Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 19 November 2025

Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain, 19 Samhain 2025 aig 2f

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.   

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Àrd-Oifigear – Riaghlachas Laghail agus Corporra 

Gnothach

1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.

4. Aithisg Cupa nan Dùthchannan Ceilteach – Tachartas Coimhearsnachd Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/17/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh: 

i. toirt fa-near dhan aithisg; agus
ii. leasachadh Cupa nan Dùthchannan Ceilteach aithneachadh agus brosnachadh a thoirt dhan àite aige ann a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig agus a’ toirt choimhearsnachdan còmhla.

5. Cunntas às Ùr mu Fhoghlam Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/18/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near:

i. dhan adhartas gu ruige a bhith a’ cur solar Foghlam tron Ghàidhlig air dòigh ann am Bun-Sgoil Loch Àlainn;
ii. do leasachadh a’ phrògraim in-sheirbheis airson foghlam Gàidhlig mar fhreagairt ro-innleachdail dhan Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig, a tha ga chur mar dhleastanas air ùghdarrasan foghlaim taic a chur ri foghlam Gàidhlig de chàileachd àrd; agus
iii. do na tha tachartasan a leithid an In-sheirbheis agus an t-sreath phod-chraolaidh Oideas a’ cur ri bhith a’ comharrachadh 40 bliadhna de dh’Fhoghlam tron Ghàidhlig (FtG), agus ri bhith a’ cur taic ri conaltradh leantainneach le iomairtean cnuasachail is iomairtean a tha air an stiùireadh le luchd-cleachdaidh a tha a’ neartachadh follaiseachd is buaidh foghlaim Ghàidhlig sa Ghàidhealtachd.

6. Aithisg PRMS

Tha Aithisg Àir. G/19/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh: 

i. toirt fa-near dhan aithisg; agus
ii. aontachadh gun tèid an gnìomh sa PG a luathachadh gus goireas gnothachais Gàidhlig air-loidhne a chruthachadh.

7. Buileachadh Tar-Seirbheis Plana na Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/20/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan aithisg.

8. Aithisg Adhartais High Life na Gàidhealtachd

Tha Aithisg Àir. G/21/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

9. Aithisg Adhartais Gàidhlig 1 + 2

Tha Aithisg Àir. G/22/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:

i. toirt fa-near dhan leasachadh leantainneach a thaobh taic do Ghàidhlig 1+2 air feadh an ùghdarrais;
ii. toirt fa-near dhan adhartas a rinneadh le Acadamaidh a’ Mhòid gu ruige a bhith a’ toirt taic do sgoilearan agus sgoiltean ann an Loch Abar len cuid ionnsachaidh Gàidhlig agus meudachadh a thoirt air na tha a’ gabhail pàirt ann am farpaisean luchd-ionnsachaidh Gàidhlig aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025; agus
iii. toirt fa-near dhan adhartas a thathar a’ dèanamh le leasanan clasa Blasad gus a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an sgoiltean Chataibh is Ghallaibh agus cuideachadh ann a bhith a’ coileanadh na targaid de 70% de bhun-sgoiltean a tha a’ lìbhrigeadh na Gàidhlig mar chànan C2 no C3.