson clas Inbhir Theòrsa agus 19 airson clas Inbhir Ùige.  Bha clas Inbhir Ùige air a bhith a’ dol airson dà mhìos agus cha robh duine air tarraing às.


 THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na Deagh Naidheachdan.


 2. Leisgeulan


Ghabhadh leisgeulan às leth Mhgr I Ghòrdain, Mhgr C MhicAmhlaigh, Mhgr I MhicGilleBhrath agus Mhgr C MhicLeòid.


3. Foillseachaidhean Com-pàirt



THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na Foillseachaidhean Com-pàirt a leanas:


Cuspair 9 – An Dr Audrey Nic na Ceàrdaich (neo-ionmhasail)

Cuspair 9 – Mgr D Mac a’ Mhuilleir (neo-ionmhasail)


4. Taisbeanadh bho Phrionnsapal an t-Sabhail Mhòir


 Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-6-13 (96kb pdf) le ceann-latha 13 Cèitean 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air Prionnsapal an t-Sabhail Mhòir, an t-Ollamh Boyd Robasdan, a thug seachad taisbeanadh mu eachdraidh SMO agus fiosrachadh mu iomairtean a thathar a’ gabhail os làimh an-ceartuair.


 San taisbeanadh aige, chuir an t-Ollamh Boyd Robasdan fàilte air a’ Bhuidhinn gu SMO agus thug e seachad geàrr-chunntas de na prìomh thachartasan ann an eachdraidh SMO, a’ gabhail a-steach mar a chaidh fhosgladh ann an 1973, mar a thòisich cùrsaichean làn-ùine ann an 1983, agus an ceangal ri pròiseact UHI ann an 1994.  Bha grunn chùrsaichean air an tabhann aig a’ cholaiste an-ceartuair, bho chùrsaichean goirid tro shaor-làithean gu ceithir cùrsaichean BA/BA (le Urram), MA/MA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Foghlam agus dà chùrsa iar-cheumnach (ann an Dualchas is Cultar agus Deasachadh is Foillseachadh).  Bha goireas cùram-chloinne Fàs Mòr a’ soirbheachadh agus bha buaidh mhòr eaconamach aig a’ cholaiste air an sgìre ionadail, le mu 138 dreuchd, co-ionann ri làn-ùine, gan cruthachadh, mu £3.5m teachd-a-steach ga ghineadh agus mu £400 mìle ga chosg far na làraich, a’ mhòr chuid leis na h-oileanaich.  Bha àireamh-sluaigh Shlèite air dùblachadh bho dh’fhosgail SMO ann an 1973.  A’ tionndadh chun an ama ri teachd, mhìnich an t-Ollamh Robasdan planaichean airson leasachadh na Cille Bige, pròiseact £41m a leudaicheadh a’ cholaiste agus a bheireadh seachad suas ri 75 taigh ùr, goireasan spòrs is co-labhairt, sgoil, ionad-slàinte, taigh-òsta, bùth agus ionad-frithealaidh.


 Thug Buill taing dhan Ollamh Boyd airson an taisbeanaidh aige agus, mar fhreagairt do cheistean, chaidh mìneachadh gun obraicheadh SMO ann an com-pàirteachas ris a’ Chomhairle agus Comainn Thaigheadais a thaobh riarachadh Thaighean Neo-chosgail.  Bhathar an dùil gum biodh làraich thogalaichean le seirbheisean rim faotainn airson an ceannach agus, rè ùine, dh’fheumadh ro-innleachd taigheadais a bhith air a leasachadh, ann an co-bhuinn ri Seirbheis Taigheadais na Comhairle.  Bheachdaich Buill gum biodh fàilte air an ionad spòrs, gu h-àraid an goireas air an taobh a-staigh, agus bhiodh seo cudromach gus daoine òga a ghleidheadh san sgìre.


 THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na bha san aithisg agus san taisbeanadh.


5. Meòrachan Tuigse eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal

    Mòr Ostaig – Cunntas as Ùr mu Chom-pàirteachas


 Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-7-13 (24kb pdf) le ceann-latha 13 Cèitean 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mun adhartas leis a’ Mheòrachan Thuigse eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig.


Thugadh mìneachadh seachad den aithisg agus de leasachaidhean làithreach a bhathar a’ gabhail os làimh eadar a’ Chomhairle agus SMO fo sgèith a’ Chòmhlain-obrach.


 Chaidh ceistean nam Ball a fhreagairt mar a leanas:

    bha Coimisean Fiolm na Gàidhealtachd is nan Eilean agus SMO a’ leasachadh App an-asgaidh airson fònaichean ‘android’ gus leasachadh eaconamach a bhrosnachadh agus bhiodh seo ri fhaotainn aig toiseach an Ògmhios 2013, agus bhathar a’ barganachadh gus Gàidhlig a bhith na lùib.  Ged nach robhar an dùil gum biodh seo air a chleachdadh gus turasachd a bhrosnachadh aig an ìre seo, dh’fhaodte gun deidheadh coimhead air a seo san àm ri teachd;

    bha maoineachadh airson Trèanadh Thidsearan ‘Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sa Bhun-sgoil’, a chaidh a stèidheachadh le SMO, air a lùghdachadh ach, ged a bhiodh seo na dhùbhlan, bhathar an dùil gun leanadh an trèanadh air adhart;

    bha deasbad a’ dol air adhart le Bòrd na Gàidhlig gus sgrùdadh a dhèanamh mu na ghabhadh dèanamh a thaobh Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach, gus tidsearan  le comas labhairt sa Ghàidhlig a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh nan teagasg, a’ gabhail a-steach smaoineachadh air teagasg tro mheadhan na Gàidhlig; agus

    dheidheadh leantainn air adhart a’ togail cheangalan le dùthchannan eile far an robhar a’ bruidhinn mhion-chànanan, leithid Dùthaich nam Basgach san Spàinn.


Bheachdaich Buill gun robh an lùghdachadh ann an còmhdach rèidio airson a’ Mhòid Nàiseanta na bhriseadh-dùil, agus chaidh mìneachadh gun deidheadh seo a dheasbad mar phàirt de Chuspair 9.


 THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan adhartas leis na gnìomhan a bhathar a’ gabhail os làimh fo sgèith Cho-bhuidheann Ceangail a’ Mheòrachain Thuigse.


 6. Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig – Pròiseactan 2013-14 agus

    Aithisgean Deireannach Phròiseactan 2012-13



Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-8-13 (58kb pdf) le ceann-latha 10 Cèitean 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt sealladh coitcheann do Bhuill mu na pròiseactan dhan deach tagraidhean a chur a-steach gu Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig ann an 2013-14 agus a’ toirt seachad nan aithisgean deireannach air na pròiseactan a lìbhrigeadh ann an 2012-13.


 Chaidh geàrr-chunntas mionaideach a thoirt seachad de na ceithir pròiseactan a leanas, a bha a’ Chomhairle air a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig airson maoineachadh GLAIF ann an 2013-14:


    Ro-innleachd Taic airson Tràth-bhliadhnachan Gàidhlig 0 gu 3 ann an Sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd (Pìolat 3 Bliadhna);

    Gaisgich Coimhearsnachd – Community Heroes;

    Oifigear Choimhearsnachd Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (BSGI); agus

    Solar Chlasaichean Cànain Adhartach Ùlpan.


Chuir Buill fàilte air an fhiosrachadh a bha san aithisg agus mhol iad gun robh na pròiseactan GLAIF a’ sealltainn ghnìomhan a bu chòir a ghabhail os làimh aig ìre uàrd.  Chaidh iarraidh air Buill, nuair a bhiodh iad a’ tadhal air Bun-sgoiltean is Àrd-sgoiltean, gum bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gun robh luchd-obrach mothachail mu phròiseactan GLAIF agus a’ dèanamh ceangal riutha cho tric ’s a b’ urrainn dhaibh.  A bharrachd, chaidh dearbhadh a thoirt seachad gun robh Sgàilean Coimhearsnachd, am pròiseact coimhearsnachd, a’ leantainn air adhart agus dheidheadh cunntas a thoirt air rè ùine.


 THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na pròiseactan dhan deach tagraidhean a chur a-steach airson taic bho Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig ann an 2013-14 agus aithisg dheireannach phròiseactan 2012-13.


7. Buileachadh Plana Gàidhlig 2012-16 – Buidheann Ceangail Thar-

    Seirbheis airson na Gàidhlig


Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-9-13 (23kb pdf)  le ceann-latha 10 Cèitean 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mu thuilleadh adhartais ann a bhith a’ buileachadh Plana Gàidhlig 2012-16 thar Seirbheisean na Comhairle.


Chaidh cuimhneachadh do Bhuill gun deach Buidheann Ceangail Thar-seirbheis Gàidhlig a chur air bhonn gus Plana na Gàidhlig a bhuileachadh is a sgrùdadh.  Bha a’ Bhuidheann Cheangail a-nis air coinneachadh agus bha adhartas a’ dol air adhart a thaobh nithean taobh a-staigh Plana na Gàidhlig agus bha seo a’ biadhadh a-steach dhan t-Siostam Dèanadais is Rianachd Cunnairt.  Mar thoradh, bhathar a’ cumail sùil air gach raon de ghnìomhachd na Comhairle. A bharrachd, bhathar air ceangal a dhèanamh le High Life na Gàidhealtachd le aire do bhith a’ toirt na Gàidhlig a-steach do choimhearsnachdan ann an leabharlainn, clubaichean leabhair is eile.


Tron deasbad, chuir Buill cuideam air cho cudromach ’s a bha e a’ Ghàidhlig a thoirt a-steach thar Seirbheisean na Comhairle agus dh’iarr iad gun deidheadh dòigh-obrach làidir a ghabhail os làimh.  Bha dreuchd cuideachd aig Buill ann a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an raointean leithid iarrtasan-dealbhaidh agus fiosan-naidheachd.  Bha feadhainn eile air aontachadh, is iad ag aithneachadh cho cudromach ’s a bha e a’ Ghàidhlig a chumail aig cridhe nan seirbheisean, gu h-àraid tràth-bhliadhnachan agus leasachadh eaconamach.  Ann a bhith a’ goireasachadh seo, bha Buill airson na Notaichean bho choinneamhan na Buidhne Ceangail fhaicinn, agus ag iarraidh air riochdairean bho na seirbheisean taisbeanaidhean a thoirt seachad do Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig a’ sealltainn inbhe cho-ionann na Gàidhlig taobh a-staigh gnìomhachd na seirbheis aca.  Bha iad air am misneachadh ge-tà, gun robhar a’ cumail chòmhraidhean mu dhòighean gus a’ Ghàidhlig a ghabhail a-steach san ath dhreachd de Aonta na Buil Singilte.


 Às dèidh sin:


 i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan chom-pàirteachas thar-seirbheis a

   bharrachd a thaobh a bhith a’ cur Plana na Gàidhlig an sàs;

ii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh aithisgean adhartais fhaotainn mu

   ghnìomhachd nan seirbheisean san àm ri teachd a thaobh a bhith a’

   buileachadh Plana na Gàidhlig;

iii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh Notaichean bho Bhuidheann Ceangail

   Thar-seirbheis na Gàidhlig a thoirt do Bhuill;

iv. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh aithisgean a chur a-steach gu

    coinneamhan de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig san àm ri teachd a

    thaobh diofar ghnìomhan na Comhairle – leithid leasachadh eaconamach –

    gus sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig air a gabhail a-steach; agus

v. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh beachdachadh air Gàidhlig a ghabhail

    a-steach ann an Aonta na Buil Singilte.


 8. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna

    h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas”: Aithisg

    Bhuileachaidh


Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-10-13 (34kb pdf) le ceann-latha 10 Cèitean 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, gu sònraichte Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas”.


 Às dèidh geàrr-chunntas de chuid den obair a bhathar a’ dèanamh gus Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas” a bhuileachadh, gu h-àraid obair chom-pàirteach a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis ann an 2014 agus tachartasan eile ann an 2014, geamaichean a’ Cho-fhlaitheis, An Ryder Cup agus 2na Bliadhna Tilleadh Dhachaigh nam measg, chaidh ceistean nam Ball a fhreagairt mar a leanas:


    bha am Meòrachan Tuigse le Alba Nuadh fhathast a’ dol, agus e air a shoidhnigeadh an toiseach ann an 2002.  Dheidheadh a bharganachadh a-rithist mar phàirt den Mhòd Nàiseanta ann an 2014.  Bha obair a’ dol air adhart le riochdairean às Alba Nuadh gus tachartasan a chruthachadh airson a’ Mhòid Nàiseanta; agus

    bhathar gus bruidhinn mun mhiann airson tachartasan air iomall a’ Mhòid Nàiseanta a bhith air an cumail ann am bailtean faisg air làimh, leithid Inbhir Pheofharain agus Inbhir Narann, gu bhith air an toirt a-steach do chòmhraidhean leis a’ Chomunn Ghàidhealach.


Às dèidh do Bhuill dearbhadh fhaighinn gum faodadh iad a bhith an làthair aig coinneamhan a’ buntainn ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, ma bha iad airson sin a dhèanamh, rinneadh na leanas:


 i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh

   Cuspair nan Ealan, nam Meadhanan agus an Dualchais ann am Plana Gàidhlig

   2012-2016;

ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann taic a thoirt do ghnìomhachd is com-

   pàirteachas àrd-inbhe airson Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis ann an 2014;

   agus

iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun obraicheadh a’ Chomhairle le com-

    pàirtichean gus aoigheachd a thoirt do thachartasan àrd-inbhe a’ buntainn

    ris na h-ealain, na meadhanan agus nithean cultarach Gàidhlig sa

    Ghàidhealtachd gus buannachdan eaconamach a thoirt seachad taobh a-

    staigh sgìre na Comhairle.


 9. Taisbeanadh bho Àrd-oifigeir a’ Chomuinn Ghàidhealaich


 Dh’fhoillsich An Dr A Nic na Ceàrdaich com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo mar Chathraiche Mòd Loch Aillse, ach air dhi an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin i nach robh seo a’ cur bacadh oirre bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.

Dh’fhoillsich Mgr D Mac a’ Mhuilleir com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo mar Stiùiriche Cuillin FM, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.


Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-11-13 (31kb pdf) le ceann-latha 9 Cèitean 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air taisbeanadh bho Mhgr Iain Moireasdan, Àrd-oifigeir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, mu ghnìomhachd chom-pàirteach agus le cunntas as ùr mu eagrachadh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014 ann an Inbhir Nis.


Thug Mgr Moireasdan taisbeanadh seachad air eachdraidh a’ Chomuinn Ghàidhealaich bhon a chaidh a chur air bhonn ann an 1891, agus dh’innis e gun deach a’ chiad Mhòd a chumail san Òban ann an 1892.  B’ e am Mòd prìomh thachartas ealain na h-Alba airson na Gàidhlig agus bha e air gabhail àite gach bliadhna bho 1892, ach a-mhàin tro bhliadhnachan cogaidh. Bha ACG a’ faighinn taic bhon riaghaltas, pàipearan-naidheachd is na meadhanan, ùghdarrasan ionadail, buidhnean eile san earrainn phoblaich agus buidhnean coimearsalta tro sponsaireachd ionadail. Às dèidh prìomhachasan is planaichean ACG airson an ama ri teachd a mhìneachadh, thug Mgr Moireasdan seachad staitistig mu chom-pàirteachas anns a’ Mhòd agus buaidh eaconamach a’ Mhòid thar nam bliadhnachan, a’ comharrachadh cuideachd gun robh dreuchd nam Mòdan ionadail cuideachd a’ fàs, a bharrachd air a’ Mhòd Nàiseanta.  Bhathar an dòchas gun toireadh BBC Alba barrachd còmhdach dhan Mhòd sna bliadhnachan ri teachd.


 Rè na deasbaireachd, bheachdaich Buill air an lùghdachadh ann an còmhdach rèidio den Mhòd, agus gun robh seo na bhriseadh-dùil seach gun robh e air còrdadh ri iomadh neach gun Ghàidhlig a bhith ag èisteachd ri prògraman rèidio mu sheinn Ghàidhlig aig a’ Mhòd.  Bhathar ag aithneachadh gun robh daoine a bha a’ cur nam Mòdan ionadail air dòigh a’ dèanamh obair mhòr agus bhathar an dòchas, san àm ri teachd, gum faigheadh Mòdan ionadail barrachd follaiseachd.  Mar fhreagairt, chaidh mìneachadh gun deach maoineachadh de mu £7 mìle airson rèidio a’ Mhòid a tharraing air ais agus, ged a bha am prògram air leantainn air adhart airson dà bhliadhna le maoineachadh eile, nach robh seo seasmhach tuilleadh.  Nam biodh maoineachadh eile ann, dheidheadh beachdachadh air seo a chur air dòigh a-rithist.  Bha obair gus ìomhaigh nam Mòdan ionadail a thogail a’ dol air adhart, ach ’s e aon rud a bha nan aghaidh gun robh iad tric a’ tachairt mun aon àm, agus bha seo a’ cur cuideam air goireasan luchd-obrach a bha mar-thà cuingealaichte.  Bhathar a’ moladh teicneòlas eadar-lìn a chleachdadh barrachd, gu h-àraid lìonraidhean sòisealta.



A thaobh an lùghdachadh ann an com-pàirteachas sa Mhòd bho bhun-sgoil gu àrd-sgoil, chaidh mìneachadh nach robh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cho bitheanta aig ìre àrd-sgoile agus bhathar a’ coimhead ri dòighean eile gus deugairean a chom-pàirteachadh.  Bha fèill air com-pàirteachas ann an còisirean ach dh’fheumadh barrachd stiùirichean-ciùil a bhith air an trèanadh.  Bheachdaich Buill gun robh Eden Court a’ còrdadh ri daoine, gu h-àraid deugairean, mar àite airson Mòdan ionadail agus ged a bha e daor, bha seo air a bhith cudromach gus Mòd Inbhir Nis fhàs.



Às dèidh sin:



i. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann taic a thoirt do chom-pàirteachas

   leantainneach eadar a’ Chomhairle agus An Comunn Gàidhealach; agus

ii. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas a thaobh Mòd Nàiseanta

   Rìoghail 2014.



Chrìochnaich a’ choinneamh aig 4.10f.