New Gaelic Medium catchment area for Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar

Members of the Highland Council’s Care, learning and Housing Committee have agreed to recommend to The Highland Council to create a new Gaelic Medium catchment area for Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar, as outlined in a public consultation which took place earlier this year.

In line with Statutory Guidance on Gaelic Medium Education, the Council sought the views of local communities in the catchment areas affected by the proposal. The consultation took place under procedures set down in The Schools (Consultation) (Scotland) Act 2010. 

Parents, pupils and the wider community views were sought from 29 January to 16 March 2018 and a public meeting was held in Fort William on 27 February 2018. 

The final report and associated papers can be viewed on the Council’s website at:   www.highland.gov.uk/schoolconsultations

Sgìre sgoile ùr airson Foghlam tron Ghàidhlig airson Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar

Tha Buill de Chomataidh a’ Chùraim, an Ionnsachaidh agus an Taigheadais aig Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh moladh do Chomhairle na Gàidhealtachd sgìre sgoile ùr airson Foghlam tron Ghàidhlig a chruthachadh airson Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, mar a chaidh a mhìneachadh ann an co-chomhairle phoblach a chumadh na bu tràithe am-bliadhna.

A rèir Stiùireadh Reachdail air Foghlam tron Ghàidhlig, shir a’ Chomhairle beachdan choimhearsnachdan ionadail sna sgìrean sgoile a tha fo bhuaidh a’ mholaidh. Chaidh a’ cho-chomhairle a chumail fo mhodhan a tha air am mìneachadh ann an Achd nan Sgoiltean (Co-chomhairle) (Alba) 2010.

Chaidh beachdan a shireadh bho phàrantan, sgoilearan agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd bho 29 Faoilleach gu 16 Màrt 2018 agus chaidh coinneamh phoblach a chumail anns a’ Ghearasdan air 27 Gearran 2018.

Chithear an aithisg dheireannach agus pàipearan co-cheangailte air làrach-lìn na Comhairle aig: www.highland.gov.uk/schoolconsultations

18 Oct 2018