Gaelic Film Awards for Highland schools - Duaisean Film Gàidhlig do Sgoiltean na Gàidhealtachd

Staffin Primary (left to right) Ellie MacQueen, Willow Ferguson and Holly Macleod, FilmG awards 2019 - Pics Alan Peebles
Staffin Primary (left to right) Ellie MacQueen, Willow Ferguson and Holly Macleod, FilmG awards 2019 - Pics Alan Peebles

Gaelic Film Awards for Highland schools

Three schools in the Highlands have brought a number of prestigious awards home from the 11th FilmG Awards held at the weekend (on 8 February) in Glasgow’s Old Fruitmarket.

FilmG is a brilliant platform for filmmakers and creative people to try new ideas, or to showcase their talents, and a further opportunity to use their Gaelic.

Bun-Sgoil Stafainn won, The Peoples’ Choice Award & Best Youth Group Film.

Millburn Academy S4 pupils won the FilmG Award for Gaelic – Learners; and Elissa Hunter-Dorans from Milburn Academy, won the Best Mobile Short in the Youth category.

Lochaber High won Best Film in the Youth category.

Councillor Alister Mackinnon, Chair of The Highland Council’s Gaelic Strategy and Implementation Group said: “A great night was had by all those who attended, or watched the FilmG awards broadcast live on social media. So much talent was displayed by all, and I am delighted that Bun-sgoil Stafainn, Millburn Academy and Lochaber High pupils did us proud. Well done to all for their humorous and thought provoking film making.”

•	Millburn Academy (left to right) Dalal, Gabrielle, Rachel, Emma, Emily, Orla, FilmG awards 2019 - Pics Alan Peebles

• Millburn Academy (left to right) Dalal, Gabrielle, Rachel, Emma, Emily, Orla, FilmG awards 2019 - Pics Alan Peebles

Another big winner of the night was Glaiste, which won two of the three awards it was nominated for. Eilidh Johnson from Dingwall is the force behind the award-winning Glaiste, which is a haunting stop-motion film about mental health. The thought-provoking piece won Best Mobile Short and HIE Most Promising Director, seeing Eilidh win two incredible placements within the media industry including at BBC’s The Social.

The Scottish Government sponsored the top prize in the youth category, Best Film, which this year went to Lochaber High School in Fort William. Like many of this year’s entries, their film Origami focusses on bullying, but from the unusual perspective of the bully.

“Faye MacKinnon and Annie MacNeil accepted the award on behalf of all the Lochaber High School FilmG crew who include Faye MacKinnon, Annie MacNeil, Laura Robertson, Evan Patterson, Serena Matheson, Josephine Matheson, Aine O’ Rua and Flora Stevenson.”

Faye MacKinnon (left) and Annie MacNeil accepted the award on behalf of all the Lochaber High School FilmG crew who include Faye MacKinnon, Annie MacNeil, Laura Robertson, Evan Patterson, Serena Matheson, Josephine Matheson, Aine O’ Rua and Flora Stevenson - FilmG awards 2019 - Pics Alan Peebles

In attendance on the evening was Deputy First Minister John Swinney MSP, who said: “My congratulations to Lochaber High School, and all the winners and nominees of tonight’s awards.

“We recognise the cultural, economic, educational, health and social benefits that Gaelic language and culture brings to the whole of Scotland. That’s why we want to increase the number of users of the language while increasing opportunities to use it in everyday situations.

“Broadcasting Gaelic-speaking film and television is vital to ensure its continuation at the heart of our cultural identity.”

FilmG is run by MG ALBA and Skye-based media company Cànan Graphics Studio, to encourage the growth of Gaelic media talent.  It has been running for 11 years, and has been the platform for many people now working within the Gaelic TV and film industry.

Murdo MacSween, Communications Manager at MG ALBA said:

“I am over the moon with the quality of the films at this year’s awards. It is wonderful to see so much young talent nurturing their Gaelic language skills – and being rewarded for it. FilmG has paved the way for many people in their film and TV careers, and it’s exciting to see the next generation shining through.”

Winners by category – 11th Awards

Open category

  • Best Comedy or Drama: Sòlas
  • Best Performance: Mairi MacLennan – Sòlas
  • Best Industry Director: Calum MacLean – Fo Bhuaidh
  • Best Script: Coinneach Lindsay
  • HIE’s Most Promising Young Director: Eilidh Johnson – Glaiste
  • Film Dùthchais as Fheàrr: Muir ar n-Athraichean – Magnus Course
  • Best Student Film: Àrdan ‘s Aineolas: David Mitchell – Lachlan Peel
  • Best Mobile Short: Glaiste – Eilidh Johnson

Youth category

  • Best Film: Origàmi - Àrd-sgoil Loch Abar (Lochaber High School)
  • Best Performance: piosmathduff.com - Sgoil MhicNeacail (Nicholson Institute)
  • FilmG Gaelic Award for Learners: Aineolach - Acadamaidh Allt a' Mhuilinn (Millburn Academy)
  • FilmG Gaelic Award for Fluent Speakers:  piosmathduff.com - Sgoil MhicNeacail (Nicholson Institute)
  • Best Youth Group Film: Mòd Màiri – Bun-sgoil Stafainn (Staffin Primary School)
  • Best Script: A-mach à Uchd a’ Bhàis - Sgoil MhicNeacail (Nicholson Institute)
  • Most Creative Production: An t-Sabaid - Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu (Glasgow Gaelic School)
  • Best Mobile Short: Sgeulachdan na h-Alba - Elissa Hunter-Dorans
  • Best Young Filmmaker: Fàisneachd Dedrick - Jack Weir and Gordie Bryce

Duaisean Film Gàidhlig do Sgoiltean na Gàidhealtachd

Tha trì sgoiltean sa Ghàidhealtachd air grunn dhuaisean cliùiteach a thoirt dhachaigh bho na 11mh Duaisean FilmG a chaidh a chumail aig an deireadh-sheachdain (air 8 Gearran) ann an Seann Mhargaidh Mheasan Ghlaschu.

’S e àrd-ùrlar air leth a th’ ann am FilmG gus cothrom a thoirt do luchd-film is do dhaoine cruthachail gus beachd-smuaintean ùra fheuchainn, an cuid tàlantan a thaisbeanadh, agus cothrom eile fhaighinn an cuid Gàidhlig a chleachdadh.

Choisinn Bun-Sgoil Stafainn Duais Roghainn an t-Sluaigh & Duais Film Buidheann Òigridh as Fheàrr.

Choisinn sgoilearan S4 à Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn Duais Ghàidhlig Film G do Luchd-ionnsachaidh; agus choisinn Elissa Hunter-Dorans bho Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn am Film Fòn-làimhe as Fheàrr ann an Roinn na h-Òigridh.

Choisinn Àrd-Sgoil Loch Abar am Film as Fheàrr ann an Roinn na h-Òigridh.

Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Leasachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Bha oidhche sgoinneil aig a h-uile duine a bha an làthair, no a choimhead air duaisean FilmG air an craobh-sgaoileadh beò air na meadhanan sòisealta. Bha mòran tàlant ri fhaicinn, agus tha mi cho moiteil à sgoilearan Bun-Sgoil Stafainn, Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn agus Àrd-Sgoil Loch Abar. Is math a rinn a h-uile duine len cuid fhilmichean èibhinn agus smuainteachail.”

Bha Glaiste am measg nam filmichean a bu shoirbheachaile, agus bhuannaich e dà dhuais anns na trì geàrr-liostaichean air an robh e a’ nochdadh. ’S i Eilidh NicIain às Inbhir Pheofharain a tha air cùl Glaiste, film tiamhaidh a thaobh slàinte-inntinn. Choisinn am film smuainteachail na duaisean Film Fòn-làimhe as Fheàrr agus Stiùiriche as Gealltanaiche le HIE, agus tha Eilidh a-nis air dà ghreis-obrach shònraichte anns na meadhanan a chosnadh dhi fhèin, agus aon dhiubh sin le BBC The Social.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a’ phrìomh dhuais ann an Roinn na h-Òigridh, Film as Fheàrr, a mhaoineachadh agus ’s e Àrd-Sgoil Loch Abar sa Ghearasdan a ghlèidh i am-bliadhna. Tha am film seo, Origàmi, coltach ri grunn fhilmichean eile am-bliadhna, stèidhichte air burraidheachd, ach eu-coltach ri càch, ’s ann bho shealladh a’ bhurraidh a tha am film seo.

Bha Leas-phrìomh-mhinistear na h-Alba, John Swinney BPA, an làthair air an oidhche agus thuirt e: “Bu thoil leam meal a naidheachd a chur air Àrd-Sgoil Loch Abar, agus air a h-uile duine a shoirbhich a-nochd agus a choisinn àite air geàrr-liosta nan duaisean.

“Tha sinn fhèin ag aithneachadh gu bheil buannachdan cultarail, eaconamach, foghlaim is sòisealta do dh’Alba gu lèir anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ chultar. ’S e sin as adhbhar gu bheil sinn ag iarraidh àireamh luchd-cleachdaidh a’ chànain a thoirt am meud agus na cothroman làitheil airson an cànan a chleachdadh a leudachadh.

 “Tha craoladh film agus telebhisean Gàidhlig riatanach airson a’ Ghàidhlig a ghleidheadh aig teis-meadhan fèin-aithne chultarail na dùthcha.”

Tha FilmG ga lìbhrigeadh le MG ALBA agus a’ chompanaidh mheadhanan Sgitheanach, Cànan Graphics Studio, agus tha e fa-near tàlant anns na meadhanan Gàidhlig a neartachadh. ’S e seo aonamh bliadhna deug na co-fharpais, agus tha FilmG air a’ chiad chothrom a thoirt do iomadh neach a tha a-nis ag obair ann an gnìomhachas film is telebhisein na Gàidhlig.

Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Conaltraidh aig MG ALBA:

“Tha mise air mo dhòigh glan leis cho math ’s a tha na filmichean aig duaisean na bliadhna sa. Tha e iongantach na tha ann de thàlant òg fhaicinn is iad a’ neartachadh an cuid Gàidhlig – agus a’ cosnadh dhuaisean airson an cuid saothrach. Tha FilmG air slighe obrach a dhèanamh ann am film is telebhisean do dh’iomadh duine a-nis agus ’s e adhbhar toileachais a th’ ann a bhith a’ faicinn an ath ghinealaich a’ tòiseachadh air an t-slighe sin.”

BUANNAICHEAN A RÈIR ROINN – 11MH DUAISEAN

ROINN FHOSGAILTE

  • Comadaidh no Dràma As Fheàrr: Sòlas
  • Cleasaiche as Fheàrr: Màiri NicIllFhinneinSòlas
  • Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas: Calum MacIllEathain – Fo Bhuaidh
  • Sgriobt as Fheàrr: Coinneach Lindsay
  • Stiùiriche as Gealltanaiche le HIE: Eilidh NicIain – Glaiste
  • Film Dùthchais as Fheàrr: Muir ar n-Athraichean – Magnus Course
  • Film Oileanaich as Fheàrr: Àrdan ’s Aineolas: David Mitchell – Lachlan Peel
  • Film Fòn-làimhe as Fheàrr: Glaiste – Eilidh NicIain

ROINN NA H-ÒIGRIDH

  • Film as Fheàrr: Origàmi - Àrd-Sgoil Loch Abar
  • Cleasaiche as Fheàrr: piosmathduff.com – Sgoil MhicNeacail
  • Duais Gàidhlig FilmG do Luchd-ionnsachaidh: Aineolach – Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
  • Duais Gàidhlig FilmG do dh’Fhileantaich:  piosmathduff.com – Sgoil MhicNeacail
  • Film Buidheann Òigridh as Fheàrr: Mòd Màiri – Bun-Sgoil Stafainn
  • Sgriobt as Fheàrr: A-mach à Uchd a’ Bhàis – Sgoil MhicNeacail
  • Riochdachadh as Cruthachaile: An t-Sabaid – Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
  • Film Fòn-làimhe as Fheàrr: Sgeulachdan na h-Alba – Elissa Hunter-Dorans
  • Filmeadair Òg as Fheàrr: Fàisneachd Dedrick – Jack Weir agus Gordie Bryce
12 Feb 2019
Tell us something about this topic How is this webpage?