'Siuthad!' 2018 Latha Dreuchdan Gàidhlig

Early years

 

The annual Gaelic Careers Day for 2nd year Highland Council Gaelic pupils took place at Eden Court in Inverness. It was opened by Shannon Cowie, a former Gaelic medium pupil from Inverness who was last year’s Young Gaelic Ambassador.

Siuthad 18

 

'Siuthad!' (Go On!), for  both Gaelic Learner and Gaelic Medium pupils, aims to encourage  young people to continue with their Gaelic studies towards the senior stages of High School.

'Siuthad!' is organised in partnership with The Highland Council’s Gaelic Team, Skills Development Scotland, Bòrd na Gàidhlig and Highlands and Islands Enterprise.

Over 200 Gaelic pupils attended the event from Secondary Schools in Inverness-shire, Ross-Shire, and the Lochaber areas. The 'Siuthad!' event provides a platform for pupils to find out more about the range of Gaelic related opportunities which are currently available to young Gaelic speakers, particularly when they leave secondary education.

A number of national organisations and with a wide range of representatives were present to inform pupils of the career opportunities available within the Gaelic sector. The event also highlighted the importance Gaelic as it is considered as a distinctive additional skill within the workplace.

The representatives present were from several industry sectors, including education professionals, sports, early learning and childcare specialists, translation specialists and the creative industries.

The event was informative, educational and fun for those attending as pupils had the opportunity to participate in a wide range of interactive activities including music and drama workshops.

Highland Council, Community Learning and Development Officer (South Area) said: “‘Siuthad!’ has been a huge success this year, and we would like to thank all the organisations and individuals who came together to make the day such an enjoyable experience.”

“It is important that we continue to support young Gaelic speakers from the Highlands with their career choices from an early stage. Events such as this showcase the diversity of career paths that they may wish to follow.”

Derek Mackenzie, Skills Development Scotland, Gaelic Development Officer said: “‘Siuthad!’ raises awareness of the benefits of having Gaelic Skills. The event itself provides informative and interactive workshops across diverse sectors such as Media, Teaching and Creative Industries. These will highlight to pupils the rewarding and high quality career opportunities that will be open to them in future years”.

Organisations present at the event included  the Forestry Commission, UHI, HIE, Young Scot, Fèisean nan Gàidheal, MG ALBA, DASG, the Care and Learning Alliance, Skills Development Scotland, the Crofters Commission, and a range of other exhibitors. 

For further information please contact:

Margaret.Mulholland@highland.gov.uk or gaelic@highland.gov.uk

Fc

 

 

 

‘Siuthad!’ 2018 Latha Dreuchdan Gàidhlig

Chumadh Latha Dreuchdan Gàidhlig ‘Siuthad!’ do sgoilearan Gàidhlig san 2na bliadhna ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, ann an Eden Court ann an Inbhir Nis. Chaidh an tachartas fhosgladh le Shannon Cowie, sgoilear a chaidh tro fhoghlam tron Ghàidhlig ann an Inbhir Nis agus a bha na Tosgaire Òg Gàidhlig an-uiridh.

Tha ‘Siuthad!’, a tha an dà chuid airson Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig, ag amas air daoine òga a bhrosnachadh gus cumail a’ dol leis a’ Ghàidhlig sna h-ìrean àrda den Àrd-sgoil.

Tha ‘Siuthad!’ air a chur air dòigh ann an com-pàirteachas le Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Bha còrr is 200 sgoilear an làthair bho àrd-sgoiltean ann an Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Rois, agus sgìrean Loch Abar. Tha tachartas ‘Siuthad!’ a’ toirt àrd-ùrlar do sgoilearan gus barrachd fhaighinn a-mach mun raon chothroman a tha a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig agus a tha rim faotainn san latha a th’ ann do dhaoine òga aig a bheil a’ Ghàidhlig, gu h-àraid nuair a dh’fhàgas iad foghlam àrd-sgoile.

Bha grunn bhuidhnean nàiseanta an làthair agus bha raon farsaing riochdairean ann cuideachd gus innse do na sgoilearan mu na cothroman dreuchdail a tha rim faotainn taobh a-staigh earrann na Gàidhlig. Thog an tachartas aire cuideachd mu cho cudromach ’s a tha a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig seach gu bheil i air a meas mar sgil sònraichte a bharrachd san àite-obrach.

Bha na riochdairean a bha an làthair air an tarraing bho ghrunn roinnean gnìomhachais, a’ gabhail a-steach: foghlam, na h-ealain, spòrs, dràma, ceòl, tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne, eadar-theangachadh agus gnìomhachasan cruthachail.

Bha an tachartas fiosrachail, oideachail agus spòrsail dha na sgoilearan agus cothrom aca com-pàirt a ghabhail ann an raon chleasan eadar-obrachail leithid bùithtean-obrach ciùil agus dràma.

Thuirt Oifigear Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd (Sgìre a Deas) Chomhairle na Gàidhealtachd, “Bha ‘Siuthad!’ fìor shoirbheachail am-bliadhna agus bu toil leinn taing mhòr a thoirt do na daoine is na buidhnean air fad a thàinig còmhla gus dèanamh cinnteach gun robh an latha cho tlachdmhor.” Lean i air adhart, “Tha e cudromach gun cùm sinn oirnn a’ toirt taic do luchd-labhairt òga na Gàidhlig às a’ Ghàidhealtachd len roghainnean dreuchdail bho ìre thràth. Tha tachartasan mar seo a’ taisbeanadh cho farsaing ’s a tha na slighean dreuchdail a dh’fhaodas iad a leantainn.”

Thuirt Derek MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Leasachadh Sgilean Alba, “Tha ‘Siuthad!’ a’ togail aire mu na buannachdan a tha an lùib sgilean Gàidhlig. Tha an tachartas fhèin a’ toirt seachad bùithtean-obrach fiosrachail agus eadar-obrachail thar roinnean diofraichte leithid Na Meadhanan, Teagasg agus na Gnìomhachasan Cruthachail. Bidh iad seo a’ sealltainn do sgoilearan gum bi cothroman dreuchdail riarachail agus àrd-inbhe fosgailte dhaibh sna bliadhnaichean air thoiseach.”

Am measg nam buidhnean a bha an làthair aig an tachartas bha Coimisean na Coilltearachd, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Young Scot, Fèisean nan Gàidheal, MG ALBA, DASG, The Care and Learning Alliance, Leasachadh Sgilean Alba, Coimisean na Croitearachd, agus raon luchd-taisbeanaidh eile.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:

Margaret.Mulholland@highland.gov.uk no gaelic@highland.gov.uk

21 Nov 2018