Agendas, reports and minutes
Comataidh na Gàidhlig
Date: Wednesday, 27 August 2025
Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain,
27 Lùnastal 2025 aig 2f.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Àrd-Oifigear – Riaghlachas Laghail agus Corporra
Gnothach
1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Cumhachdan Fosaidh
Thathar ag iarraidh air Buill toirt fa-near nach robh e riatanach na cumhachdan fosaidh a chaidh a bhuileachadh aig a’ choinneimh air 4 Ògmhios 2025 a chleachdadh a thaobh Comataidh na Gàidhlig.
4. Naidheachdan Matha
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.
5. Aithisg PRMS
Tha Aithisg Àir. G/12/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near:
i. dhan aithisg; agus
ii. dhan chunntas às ùr a thaobh ionnsachadh Gàidhlig inbheach.
6. Cunntas às Ùr mu Fhoghlam Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/13/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near dhan aithisg;
ii. aithne a thoirt dhan cheannardas a chaidh a shealltainn aig An Sgoil Chiùil gus ùidh fhàs agus a’ Ghàidhlig àrach mar phàirt de spiorad na sgoile; agus
iii. toirt fa-near do na raointean fàis ann an àireamhan sgoilearan thar 3–18.
7. Co-labhairt Ghàidhlig – Fios air ais
Tha Aithisg Àir. G/14/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near dhan aithisg;
ii. beachdachadh is toirt fa-near dhan t-suirbhidh iar-thachartais; agus
iii. na h-ath cheumannan aontachadh.
8. Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig – 2025/26
Tha Aithisg Àir. G/15/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near:
i. do na trì pròiseactan agus air na toraidhean a tha air am mìneachadh ann an iarrtas Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig;
ii. dhan phrògram obrach dham bi an tabhartas a’ toirt taic agus gu bheil iad seo air an atharrachadh seach nach deach an t-suim iomlan fhaotainn; agus
iii. dhan mheudachadh san tabhartas Ghàidhlig a tha air a thabhann le Riaghaltas na h-Alba.
9. Bile nan Cànan Albannach – Dàta Cunntais-shluaigh
Tha Aithisg Àir. G/16/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near dhan aithisg;
ii. aontachadh gun tèid tuilleadh measaidh a dhèanamh air uàrdan taghaidh a tha a’ dol thairis air stairsneach 20% nan sgilean Gàidhlig agus uàrdan a tha a’ tighinn faisg air an stairsnich 20%; agus
iii. aonta a thoirt do na h-ath cheumannan a tha air am mìneachadh ann an earrainn 8.
- 5. Aithisg PRMS Report, 361.31 KB
- 6. Cunntas as Ur mu Fhoghlam Gaidhlig Report, 2.21 MB
- 7. Co-labhairt Ghàidhlig – Fios air ais Report, 571.49 KB
- 8. Tabhartas Sonraichte na Gaidhlig 2025-26 Report, 252.9 KB
- 9. Bile nan Canan Albannach Report, 426.11 KB