Ceann-Latha Iarrtasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail Air Loidhne Air a Leudachadh

mod photo
Royal National Mod 2014

Tha an ùine a’ ruith airson tagraidhean a chlàradh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail air loidhne am bliadhna. Bu mhath, ge-tà, leis a’ Chomunn Ghàidhealach innse gu bheilear a’ sìneadh ceann là nan tagraidhean chun an 21mh Lùnasatal.

Tha sin a’ toirt barrachd cothrom do dhaoine cur a-steach agus pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa.

Thuirt Seoang NicAnndrais, Oifigear a’ Mhòid, “Le sgoiltean a’ tilleadh tràth san Lùnastal a-niste, tha sinn airson airson ùine a bharrachd a thoirt do chlann, gu h-àraidh, iarrtasan a chur a-steach airson a’ Mhòid air loidhne le bhith a’ sìneadh a-mach ceann là nan tagraidhean rud beag nas fhaide.

Tha daoine air oidhirp nach gann a dhèanamh le an cuid thagraidhean gu ruige seo, ann am farsaingeachd de roinnean. Tha cothrom a bharrachd a-nise aig sgoiltean agus sgoilearan pàirt a ghabhail”.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd Oifigear a’ Chomuinn, “’Ri linn a’ choròna-bhìorais, ‘s e bliadhna air leth mì-àbhaisteach a th’ air a bhith ann do thachartasan ealain, leithid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Cha robhar an dùil idir gum bithear a’ cumail thachartasan air loidhne seach ann an da-rìribh. Le sin a ràdh, ‘s e cothrom eile a th’ ann a bhith a’ taisbeanadh nan ealain Gàidhlig dhan mhòr-shluaigh a dh’ aindeoin nan dùbhlain a tha romhainn an-dràsta.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail air loidhne am bliadhna san Dàmhair.  Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn, feuch gun tadhal sibh air: https://www.ancomunn.co.uk/air-loidhne.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu: An Comunn Gàidhealach,

Notaichean dha Luchd naidheachd

  1. Tha Bòrd na Gàidhlig, Ùghdarrasan Ionadail aoigheachd a’ Mhòid agus Riaghalas na h-Alba a-measg prìomh bhuidheanan-taic a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.
  2. ’S e Fèis fharpaiseach, air a chuir air dòigh leis a’ Chomunn Ghàidhealach, a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Thathas ag amas air cànan agus cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh tro cheòl, òrain, dannsa, dràma, litreachas agus na h-ealain.
  3. ’S e prìomh Fhèis chultarail na Gàidhlig a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a tha air a chumail gach bliadhna san Dàmhair ann an diofar bhailtean air feadh Alba.
  4. Thèid an 117mh Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail an ath-bhliadhna ann an Inbhir Nis eadar 8 agus 16 an Dàmhair 2021;   Mòd 2022 ann am Peairt eadar 14-22 an Dàmhair 2022 ; 2023 ann am Pàislig eadar 13-21 an Dàmhair 2023 ; agus 2024 anns an t-Òban 

  Faic: www.ancomunn.co.uk

 An Comunn Gàidhealach

VIRTUAL ROYAL NATIONAL MÒD’S ENTRY CLOSING DATE EXTENDED 

Time is running out for participants to submit their performances for The Virtual Royal National Mòd which will be held online this year. However, An Comunn Gàidhealach have announced that the entry deadline will now be extended to the 21st August, meaning that participants wishing to take part at this year’s Mòd now have extra time to register their submissions.

Seonag, Mòd Officer, said, “With children now returning to schools in early August, we especially want to give schools more time to enter and take part in this year’s Mòd, so participants now have an extended period, until the 21st August to enter. We’re delighted with the effort people have gone to with their submissions so far, across the range of art-forms. The extended date for submissions now gives schools and pupils the extra opportunity to take part.”

James Graham, Chief Executive of An Comunn said, “It’s been a difficult year for the Arts and festivals like our own this year due to the COVID-19 pandemic. None of us imagined that we would be holding our events online this year but being able to do so allows us to showcase the Gaelic Arts despite the current situation.”

The Virtual Royal National Mòd will be held in October 2020. For any further information regarding how to take part, please visit: https://www.ancomunn.co.uk/air-loidhne.

For further information contact: An Comunn Gàidhealach.

Notes for journalists.

  1. The Royal National Mòd principal funders include Bòrd na Gaidhlig, host Local Authorities and The Scottish Government.
  2. The Royal National Mòd is a competitive festival owned and organised by An Comunn Gaidhealach. The festival’s objective is to promote Gaelic language and culture through music, song, dance, drama, literature and the arts.
  3. The Royal National Mòd is the principal Gaelic language festival and it takes place annually in October in different locations throughout Scotland.
  4. The 117th Royal National Mòd (RNM) will now take place next year (2021) in Inverness between 8 and 16 October. RNM 2022 will be in Perth between 14-22 October 2022; RNM 2023 will be in Paisley between 13-21 October 2023; and RNM 2024 will be in Oban.
31 Jul 2020
How is this webpage?