Buileachadh ann an deuchainnean Foghlam tron Ghàidhlig agus Gàidhlig Luchd-ionnsachaidh SQA 2020

Tha toraidhean SQA do dhaoine òga a shuidh deuchainnean tro mheadhan na Gàidhlig agus do Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a’ sealltainn gu bheil àrdachadh anns na chaidh a bhuileachadh am-bliadhna. Rinn daoine òga bho suas ri 16 de na h-àrd-sgoiltean againn deuchainnean a bha a’ gabhail a-steach Gàidhlig, Eachdraidh, Cruinn-eòlas agus Nuadh-eòlas tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre Nàiseanta 5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach. Chuir 15 sgoiltean daoine òga air adhart airson teisteanasan N5 agus Àrd-ìre Gàidhlig Luchd-ionnsachaidh, agus chuir 19 sgoiltean thar na Gàidhealtachd sgoilearan air adhart airson teisteanasan Gàidhlig tro mheadhan na Gàidhlig.  

Tha an àireamh inntrigidhean airson chuspairean Nàiseanta 5 tron Ghàidhlig coltach ri bliadhnaichean eile ach tha àrdachadh air a bhith ann am buileachadh aig an ìre seo le 100% de na daoine òga a chuir a-steach airson cuspair tron Ghàidhlig a’ faighinn duais A-C. ’S e àrdachadh 3% a tha seo air a’ chuibheasach ceithir-bliadhna roimhe. Choisinn 87% de na daoine òga seo bann A/B, àrdachadh 5.2% air bliadhnaichean eile.  

Tha inntrigidhean airson Gàidhlig Àrd-ìre air àrdachadh 33% an coimeas ris a’ bhliadhna roimhe le 100% de dhaoine òga a’ faighinn duais, agus sin suas 4.7% air a’ chuibheasach ceithir-bliadhna roimhe. Choisinn 85% de na sgoilearan seo bann ‘A’ no ‘B’, a’ sealltainn àrdachadh 15.8% agus tha duaisean ‘A’ air àrdachadh 8.6% an coimeas ri bliadhnaichean roimhe. Choisinn 100% de sgoilearan a chuir a-steach airson Gàidhlig Àrd-ìre Adhartach duais ‘A’ no ‘B’.

Tha àrdachadh cuideachd air tighinn air buileachadh ann an duaisean Gàidhlig Luchd-ionnsachaidh agus tha barrachd inntrigidhean is dhuaisean an dà chuid aig ìrean Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre. Choisinn 98.3% de sgoilearan a chuir a-steach airson Nàiseanta 5 Luchd-ionnsachaidh Gàidhlig duais, àrdachadh 8% air a’ chuibheasach ceithir-bliadhna roimhe. Choisinn 100% de sgoilearan a chuir a-steach airson Àrd-ìre Gàidhlig Luchd-ionnsachaidh duais, a’ sealltainn àrdachadh 6.5% air a’ chuibheasach roimhe.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi air mo dhòigh leis an naidheachd seo an-diugh. Tha na comharran seo a’ sealltainn saothair dhìcheallach òigridh na Gàidhealtachd agus obair ionmholta thidsearan Gàidhlig nar sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd agus tha iad nan adhbhar misneachd. Chithear deagh adhartas le comharran a’ dol am meud anns na bannan, os cionn na rinneadh anns na ceithir bliadhna a chaidh seachad, anns na cuspairean Meadhan-Gàidhlig aig ìre Nàiseanta 5 agus aig Àrd-ìre Adhartach fhuair gach sgoilear bann A no B agus tha sin a-rithist nas fheàrr na na toraidhean thairis air na ceithir bliadhna a chaidh seachad. A bharrachd air a seo tha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air dèanamh fìor mhath cuideachd le barrachd sgoilearan a’ gabhail chùrsaichean luchd-ionnsachaidh agus na bannan a’ dol am meud aig cha mhòr a h-uile ìre. Bu chòir dhuinn a bhith moiteil às na rinn ar n-òigridh anns na cùrsaichean Meadhan-Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh aca, agus na rinn tidsearan na Gàidhealtachd airson an oideachadh. ’S e deagh stèidh a tha seo airson leasachadh foghlaim Gàidhlig anns na bliadhnaichean a tha ri teachd.”

Thuirt an Comhairliche Iain MacFhionnlaigh, Cathraiche Ro-innleachdail Comataidh Foghlaim Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil toraidhean Gàidhlig cho math, mar a tha buileachadh thar nan cuspairean eile. Bu mhath leam meal an naidheachd a chur air ar sgoilearan uile a tha a’ dèanamh Gàidhlig airson cho math ’s a rinn iad agus cuideachd taing a thoirt do na tidsearan Gàidhlig againn airson an cuid oideachaidh is taic. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn an leasachaidh seo a’ sìor àrdachadh sna bliadhnaichean air thoiseach. ’S math a rinn a h-uile duine agus choisinn an obair chruaidh agaibh duais.”  

2020 SQA Attainment in Gaelic Medium & Gaelic Learners exams

The SQA results for young people who sat exams in the medium of Gaelic and Gaelic Learners has seen an increase in attainment this year. Young people from up to 16 of our secondary schools completed exams which included Gàidhlig, History, Geography and Modern Studies in the medium of Gaelic at National 5, Higher and Advanced Higher.  15 schools entered young people for N5 and Higher Gaelic Learners qualifications, resulting in 19 schools across Highland entering pupils for Gaelic language/medium qualifications.

The number of entries for National 5 Gaelic medium subjects are similar to previous years but there has been an increase in attainment at this level with 100% of all young people entered for a Gaelic Medium subject leading to an award of A-C. This is an increase of 3% on the previous four-year average. 87% of these young people were awarded an A/B grade, an increase of 5.2% on previous years.

Entries for Higher Gàidhlig have increased by 33% compared the previous year with 100% of all young people entered attaining an award, an increase on the previous four-year average of 4.7%. 85% of these pupils achieved a grade ‘A’ or ‘B’, an increase of 15.8% and grade ‘A’ awards have also increased by 8.6% on previous years. 100% of pupils entered for Advanced Higher Gàidhlig attained an ‘A’ or ‘B’ award.

There has also been an improvement in attainment in Gaelic Learners awards and an increased number of entries and awards at both National 5 and Higher levels. 98.3% of pupils entered for Gaelic Learners National 5 achieved an award, an increase of 8% on the previous 4-year average. 100% of pupils entered for Gaelic Learners Higher Level achieved an award, an increase of 6.5% on previous average.

Cllr Calum Munro, Chair of Highland Council’s Gaelic Committee said: “I am delighted with today’s news on the achievements of our Gaelic Medium and Gaelic Learner youngsters in this year’s SQA results. These results are very encouraging and reflect the hard work of all our young learners taking Gaelic Medium subjects and the dedication of our teaching staff across the Highlands. They show great progress with grade bands up on the previous 4 year average in all National 5 GM subjects as well as our Advanced Higher pupils all attaining A/B grades which again is an increase on the previous 4 year trend. In addition our Gaelic Learners performed fantastically too with increased entries for National 5 and Highers and grade bands increasing at almost every band. The achievements of our young people in Gaelic Medium and Gaelic Learner courses needs to be celebrated. They and their teachers should be proud of themselves and these results provide a great starting point from which to build in coming years.”

Councillor John Finlayson, Strategic Chair of the Highland Council Education Committee, added: “I am delighted that Gaelic results in keeping with attainment results across all other subjects is so positive. I would like to congratulate all our pupils studying Gaelic for their positive attainment results and also thank all our Gaelic teachers for their input and support. I look forward to this trend continuing in future years. Well done to everyone and your hard work has been rewarded.”

4 Aug 2020