Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 31 May 2023

Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich

A Bhuill Chòir,

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain, 31 Cèitean 2023 aig 10.30m. 

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Laghail agus Riaghlachais 

1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhall sam bith a tha a’ foillseachadh com-pàirt a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo, beagan innse mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm iomchaidh. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh. 

3. Naidheachdan Matha

4. Dreachd Plana Gàidhlig 4

Tha Aithisg Àir. G/8/23 le ceann-latha 10 Cèitean 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Cuideachd, bidh taisbeanadh goirid ann a’ comharrachadh prìomh chuspairean a’ Phlana.  

Gheibhear dreachd dhen Dreachd Phlana Gàidhlig ann an Leabhran A, a tha air a chuairteachadh fa leth.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh aontachadh gun dèanar moladh dhan Làn- Chomhairle gum bu chòir dhi aontachadh gun tèid an dreachd Plana a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig.

5. Plana na Gàidhlig – Co-chomhairleachadh Poblach

Tha Aithisg Àir. G/9/23 le ceann-latha 18 Cèitean 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

6. Coileanadh Mu Choinneimh Plana na Gàidhlig 3  

Tha Aithisg Àir. G/10/23 le ceann-latha 15 Cèitean 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

7. Foghlam Gàidhlig 

Tha Aithisg Àir. G/11/23 le ceann-latha 5 Cèitean 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i.   beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near do sholar Foghlam tron Ghàidhlig air feadh sgìre na Gàidhealtachd;
ii.  toirt fa-near do na raointean leasachaidh làithreach is teachdail airson 1+2; agus
iii. toirt fa-near dhan phròiseas cho-chomhairleachaidh airson sgìrean-sgoile agus dhan chunntas às ùr airson solaran Foghlam tron Ghàidhlig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Narann.

8. Prìomh Aithrisean Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd

Tha Aithisg Àir. G/12/23 le ceann-latha 11 Cèitean 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh aontachadh gun tèid leantainn air adhart leis na h-iomairtean a tha air am mìneachadh san aithisg.

9. Seachdain na Gàidhlig 2023

Tha Aithisg Àir. G/13/23 le ceann-latha 2 Cèitean 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.