Royal National Mòd flag accepted for Inverness 2020 - Bratach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air a ghabhail airson Inbhir Nis 2020

(left to right): Chair of Glasgow Mòd 2019 Donald-Iain Brown; An Comunn Gàidhealach President, Allan Campbell; Donna Manson Chief Executive The Highland Council; John Morrison, Chief Executive of An Comunn Gàidhealach; Cllr Alister Mackinon, Chair of Highland Council’s Gaelic Strategy Implementation Group and Depute Provost of Inverness, Cllr Graham Ross.

(left to right): Chair of Glasgow Mòd 2019 Donald-Iain Brown; An Comunn Gàidhealach President, Allan Campbell; Donna Manson Chief Executive The Highland Council; Alisdair Barnett, Convenor of the Inverness 2020 Royal National Mòd Committee, Cllr Alister Mackinon, Chair of Highland Council’s Gaelic Strategy Implementation Group and Depute Provost of Inverness, Cllr Graham Ross.

Cathraiche Mòd Ghlaschu 2019, Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn; Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul; Donna Manson, Àrd-Oifigear Chomhairle na Gàidhealtachd; Alisdair Barnett, Neach-gairm Comataidh Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis 2020; An Comhairliche Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd; agus Iar-Phròbhaist Inbhir Nis, An Comhairliche Graham Ros.

Depute Provost of Inverness, Cllr Graham Ross received the Royal National Mòd flag this weekend in Glasgow (Saturday 19 October) at the massed choir closing event of the 2019 Glasgow Mòd.

The symbolic flag ceremony represents the handing over of the prestigious annual Gaelic event from Glasgow to Inverness – as the Highland capital and the Inverness Mòd organising committee prepares to welcome the event in 2020.

Cllr Ross was presented the Mòd flag on the steps of Glasgow’s Royal Concert Hall by the Chair of Glasgow Mòd 2019 Donald-Iain Brown and An Comunn Gàidhealach President, Allan Campbell.

Highland Council Chief Executive, Donna Manson, Alisdair Barnett, Convenor of the Inverness 2020 Royal National Mòd Committee and Cllr Alister Mackinnon, Chair of Highland Council’s Gaelic Strategy Implementation Group were also in attendance.

Depute Provost Ross said: “It was really moving to hear the massed choir close the Glasgow Mòd and an honour and a privilege to receive the Royal National Mòd flag for the City of Inverness.

“It will be 6 years since the Mòd was last held in Inverness and we are looking forward to its return to the region. Highland Council is committed to the development of the Gaelic language and the flagship Royal National Mòd is most welcome to Inverness. We wish An Comunn Gàidhealach and the local organising committee every success with the 2020 Mòd.”

The Highland Council’s Gaelic Strategy Implementation Fund commits £40,000 annually to An Comunn Gàidhealach on the condition that the Mòd comes to the Highlands every 3 years. The Inverness Common Good Fund is also supporting the Mòd in Inverness with £17,500 committed.

Bratach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air a ghabhail airson Inbhir Nis 2020

Ghabh Iar-Phròbhaist Inbhir Nis, an Comhairliche Graham Ros, bratach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail aig an deireadh-sheachdain (Disathairne 19 Dàmhair) aig cruinneachadh mòr nan còisirean aig dùnadh Mòd Ghlaschu 2019.

Tha searmon na brataich samhlachail a’ riochdachadh gu bheilear a’ lìbhrigeadh an tachartais chliùitich Ghàidhlig bho Ghlaschu gu Inbhir Nis – agus prìomh-bhaile na Gàidhealtachd agus comataidh eagrachaidh Mòd Inbhir Nis ag ullachadh gus fàilte a chur air an tachartas ann an 2020.

Chaidh bratach a’ Mhòid a thoirt dhan Chomhairliche Ros air steapaichean Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu le Cathraiche Mòd Ghlaschu 2019 Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn agus Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul.

Bha Àrd-Oifigear Chomhairle na Gàidhealtachd, Donna Manson agus an Comhairliche Alasdair MacFhionghain, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd cuideachd an làthair.

Thuirt an t-Iar-Phròbhaist Ros: “Bha e drùidhteach dha-rìreabh cruinneachadh mòr nan còisirean a chluinntinn agus b’ e onair air leth a bh’ ann bratach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a ghabhail airson Baile Inbhir Nis.

“Bidh 6 bliadhna bhon a chaidh am Mòd a chumail mu dheireadh ann an Inbhir Nis agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri fhaicinn a’ tilleadh chun na sgìre. Tha dealas aig Comhairle na Gàidhealtachd do leasachadh cànan na Gàidhlig agus tha fàilte mhòr ron Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhan Chomunn Ghàidhealach agus dhan chomataidh eagrachaidh ionadail le Mòd 2020.”

Tha Maoin Buileachaidh Ro-innleachd Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a’ toirt £40,000 gach bliadhna dhan Chomunn Ghàidhealach fon chùmhnant gun tig am Mòd chun na Gàidhealtachd gach trì bliadhna. Tha Maoin Math Coitcheann Inbhir Nis cuideachd a’ toirt taic dhan Mhòd le £17,500 air a ghealltainn.

21 Oct 2019
How is this webpage?