Semi- finalists announced for the 2019 National Schools’ Debate Competition

National Schools Debate

B’ ann aig Talla a’ Bhaile ann an Steòrnabhagh a ghabh a’ chiad agus an dàrna cuairt de Dheasbad Nàiseanta nan Sgoiltean àite air Dimàirt agus Diciadain an t-seachdain-sa.

Bha dùbhlan mòr mu choinneamh nam britheamhan; Iain Stephen MacÌomhair, Agnes Rennie agus Boyd Robasdan.  Ach chaidh aca air sia-deug sgioba a lùghdachadh gu ceithir sgiobaidhean.

Is iad na sgiobaidhean a thèid troimhe chun na h-iar chuairtean deireannach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis B, Acadamaidh Drochaid an Easbaig A, Sgoil Sir E Scott agus Sgoil Lionacleit. 

`S ann an Taigh-òsta MhicDhòmhnaill Holyrood ann an Dun Èideann a bhios na h-iar chuairtean deireannach a’ gabhail àite air Diciadain 4 Dùbhlachd 2019.  Thèid a’ chuairt mu dheireadh a cumail ann am prìomh-sheòmar Phàrlamaid na h-Alba an oidhche an dèidh sin, Diardaoin 5 Dùbhlachd, agus cluinnear seo beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Chaidh na cuspairean a thoirt do na sgiobaidhean agus bidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis B a’ deasbad an aghaidh Sgoil Lionacleit air a’ chuspair “Tha innealan a leithid Fitbit feumail airson ar cumail fallain.”

Bidh Acadamaidh Drochaid an Easbaig A an aghaidh Sgoil Sir E Scott agus iad a’ beachdachadh air a’ chuspair “Tha e nas fheàrr a bhith a’ leantainn na bhith air an toiseach.”

Bidh an sgioba a bhuannaicheas Deasbad A an aghaidh an Sgioba a bhuannaicheas Deasbad B agus bidh iad a’ deasbad air a’ chuspair “’S ann anns na bailtean-mòra a bhios na fìor choimhearsnachdan Gàidhlig ann am fichead bliadhna eile.”

 

The Town Hall building in Stornoway was the setting for the first two rounds of the National Gaelic Schools’ Debate which took place on Tuesday and Wednesday the 5th and 6th of November.

Judges; Iain Steven Morrison, Agnes Rennie and Boyd Robertson, certainly had their work cut out whittling sixteen teams down to four.

There are four teams in the semi-finals of this year’s competition and they are Inverness Royal Academy B, Bishopbriggs Academy A, Sir E Scott School and Liniclate School .

The first semi-final draw will see Inverness Royal Academy B against Liniclate School.  In the second debate of the evening Bishopbriggs Academy A will be against Sir E Scott School.   

Semi-finals will be held at the Macdonald Holyrood Hotel in Edinburgh on Wednesday 4th December 2019. The Final will be held the following evening, Thursday 5th December in the main chamber at The Scottish Parliament and will be broadcasted live on BBC Radio nan Gàidheal.

The topic for the debate between Inverness Royal Academy B and Liniclate School will be “Gadgets like Fitbits are helpful to keep us healthy.”

Bishopbriggs Academy A will debate against Sir E Scott School on the topic “It is better to follow than to lead.”

The winner of Debate A will face the winner of Debate B in the final on the topic “In twenty years, the proper Gaelic communities will be in the big cities.”

7 Nov 2019