Highland haul at Film G 2020

people's choice
People's Choice Award - Staffin Primary School Jonathan MacDonald (8) and Hamish Atkins (7)

Soirbheachas dhan Ghàidhealtachd aig FilmG 2020

Shoirbhich le sgoiltean agus sgoilearan na Gàidhealtachd aig duaisean FilmG a chumadh air Dihaoine 14 Gearran ann an Glaschu.

Bhuannaich Bun-Sgoil Stafainn san Eilean Sgitheanach Roghainn an t-Sluaigh le ‘Fàilte don Eilean’.

Bhuannaich  Acadamaidh Chùil Lodair am Film as Fheàrr leis an fhilm ‘Eilean nam Muc’. Meal a naidheachd do dh’Eilidh NicIain às Inbhir Pheofharain a bhuannaich am film as fheàrr ann an earrainn nam fònaichean-làimhe. Tha i na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha ceangal teaghlaich aice ri Uibhist a Deas.

Bhuannaich Àrd-Sgoil a’ Phluic ann an Ros an Iar an Riochdachadh a B’ fheàrr leis an fhilm aca ‘An Corp’ a tha mu mhurt is amharas air a’ chosta an iar.

B’ e ‘Siubhal gu Sear’ a rinneadh le Anndra Cuimeanach, sgoilear ann an Àrd-Sgoil Gheàrrloch, an aon fhilm a thog dà dhuais ann an earrainn na h-Òigridh aig farpais na bliadhna seo. Ann an ‘Siubhal gu Sear’ tha Anndra a’ siubhal leud na h-Alba air dà chuibhill ann an aon latha. Bhuannaich e am Film Aithriseach a B’ fheàrr agus Duais na Gàidhlig airson Luchd-labhairt Fileanta.

Bhuannaich am film ‘Reòite’ le clas fhileantach Àrd-Sgoil Àird nam Murchan duais Riochdachadh Eadar-nàiseanta FilmG, a’ ciallachadh gum bi iad a’ togail orra dhan Eadailt gus Alba a riochdachadh aig Fèis Film Òigridh CIAK. Bhuannaich clas luchd-ionnsachaidh na sgoile duais Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le film a’ chlasa ‘An Cuach, na h-Iuchraichean agus an Dron’.

-crioc-

Highland haul at Film G 2020

Highland schools and pupils dominated the Film G awards held on Friday 14th February 2020 in Glasgow.

‘Fàilte don Eilean’ was the People’s Choice award won by Staffin Primary School on Skye.

Culloden Academy won the Best Film with their film ‘Eilean nam Muc’. Congratulations to Eilidh Johnson from Dingwall who won the best film in the Mobile Phone category she is a student at Sabhal Mòr Ostaig and has family connections with South Uist.

Plockton High School in Wester Ross won the Best Production with their film ‘An Corp’ which is about murder and suspicion on the west coast.

‘Siùbhal gu Sear’ was the only film to pick up two awards in this year’s competition featured in the Youth category and was made by Anndra Cuimeanach (a pupil of Gairloch High School). Siùbhal gu Sear sees Anndra travel the breadth of Scotland on two wheels within a day, and he was the recipient of Best Documentary and the Gaelic Award for Fluent Speakers.

Ardnamurchan High School’s fluent Gaelic speaking class's film ‘Reòite’ won FilmG International Representative prize, meaning they get to go to Italy to represent Scotland at CIAK Junior Film Festival. The school’s Gaelic learner's class film ‘An Cuach, na h-Iuchraichean agus an Dron’ won the prize for Gaelic Learners.

 

21 Feb 2020