Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 12 November 2015

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 12 Samhain 2015 aig 10.30m.

Brath Craoladh-lìn:  Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/
Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra

Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.

Gnothachas

1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo.  Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

4. “Ar Stòras Gàidhlig”:  A’ Ghàidhlig mar Sho-mhaoin Eaconamach agus Shòisealta.  Taisbeanadh a’ toirt sealladh coitcheann air Aithisg Rannsachaidh agus Com-pàirteachas Leantainneach Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE), le Niall Ros, Ceannard Sgioba Fàs Coimhearsnachd, HIE.

Bheir Mgr Niall Ros seachad taisbeanadh mun Aithisg Rannsachaidh ùr-ghnàthach aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, air a co-mhaoineachadh leis a’ Chomhairle, agus an Com-pàirteachas Leantainneach a thaobh na Gàidhlig mar Sho-mhaoin Eaconamach agus Shòisealta.  Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.

5. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach" – Aithisg Bhuileachaidh

Tha Aithisg Àir. GIG/11/15 le ceann-latha 30 Dàmhair 2015 ga cuairteachadh le  Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach”.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i. beachdachadh air buileachadh Cuspair an Leasachaidh Eaconamaich anns a’ Phlana Ghàidhlig;
ii. fàilte a chur air soirbheas eaconamach nan tachartasan mòra a thathar a’ cumail ann an Inbhir Nis;
iii. aontachadh gun dèanar tuilleadh sgrùdaidh air dòighean gus tachartasan àrd-inbhe a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig, anns a bheil buannachdan eaconamach is cultarail, a thàladh is a thoirt air aoigheachd dhan Ghàidhealtachd;
iv. aontachadh gun tèid gnìomhachd leantainneach air adhart le Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba a’ buntainn ri in-ghabhaltas Gàidhlig ann an Lìonra Fiosrachaidh na Margaidh Obrach;
v. aontachadh gum brosnaichear margaidheachd Dhreuchdan Gàidhlig agus Chothroman Obrach le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-Alba agus feadhainn eile; agus
vi. aontachadh gun àraichear is gun leasaichear comas eaconamach chom-pàirteachasan, nam measg Fèis Bhlas, Fèisean nan Gàidheal, Fèis Rois agus An Comunn Gàidhealach.

6. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 4 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Àite-obrach" – Aithisg Bhuileachaidh

Tha Aithisg Àir. GIG/12/15 le ceann-latha 2 Samhain 2015 ga cuairteachadh le  Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Phlana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 4 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Àite-obrach”. Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an Aithisg.

7. MG Alba agus Co-chomhairle Phoblach Riaghaltas na RA mu Ath-sgrùdadh Cairt Rìoghail a’ BhBC: Craoladh Gàidhlig na h-Alba. Taisbeanadh le Iseabail Nic an t-Sagairt, Ball Bòrd MG Alba

Bheir A’ Bh-uas Iseabail Nic an t-Sagairt, Ball Bòrd MG Alba, seachad taisbeanadh mu shuidheachadh MG Alba a thaobh Ath-sgrùdadh na Cairte. Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.

8. Aonta Oifigeil do Fhreagairt Chomhairle na Gàidhealtachd do Cho-chomhairle Riaghaltas na RA mu Ath-sgrùdadh Cairt Rìoghail a’ BhBC

Tha Aithisg Àir. GIG/13/15 le ceann-latha 2 Samhain 2015 ga cuairteachadh le  Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ buntainn Craoladh Gàidhlig na h-Alba ann an Co-chomhairle Riaghaltas na RA mu Ath-sgrùdadh Cairt Rìoghail a’ BhBC.  Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn aonta oifigeil a thoirt do Fhreagairt na Comhairle a tha Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig air a chur a-steach.

9. Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) – Aithisgean Deireannach 2014-15

Tha Aithisg Àir. GIG/14/15 le ceann-latha 2 Samhain 2015 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt seachad Aithisgean deireannach mu phròiseactan a tha air am maoineachadh bhon taobh a-muigh tro Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an Aithisg.

10. Bile Foghlaim (Alba).  Taisbeanadh a’ toirt sealladh coitcheann air buaidh an reachdais seo air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig le Mgr Brus Robasdan, Ceannard an Fhoghlaim agus an Ionnsachaidh san Eadar-ama, Bòrd na Gàidhlig

Bheir Mgr Brus Robasdan seachad taisbeanadh a’ buntainn ris na pàirtean Gàidhlig ann am Bile an Fhoghlaim (Alba), a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aige air Bòrd na Gàidhlig agus Ùghdarrasan Ionadail, agus an com-pàirteachas nàiseanta a tha Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail os làimh. Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.

11. Planadh air Adhart airson Choinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an 2016: Cuspairean agus Taisbeanaidhean

Tha Aithisg Àir. GIG/15/15 le ceann-latha 30 Dàmhair 2015 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh agus Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh.  Tha an aithisg a’ moladh nan Cuspairean a thaobh Cànan na Gàidhlig air am bu chòir a bhith ag aithris aig gach tè de choinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an 2016, a bharrachd air clàr-ama de thaisbeanaidhean bho bhuidhnean com-pàirteach gus cur ri deasbad is còmhraidhean mu bhuileachadh a’ Phlana.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn prògram chlàran-gnothaich is thaisbeanaidhean Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aontachadh, mar a tha air a mhìneachadh san aithisg.