Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 1 February 2017

Minutes: Read the Minutes

Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diciadain, 1 Gearran 2017 aig 10.30m.

An làthair:

Mgr S Farlow, Mgr C Friseal, Mgr S Friseal, Mgr S Fuller, Mgr I Gòrdain, Mgr S MacGilleBhrath, Mgr C MacLeòid, A’ Bh-uas M NicPheadrais, An Dr A Nic na Ceàrdaich

Neo-bhall cuideachd an làthair:

Mgr A Mac a’ Mhuilleir 

A’ frithealadh na coinneimh:

Mgr B Alexander, Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas N Young, Manaidsear Cùraim & Ionnsachaidh na Sgìre an Iar, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr I Jackson, Oifigear Foghlaim, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr Ruairidh MacAoidh, Oifigear Leasachaidh 1+2 Chànan na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M A NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas D Ghrannd, Oifigear Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M Mulholland, Oifigear Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicPheadrais, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, 
Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr C Moireasdan, Oifigear Leasachaidh Foghlaim Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas J NicDhòmhnaill, Prìomh Oifigear Eadar-theangachaidh, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra

Cuideachd a’ frithealadh na coinneimh:

A’ Bh-uas S NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig
Mgr D Caimbeul, Àrd-Oifigear, MG ALBA
Mgr A MacIllinnein, Ceannard e-Sgoil, Comhairle nan Eilean Siar

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.

Mgr S Friseal sa Chathair

Gnothach

1. Leisgeulan

Ghabhadh leisgeul às leth Mhgr F Parr agus na M-uas C Stephen.

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Cha robh Foillseachaidhean Com-pàirt ann.

3. Naidheachdan Matha

Chuireadh liosta de Naidheachdan Matha fa chomhair nam Ball, a’ buntainn ri agus a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig.

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.

4. Taisbeanadh – Bòrd na Gàidhlig    

Thar na bliadhna mu dheireadh, bha Bòrd na Gàidhlig air a bhith a’ leasachadh an ath thionndadh de Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a bha ri dhol a-mach gu co-chomhairle airson 3 mìosan. A’ leantainn air adhart bho Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17, bhiodh am plana ùr a’ toirt prìomhachas do ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig. Cuideachd, air 1 Gearran 2017, bha ullachaidhean Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, a bha a’ buntainn ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, a’ tighinn gu buil agus bha buileachadh agus buaidh an Stiùiridh Reachdail a’ nochdadh gu làidir san dreachd Phlana. Thug a’ Bh-uas Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, seachad sealladh coitcheann air an obair a tha Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail os làimh an-ceartuair a thaobh seo shuas. 

Ann an taisbeanadh mionaideach, mhìnich a’ Bh-uas NicIllinnein eachdraidh Bhòrd na Gàidhlig agus mar a bha e a’ cleachdadh a bhuidseat £5.5m gus cothrom gu cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh. Ann a bhith a’ leasachadh a threas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig, bhathar an dòchas brosnachadh a thoirt do na h-uimhir de dhaoine ’s a ghabhadh gus beachd a thoirt seachad air a shusbaint. Dheidheadh aire a ghabhail do shoirbheasan a’ Phlana roimhe, agus do na rudan nach robh air obrachadh cho math. A’ tionndadh gu foghlam agus chun an stiùiridh reachdail a’ buntainn ri Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, chaidh an àireamh sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre P1 a shoilleireachadh agus bha co-roinn shusbainteach dhiubh ann an sgìre na Gàidhealtachd. Bheireadh an reachdas ùr seo còir do phàrantan iarraidh gun deidheadh Foghlam Gàidhlig a sholarachadh agus bha e a’ mìneachadh frèam a dh’fheumadh ùghdarrasan foghlaim a leantainn nuair a bhathar a’ dèanamh co-dhùnadh mu iarrtas.

San deasbaireachd, chaidh na puingean a leanas a thogail:-

  • chaidh fàilte a chur air coileanaidhean Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ neartachadh na Gàidhlig;
  • chaidh iomradh a thoirt air a’ Phlana Ghàidhlig a bha Coimisean nan Croitearan air a leasachadh agus chaidh innse gun robh mòran chroitearan a’ bruidhinn na Gàidhlig;
  • chaidh fàilte a chur air na bha de bhuidhnean poblach a’ toirt na Gàidhlig a-steach seach gun robh seo a’ toirt na Gàidhlig an lùib cleachdadh làitheil, agus bha soidhnichean rathaid dà-chànanach na eisimpleir dhen a seo;
  • bha Pàrlamaid na h-Alba air a h-ainm a chur ri amasan seasmhach UNESCO airson leasachadh agus b’ fhiach do Bhòrd na Gàidhlig rannsachadh a dhèanamh air dòighean gus brath a ghabhail air a seo a thaobh cultair;
  • bu chòir an aon ùghdarrachadh reachdail a bhith aig a’ Ghàidhlig agus a tha aig Cuimris; 
  • chaidh fiosrachadh a shireadh, agus fhaotainn, mun taic a dh’fhaodadh a bhith air a thoirt seachad do phàrantan ann an Drochaid a’ Bhanna a bha airson Aonad Foghlam Gàidhlig a stèidheachadh;
  • chaidh togail air mar a bha Bòrd na Gàidhlig an lùib na Cairt Eòrpaich airson Chànanan Roinneil is Mion-chànanan. Bha a’ chairt seo a’ brosnachadh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an ìre as bunaitiche sa choimhearsnachd agus bhiodh e feumail an aithisg adhartais mu dheireadh aig Bòrd na Gàidhlig chun na buidhne seo fhaicinn;
  • bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig sgrùdadh a dhèanamh air cothroman maoineachaidh do sgìrean le beagan sluaigh sa Ghàidhealtachd, gus faicinn mar a dh’fhaodadh maoineachadh a bhith air a tharraing a-nuas fo sgèith dhiofar bhuidhnean Eòrpach agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean. Ann am mòran sgìrean dùthchail, bha e doirbh ceangal a thogail leis a’ Ghàidhlig air sgàth dhuilgheadasan còmhdhalach is eile;
  • bha dragh air cuid de phàrantan gum faodadh a bhith a’ taghadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhith air fhaicinn le daoine eile mar a bhith a’ cur ion-obrachadh an Aonaid Fhoghlaim Bheurla ann an cunnart; agus 
  • chaidh iomradh a thoirt air soirbheas MUZZY, goireas air-loidhne gus dàrna cànan a theagasg do chloinn. Bha na cothroman is na buannachdan a bha an lùib dà-chànanais do chloinn air an deagh aithneachadh agus chaidh moladh gum faodadh an goireas seo a bhith air atharrachadh gus Gàidhlig a theagasg. A thaobh seo, chaidh làraich-lìn a bha mar-thà air-loidhne leithid Go! Gaelic do chloinn a shoilleireachadh. 

Às dèidh taing a thoirt dhan Bh-uas NicIllinnein:-

i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh; agus
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh an aithisg mu dheireadh aig Bòrd na Gàidhlig dhan Chairt Eòrpach airson Chànanan Roinneil agus Mion-chànanan a bhith air a chuairteachadh chun nam Ball.

5. Taisbeanadh – MG ALBA                        

Thug Mgr Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA, seachad taisbeanadh mu mholaidhean a tha a’ sireadh barrachd tasgaidh on BhBC ann am BBC ALBA fo Chairt ùr a’ BhBC, a thòisich air 1 Faoilleach. Bha Comhairle na Gàidhealtachd air taic a thoirt dhan a seo tro litrichean taic chun an Àrd-Stiùiriche.

San taisbeanadh, mhìnich Mgr Caimbeul na trì meuran de MG ALBA: BBC ALBA, Learn Gaelic agus FilmG. A’ gabhail gach aon dhiubh mu seach, mhìnich e gun deach aithneachadh nach b’ e am meadhan craolaidh an dòigh a b’ fheàrr gus Gàidhlig a theagasg agus mar sin chaidh Learn Gaelic a leasachadh. Bha e cudromach gun robh àite aig a’ Ghàidhlig san t-saoghal dhidseatach agus mar sin, chaidh an làrach-lìn seo a dhèanamh, a’ toirt grunn ghoireasan do luchd-ionnsachaidh – faidhlichean fuaim agus faclair air-loidhne nam measg. Bha FilmG, co-fharpais fhilmichean goirid, ag amas air tàlant dhaoine òga a leasachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus bha iomadh tagradh a’ tighinn bho sgìre na Gàidhealtachd. Chaidh tagraidhean Àrd-Sgoil Gheàrrloch a thogail mar eisimpleir sònraichte. Bha BBC ALBA, coltach ri iomadh seanail eile, a’ dèiligeadh ri dùbhlain o fharpaisich eile leithid Netflix agus Amazon Prime ach bha luchd-amhairc dìleas aige a bha a’ riochdachadh 14% de luchd-amhairc iomlan na h-Alba. Ach, bha aois an luchd-amhairc gu math àrd agus chaidh aithneachadh gur e dùbhlan a bh’ ann luchd-amhairc nas òige a thàladh – rud ris am faodaiste aghaidh a chur gu ìre, nam faigheadh an seanail barrachd ionmhais gus prògraman ùra a chraoladh.

San deasbaireachd, chaidh na puingean a leanas a thogail:-

  • chaidh fàilte a chur air an adhartas a bha MG ALBA air a dhèanamh sna bliadhnaichean mu dheireadh. Gu sònraichte, bha BBC ALBA air cànan is cultar na Gàidhlig a thoirt gu luchd-amhairc farsaing;
  • bu chòir fo-thiotailean a thoirt seachad airson òrain Ghàidhlig; 
  • bha FilmG a’ toirt buannachd mhòr do sgoiltean is buidhnean coimhearsnachd agus a’ toirt cothrom do dhaoine òga com-pàirt a ghabhail ann am pròiseactan sna meadhanan agus an cuid sgilean Gàidhlig a chleachdadh; 
  • bu chòir coiteachadh a dhèanamh ri Buill Pàrlamaid na h-Alba gus maoineachadh MG ALBA a mheudachadh gus am biodh co-roinn choimeasach de chìs cead an telebhisein air a chosg ann an Alba;
  • bha BBC ALBA a’ tabhann rudeigin eile seach na bha telebhisean a’ mhòr-shluaigh a’ craoladh;
  • chaidh aithneachadh gun robh an deagh chuid phrògraman air an ath-chraoladh air BBC ALBA ach, uaireannan bhathar a’ cur fàilte air a seo. Chaidh aithneachadh ge-tà, gun robh seòrsaichean phrògraman ann nach robh freagarrach airson an ath-chraoladh; agus
  • ged nach robh a h-uile duine a’ cur fàilte air ball-coise air BBC ALBA, b’ e innleachd a bh’ ann gus aire a thogail mun Ghàidhlig agus a’ Ghàidhlig a thoirt gu aire choimhearsnachdan is earrannan den luchd-amhairc aig nach biodh buntanas ris a’ chànan roimhe.

Às dèidh taing a thoirt do Mhgr Caimbeul, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh. 

6. Cùmhnant nas Cothromaiche airson BBC ALBA, Aonta Frèama airson Craoladh Gàidhlig na h-Alba 

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/1/17 le ceann-latha 9 Faoilleach 2017 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ sireadh aonta airson na freagairt a chuir Comhairle na Gàidhealtachd a-steach gu Àrd-Stiùiriche a’ BhBC agus Stiùiriche Dhùthchannan is Roinnean a’ BhBC.

Chaidh deasbaireachd a chumail mun bhriathrachas a bhathar a’ cleachdadh san aithisg, is seo a’ toirt beachd gur dòcha nach biodh MG Alba soirbheachail ann a bhith a’ gleidheadh barantas airson 20 uair a thìde san t-seachdain de phrògraman ùra, a dh’aindeoin gealltanasan sna freagairtean a fhuaireadh on BhBC gun robh dealas aca do bhith a’ toirt taic dhan Ghàidhlig tro chraoladh ann an Cairt ùr. Chaidh fàilte a chur air cho misneachail ’s a bha na freagairtean ach bha e cudromach gun robhar a’ cumail ris a’ ghealladh seo.

DH’AONTAICH a’ Bhuidheann aonta a thoirt dhan fhreagairt, mar a thathar a’ mìneachadh ann am Pàipear-taice 1 dhen aithisg.  

7. Taisbeanadh – e-Sgoil

Thug Mgr Aonghas MacIllInnein, Ceannard e-Sgoil, Comhairle nan Eilean Siar, seachad taisbeanadh mu leasachaidhean e-Sgoil, goireas foghlaim airson Alba air fad, stèidhichte anns na h-Eileanan Siar. 

Chaidh e-Sgoil a chur air bhonn mar fhreagairt do dhuilgheadasan ann a bhith a’ fastadh tidsear Matamataig ann am Barraigh. Air sgàth seo, chaidh Matamataig a lìbhrigeadh tro theicneòlas didseatach agus, mar thoradh, thàinig e am follais gun robh an dòigh san robh daoine òga ag ionnsachadh chuspairean air atharrachadh. Chaidh mìneachadh a thoirt air grunn phròiseactan a bha e-Sgoil mar-thà air a ghabhail os làimh, nam measg solar Gàidhlig gu Acadamaidh Hazlehead agus Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig; oideachadh fìdhle is brass; cùrsaichean luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig airson Nuadh Phreantaisean; agus taic do bhith a’ lìbhrigeadh chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha e-Sgoil stèidhichte ann an Steòrnabhagh, ach thugadh iomradh air co-obrachadh le Comhairlean eile – Comhairle na Gàidhealtachd nam measg. Chaidh fiosrachadh a thoirt seachad cuideachd mun teicneòlas a bhathar a’ cleachdadh is seo a’ gabhail a-steach Glow, Office 365, Yammer, One Drive, agus Vscene. Thugadh gealltanas do Bhuill nach b’ e amas e-Sgoil àireamhan thidsearan a lùghdachadh, ach dòigh a thabhann gus foghlam a lìbhrigeadh aig àm nuair a bha iomadh Comhairle an lùib chuingealachaidhean ionmhasail doirbh, àireamhan sgoilearan a’ tuiteam agus feum ann co-ionnanachd a bhrosnachadh a dh’aindeoin suidheachadh cruinn-eòlasach.

San deasbaireachd, chaidh na puingean a leanas a thogail:-

  • bha e-Sgoil a’ tabhann buannachd mhòr do Chomhairle na Gàidhealtachd agus chaidh innse do Bhuill gun robhar an-ceartuair a’ teagasg Fiosaigs ann an Àrd-Sgoil a’ Phluic tron teicneòlas seo. Dh’fhaodadh e cuideachd a bhith air a chleachdadh thar raointean eile den churraicealam agus bhathar an dòchas gun gabhadh togail air an fhrèam a bha Comhairle nan Eilean Siar air a chruthachadh;
  • ma bha dùnadh/dùnadh rè ùine mu choinneamh sgoiltean ann an cuid de sgìrean, ma dh’fhaodte gum bu chòir coimhead air ionnsachadh didseatach; agus
  • bha dòighean-obrach leithid seo air obrachadh ann an àiteachan eile, agus chaidh cùl-raointean Astràilia a thogail mar eisimpleir sònraichte.

Às dèidh taing a thoirt do Mhgr MacIllinnein, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh. 

8. Plana na Gàidhlig – Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2016-17

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/2/17 le ceann-latha 20 Faoilleach 2017 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt seachad dreachd gheàrr-chunntas, airson aonta, den Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail a thaobh Plana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle. 

San deasbaireachd, chaidh na puingean a leanas a thogail:-

  • chaidh fàilte a chur air an ìre fiosrachaidh san aithisg agus chaidh na h-oifigearan a mholadh airson nan coileanaidhean lìonmhor a bha air an ainmeachadh;
  • a’ coimhead ri Plana na Gàidhlig 3, bhathar an dòchas gun deidheadh soirbheas GLP2 a choileanadh a-rithist;
  • chaidh soilleireachadh a shireadh mun airgead a bha gu sònraichte air im-dhìon airson na Gàidhlig. Gus an deidheadh seo a dhearbhadh, bhiodh e doirbh dèanamh cinnteach gun robhar a’ dèanamh an fheum as fheàrr dhen airgead, gu h-àraid ri linn staid làithreach an eaconamaidh; 
  • chaidh soirbheas Fèis Bhlas aithneachadh; agus
  • chaidh fàilte a chur air an àireimh sgoiltean a bha air Bùithtean-obrach Film a ruith, cho math ris na coileanaidhean lìonmhor aca.

DH’AONTAICH a’ Bhuidheann an Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail a’ còmhdach na h-ùine 1 Faoilleach 2016 gu 31 Faoilleach 2017. 

9. Leasachadh 1+2 Chànan (Gàidhlig)                

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/3/17 le ceann-latha 24 Faoilleach 2017 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu inbhe làithreach prògram trèanaidh is leasachaidh 1+2 Chànan Gàidhlig, tro:- 

  • sgaoileadh chùrsaichean trèanaidh Gàidhlig do thidsearan le glè bheag de eòlas mun Ghàidhlig;
  • sgaoileadh chùrsaichean eòlas-teagaisg Gàidhlig 1+2 do thidsearan le eòlas mun Ghàidhlig mar-thà;
  • leasachadh ghoireasan àrd-inbhe gus an dà bhuidhinn thidsearan uidheamachadh airson an cuid teagaisg a lìbhrigeadh; agus
  • leasachadh shlighean soilleir do thidsearan gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh airson an cuid leasachaidh pearsanta fhèin. 

Às dèidh geàrr-chunntas den aithisg, chuir Buill cuideam air cho cudromach ’s a bha a’ Ghàidhlig ann an dearbh-aithne àite. Bha cànan is cultar na Gàidhlig aig teis-meadhan foghlam sa Ghàidhealtachd agus bu chòir dhaibh a bhith nam pàirt den Churraicealaim airson Sàr-mhathais. 

Chaidh a dhearbhadh cuideachd gun robh a’ Chomhairle a’ tabhann chùrsaichean còmhnaidheach airson Gàidhlig ionnsachadh, ach gun robh na cùrsaichean air an robhar a’ bruidhinn san aithisg a’ buntainn ri Go! Gaelic agus gur ann do thidsearan le glè bheag de Ghàidhlig a bha iad.

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do leasachadh 1+2 Gàidhlig gu ruige seo agus a bhuilean. 

10. Poileasaidh Ath-sgrùdaichte air Còmhdhail airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig 

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/4/17 le ceann-latha 24 Faoilleach 2017 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ sireadh bheachdan mu phoileasaidh ath-sgrùdaichte airson solar còmhdhalach airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Bha am Poileasaidh cuideachd a’ gabhail a-steach còmhdhail gu sgoiltean seòrsaichte, ged a tha an earrann sin taobh a-muigh meud-comais na Comataidh seo.

San deasbaireachd, chaidh na ceistean a leanas a thogail:-

  • chaidh beachd a thogail gun robh am moladh gun a bhith a’ cur pàiste òg leotha fhèin air bus còmhla ri sgoilearan aois àrd-sgoile, a’ dèanamh claon-bhreith taiceil air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig seach gun robh seo mar-thà a’ tachairt ann an cuid de sgìrean le sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla; 
  • chaidh beachd a thogail gum faodadh sgoilear nas sine a bhith nam ‘budaidh’ air còmhdhail leithid seo;
  • bha dragh ann gum faodadh am poileasaidh a bhith air a chleachdadh mar innleachd airson a bhith a’ diùltadh cead airson solar aig ìre ionadail, ged a chuireadh an t-ath-sgrùdadh bliadhnail a bha air a ghealltainn aghaidh ris a seo;
  • gus còmhdhail a lùghdachadh agus foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh cho ionadail ’s a ghabhadh, bu chòir dhan Chomhairle coimhead air dòighean gus teicneòlasan ùra a chleachdadh agus dòighean gus làn-bhrath a ghabhail air sgaoileadh nan innealan chrome;
  • chaidh iomradh a thoirt air an sgeama còmhdhail coimhearsnachd a chaidh fheuchainn mar phìleat ann an Cataibh agus a bha cuideachd a’ toirt chloinn dhan sgoil; agus
  • chaidh soilleireachadh a shireadh, agus fhaotainn, a thaobh nam Buidhnean Sgoiltean Co-cheangailte airson Bun-Sgoil Chnoc na Creige agus Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich. Gu sònraichte, chaidh moladh gum biodh e na b’ fheàrr nam biodh Bun-Sgoil Rosehall agus Bun-Sgoil Luirg air an gabhail a-steach ann an sgìre Bun-Sgoil Chnoc na Creige.  

DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh am beachdan mun dreachd Phoileasaidh aithris do Chomataidh Seirbheisean an Fhoghlaim, na Cloinne agus nan Inbheach airson co-dhùnadh.

11. Leasachadh Treas Tionndadh de Phlana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/5/17 le ceann-latha 20 Faoilleach 2017 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fios do Bhuill mu adhartas agus dealbhadh ro-innleachdail a thaobh a bhith a’ dèanamh dhreachd, a’ co-chomhairleachadh agus a’ cur a-steach Treas Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd gu Bòrd na Gàidhlig.

Bhathar an dòchas gun dèanadh an Riaghaltas ùr cinnteach gun deidheadh an Treas Plana Gàidhlig adhartachadh agus gun gabhadh a’ Chomhairle ùr sealbh air agus gun dèanadh i cinnteach gun robh ionmhas ann gus na diofar eileamaidean dheth a mhaoineachadh. Chaidh soirbheas an Dàrna Plana Gàidhlig a chomharrachadh agus bha mòran rudan ann a leanadh air adhart dhan Phlana ùr. Bhathar air toirt fa-near cuideachd do na prìomhachasan a bha Bòrd na Gàidhlig air a chomharrachadh.

Às dèidh sin:-

i. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann na dreachd amasan àrd-ìre a tha Bòrd na Gàidhlig air a chur a-steach chun na Comhairle, mar amas airson a bhith a’ leasachadh Plana na Gàidhlig 3; agus
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann raon-ama a thaobh a bhith a’ dèanamh dreachd, a’ cumail co-chomhairle agus a’ cur a-steach dreachd Phlana na Gàidhlig 3 gu coinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd gu h-iomlan; agus
iii. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR gum faodadh Teicneòlas Didseatach a bhith air a ghabhail a-steach ann an liosta nan dreachd Amasan Àrd-Ìre.  

Soraidh Slàn

Chuir an Cathraiche an cèill a thaing dha na Buill agus na h-oifigearan airson an cuid obrach ann a bhith a’ toirt na Gàidhlig air adhart tro theirm mu dheireadh na Comhairle. San ùine seo bhathar air dà Phlana Gàidhlig a dhèanamh agus bha e an dòchas gun leanadh soirbheas na Gàidhlig sa Chomhairle ùr. Mar fhreagairt, nochd na Buill an taing dhan Chathraiche airson na dòigh-obrach in-ghabhaltach a bha e air a chleachdadh.

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 1.05f.