Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 14 August 2014

Agenda: Read the Agenda

 
Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin 14 Lùnastal 2014 aig 10.00m.

Brath Craoladh-lìn:  Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear airson 12 mìosan às dèidh sin e.

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh a dhèanamh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/
Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra

Thoiribh an aire gun tèid a’ choinneamh a chumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.

Gnothachas

1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo.  Bu chòir do Bhuill dèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt.  Gheibhear comhairle air seo bho Oifigearan ro àm na coinneimh.

3. Cumhachdan Fosaidh

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn a thoirt fa-near nach deach na Cumhachdan Fosaidh a dheònaich a’ Chomhairle aig a coinneimh air 26 Ògmhios 2014 a chleachdadh a thaobh obrach Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig.

4. Am Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd" Aithisg Bhuileachaidh      

Sgaoileadh an Aithisg Àir. GIG/14/14 bho 29 Iuchar 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, Cultair agus Spòrs, le fiosrachadh na cois mun adhartas air buileachadh Cuspair 1 den Phlana Ghàidhlig (GLP) 2012-16, “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd". Tha seo ag ùrachadh an fhiosrachaidh bho Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail na Comhairle le cunntas air an adhartas bho 31 Dùbhlachd 2013.

Tha cuireadh ga thoirt do Bhuill na Buidhne:-

i. beachdachadh air an adhartas chum buileachadh a’ Chuspair Dachaigh is Coimhearsnachdan ann an GLP 12-16;
ii. aontachadh gun cuirear ris an Rannsachadh Nàiseanta air Ionnsachadh na Gàidhlig am measg Inbheach; ag obair le Bòrd na Gàidhlig agus le com-pàirtichean eile gus measadh a dhèanamh air an fharsaingeachd ghoireasan ionnsachaidh Gàidhlig dha inbhich, a’ gabhail a-steach ghoireasan air-loidhne agus stuthan eile gus taic a chumail ri pàrantan sgoilearan Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh inbheach eile; agus 
iii. aontachadh gun lean an obair thar-bhuidheann gus brosnachadh a thoirt do ionnsachadh na Gàidhlig agus cothroman air a cleachdadh ann an àitean-obrach, dachaighean, sgoiltean agus coimhearsnachdan

5. Am Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 4 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Àite-obrach" Aithisg Bhuileachaidh   

Sgaoileadh an Aithisg Àir. GIG/15/14 bho 1 Lùnastal 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, Cultair agus Spòrs, le fiosrachadh na cois mun adhartas chum buileachadh Cuspair 4 den Phlana Ghàidhlig (GLP) 2012-16, “Na nì sinn airson Gàidhlig san Àite-obrach". Tha seo ag ùrachadh an fhiosrachaidh ann an Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail na Comhairle le cunntas air an adhartas bho 31 Dùbhlachd 2013.

Tha cuireadh ga thoirt do Bhuill na Buidhne:-

i. beachdachadh air an adhartas chum buileachadh Cuspair 4;
ii. aontachadh air Sgrùdadh Sgilean Gàidhlig agus Ro-innleachd Sgilean Dà-chànanach a thoirt air adhart;
iii. aontachadh air adhartas gus Gàidhlig a thoirt a-steach don Ionad Sheirbheis;
iv. aontachadh air barrachd rannsachaidh mu na cothroman air cruthachadh meanbh-làrach Ghàidhlig mar phàirt de phrìomh làrach-lìn na Comhairle;
v. aontachadh air rannsachadh mu na cothroman a thaobh sheiseanan ùra air Gàidhlig sa Chomhairle/Mothachadh na Gàidhlig; agus
vi. aontachadh air cruthachadh cumha coitcheann a thaobh Gàidhlig ga cleachdadh ann an Aontan Ìre Seirbheis/Cùmhnantan Lìbhrigeadh Seirbheis/Cùmhnantan air feadh na Comhairle.

6. High Life na Gàidhealtachd – Dèanadas a thaobh na Gàidhlig

Nì Mgr D Wilby, Ceannard Dèanadais aig High Life na Gàidhealtachd taisbeanadh le cunntas air obair High Life na Gàidhealtachd (HLH) a thaobh na Gàidhlig. Bidh an taisbeanadh aige cuideachd a’ coimhead ris a’ chom-pàirteachas eadar a’ Chomhairle agus HLH a thaobh buileachadh a’ Phlana Ghàidhlig 2012-16, a bhuineas do HLH.

Tha cuireadh ga thoirt do Bhuill na Buidhne:-

i. Beachdachadh air an taisbeanadh; agus
ii. aontachadh gun lean obair nan oifigearan le co-oibrichean aig High Life na Gàidhealtachd chum gus leasachadh a dhèanamh air cleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig air feadh gach eileamaid den obair aca

7. Pàipear Co-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air Bile Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig               

Sgaoileadh an Aithisg Àir GIG/16/14 bho 30 Iuchar 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, Cultair agus Spòrs a’ toirt cothrom do na Buill cur ris an dreach fhreagairt gu Co-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air Bile Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
Tha cuireadh ga thoirt do Bhuill na Buidhne:-

i. beachdachadh air an dreach fhreagairt chun na Co-chomhairle mar a leughar ann an Leas-phàipear 1 den aithisg; agus
ii. aontachadh gun tèid a dèanamh deiseil agus a cur a-steach gu Riaghaltas na h-Alba.

8. Taisbeanadh le CLÌ Gàidhlig

Nì Mgr D I Mac an t-Saoir, Stiùiriche taisbeanadh air obair Chomann an Luchd-ionnsachaidh (CLÌ) aig ìre choimhearsnachd ann an com-pàirteachas leis a’ Chomhairle. 

Tha cuireadh ga thoirt do Bhuill na Buidhne beachdachadh air an taisbeanadh seo.

9. Am Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" Aithisg Buileachaidh   

Sgaoileadh Aithisg Àir. GIG/17/14 bho 4 Lùnasatal 2014 le Stiùiriche an Fhoghlam, Cultair agus Spòrs le ùrachadh-fios air buileachadh a’ Phlana Ghàidhlig 2012-16 Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam”. Tha cuideachd fiosrachadh na cois air farsaingeachd mhòr iomairtean nàiseanta is ionadail.

Tha cuireadh ga thoirt do Bhuill na Buidhne:-
 
i. beachdachadh air an adhartas chum buileachadh Cuspair an Fhoghlaim sa Phlana Ghàidhlig;
ii. aontachadh gun tèid dàta staitisteil air Foghlam Gàidhlig ùrachadh agus fhoillseachadh; agus am Mapa Foghlam Gàidhlig Air-loidhne, nuair a bhios na h-àireamhan bho Chunntas nan Sgoiltean ri fhaighinn; agus
iii. aontachadh ri barrachd sgrùdaidh air dàta bho Rannsachadh Gach Tidsear ach am faicear a bheil cothroman ann air tidsearan Gàidhlig ùra a lorg am measg nan tidsearan a tha ag obair aig a’ Chomhairle mar-thà.