Picnic nan Teadaidhean

Danaidh Wilson from Inverness who was at the Teddy Bear’s Picnic with his mother Eoina.
Danaidh Wilson from Inverness who was at the Teddy Bear’s Picnic with his mother Eoina.

Chruinnich pàrantan is pàistean Gàidhlig ann am Pàirc Bellfield, Inbhir Nis, o chionn ghoirid airson picnic ceòlmhor nan Teadaidhean.

Chùm Artsplay Highland bùth-obrach ciùil a-muigh sa phàirc agus bha an fheadhainn bheaga uile air am beò-ghlacadh is e a’ còrdadh glan riutha a bhith a’ cruthachadh nam fuaimean ceòlmhor aca fhèin. Chaidh seo a leantainn le fealla-dhà is geamaichean, a bha a’ gabhail a-steach Sealg nam Mathan.

Chùm na sgoilearan àrd-sgoile Fionnlagh MacIllFhinnein agus Ali MacGuaire ceòl beò ris a’ chuirm.

Bidh buidhnean Phàistean Gàidhlig Inbhir Nis a’ coinneachadh ann an Ionad-Coimhearsnachd Bhaile a’ Chnuic air maidnean Diluain agus ann an Ionad-Coimhearsnachd Sheumais Chamshroin air maidnean Dihaoine tron teirm.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Margaret.Mulholland@highland.gov.uk

Gaelic parents and toddlers gathered in Bellfield Park, Inverness recently for a musical Teddy Bear’s picnic.

An open-air music workshop was provided by Artsplay Highland which engaged all the little ones enjoying making their own musical sounds.  This was followed by fun and games including a Bear Hunt.

Live traditional music was provided by secondary school pupils Finlay Maclennan and Ali MacQuarrie.

The Inverness Gaelic Toddler groups meet in Hilton Community Centre on Monday mornings and in the James Cameron Community Centre on Friday mornings during term time.

For further information please contact Margaret.Mulholland@highland.gov.uk

27 Jun 2019