Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 4 June 2025

Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain, 4 Ògmhios 2025 aig 2f

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.   

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Àrd-Oifigear – Riaghlachas Laghail agus Corporra 

Gnothach

1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.

4. Bile nan Cànanan Albannach – Sgìrean Cànain Sònraichte

Tha Aithisg Àir. G/6/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
 
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:

i. toirt fa-near dhan aithisg; agus
ii. aontachadh gun leanar air adhart le obair-deasachaidh airson dèanamh cinnteach gun urrainn do Chomhairle na Gàidhealtachd freagradh ris na dleastanasan is na cothroman ùra a tha an lùib Bile nan Cànanan Albannach.

5. Co-labhairt Ghàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/7/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:

i. toirt fa-near dhan aithisg; 
ii. beachdachadh air is toirt fa-near do na prìomh theachdaireachdan bhon cho-labhairt; agus
iii. aonta a thoirt do na h-ath cheumannan ann an earrainn 9.

6. Foghlam Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/8/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine agus bidh taisbeanadh ann bho Bhun-Sgoil Bhaile an Fhraoich.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:

i. aithne a thoirt dhan cheannardas a chaidh a shealltainn aig Bun-Sgoil Bhaile an Fhraoich gus ùidh is com-pàirt anns a’ Ghàidhlig fhàs thar na sgoile;
ii. fàilte a chur air an adhartas gu ruige targaid a’ Phlana Ghàidhlig airson foghlam Gàidhlig ann an C2 agus C3 anns a’ Ghàidhealtachd ann an 6.2; 
iii. toirt fa-near do na cothroman airson ionnsachadh proifeiseanta ro-innleachdail do thidsearan ann am foghlam Gàidhlig; agus
iv. beachdachadh air na h-ath cheumannan airson foghlam Gàidhlig.

7. Adhartas PnG (PRMS)

Tha Aithisg Àir. G/9/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

8. Mòd Loch Abar (ACG)

Tha Aithisg Àir. G/10/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine agus bidh taisbeanadh ann bho Mhgr Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near do na gnìomhan gu ruige seo a thaobh stiùireadh is eagrachadh Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar a thèid a chumail eadar 10–18 Dàmhair 2025.

9. Na Trads – Measadh Buaidh Eaconamaich

Tha Aithisg Àir. G/11/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:

i. toirt fa-near dhan aithisg is beachdachadh air an aithisg; agus
ii. toirt fa-near gu bheil Na Trads air com-pàirteachasan làidir a thogail le luchd-ùidhe gus buannachdan a bhrosnachadh dhan Ghàidhlig, do chultar, do sheasmhachd, agus do na gnìomhachasan cruthachail.