Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich a’ dol bhiortail.

Tha Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich, as àbhaist a bhith a’ gabhail àite airson dà latha aig toiseach an Ògmhios ann am Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh (BSGP), a’ gabhail àite gu bhiortail an-dràsta air sgàth COVID-19.

Chuir tidsearan BSGP an tachartas air dòigh air-loidhne agus tha iad a’ toirt cuireadh do chleasairean de gach aois is comas na taisbeantasan aca a luchdachadh suas air-loidhne. Tha seo a’ gabhail a-steach òrain, bàrdachd, dannsa Gàidhealach, ceòl traidiseanta, sgeulachdan, dràma, postairean agus mòran a bharrachd.

ha Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich a’ ruith airson seachdain agus tha sgoilearan, an dà chuid luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus fileantaich, air tabhartasan a chur a-steach bho air feadh na h-Alba. Chan eil farpais an lùib a’ Mhòid bhiortail ach tha cothrom aig na daoine òga na taisbeantasan aca a cho-roinn le co-aoisean is daoine eile.

Thuirt a’ Bh-uas Flòraidh Guidi, Ceannard BSGP: “Tha sinn fìor thoilichte leis an àireamh dhaoine òga às an Eilean Sgitheanach agus gu dearbh às àiteachan eile air feadh Alba a tha air taisbeantasan cho fìor mhath a chur a-steach thugainn. Air sgàth COVID-19, feumaidh sinn a bhith innleachdach airson nan daoine òga againn agus dòigh eile a lorg gus cultar beairteach na Gàidhlig a chomharrachadh. Gu fortanach, tha cothrom againn seo a dhèanamh tro theicneòlas.”

Lean a’ Bh-uas Guidi oirre: “Tha sinn fhathast a’ gabhail thabhartasan agus ma tha sibh airson com-pàirt a ghabhail faodaidh sibh an luchdachadh suas gu Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn nan tabhartasan agaibh agus tha Mòd na bliadhna seo cho spòrsail dhan a h-uile duine a tha a’ gabhail com-pàirt agus a’ coimhead air na taisbeantasan. Bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail gus taing a thoirt do na tidsearan a chuir am Mòd bhiortail air bhonn, do na pàrantan a tha a’ toirt taic seachad, agus do na daoine òga uile a tha a’ gabhail com-pàirt ann am Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich.” 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:

Flora.Guidi@highland.gov.uk

Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich goes virtual.

Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich (Isle of Skye Provincial Mòd) which normally takes place for two days at the beginning of June in Bun Sgoil Ghàidhlig Port Rìgh (BSGP), this year is currently taking place virtually due to COVID-19.

Teachers at BSGP organised the event to take place online and they are inviting performers of all ages and abilities to upload and post their performances online, this includes songs, poetry, highland dancing, traditional music, stories, drama, posters and much more. 

Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich is running for a week and entries have been submitted from pupils both Gaelic learners and fluent speakers across Scotland.
The virtual Mòd is non-competitive and the young people have the opportunity to share their performances with their peers and others.

Mrs Flora Guidi, Head Teacher BSGP said: “We are very pleased with the numbers of young people from Skye and indeed other parts of Scotland who submitted such brilliant performances. Due to COVID-19, we require to be innovative for our young people regarding how we celebrate our rich Gaelic culture this is achievable as we maximise the use of technology to achieve this.” 

Mrs Guidi, continued: “We are still accepting entries, if you wish to participate you can upload your entries to Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich, we look forward to viewing your entry, this year’s Mòd is really entertaining and great fun for everyone participating and viewing the performances. I would like to take this opportunity to thank the teachers who set up the virtual Mòd, the parents who are providing support, and all the young people who are taking part in the virtual Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich.”

For further information please contact:

Flora.Guidi@highland.gov.uk
 

15 Jun 2020