Sgoilearan Phort Rìgh a’ cur taic ri leudachadh ann an taic charthannais do dh’fhògarraich san Eilean Sgitheanach

Pupils at Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Pupils at Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Tha Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh air Duais 4 le Amasan Leasachadh Seasmhach bho Fòram Iomairt Shòisealta na Cruinne a bhuannachadh.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, “Meal an naidheachd air sgoilearan Bhun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a tha air an duais seo a bhuannachadh. Chan urrainn do dh’Fhòram Iomairt Shòisealta na Cruinne ach dusan sgoil ann an Alba a chur air adhart agus mar sin ’s e coileanadh air leth a tha seo.”

Lìbhrig na sgoilearan an obair gu tur sa Ghàidhlig agus dh’oidich na daoine òga iad fhèin agus coimhearsnachd an Eilein Sgitheanaich mu na cùisean iom-fhillte a tha an lùib in-imrich agus daoine a bhith air an cur às àite gan aindeoin.

Thuirt Ceannard na Sgoile, a’ Bh-uas Flòraidh Guidi, “Thòisich na sgoilearan againn ag obair le Acadamaidh na h-Iomairt Sòisealta ann an 2019 air a’ phròiseact aca ‘Na Fògarraich’ agus iad a’ coimhead air dòighean anns am b’ urrainn do dhaoine san sgìre taic a thoirt do dh’fhògarraich.”

Lean i air adhart, “Thug seo eòlas air leth do na daoine òga ann a bhith ag ionnsachadh mu chor nan in-imrichean agus mar a dh’fhaodadh sgoilearan taic a thoirt dhaibh.”

Bha buidheann ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, leis an ainm ‘Sleatfugees’, air grunn thachartasan a chur air dòigh thar na bliadhna agus bha iad a’ coimhead airson àite ann an ceann a tuath an eilein far am b’ urrainn dhaibh aodach a chruinneachadh.

Cho-dhùin clas 5/6 gun cuidicheadh iad le bhith a’ co-òrdanachadh leudachadh Sleatfugees. Thug na sgoilearan taisbeanadh seachad dhan sgoil air fad agus cho-dhùin na clasaichean eile, agus an Sgoil-àraich, gum bu toil leotha com-pàirt a ghabhail cuideachd.

Cho-dhùin na sgoilearan gun togadh iad tuilleadh airgid airson a’ charthannais le bhith a’ ruith iomairt bheag le tachartasan gus airgead a thogail. Bha seo a’ gabhail a-steach fèilltean-reic leabhraichean is bèicearachd, agus a bhith a’ cruthachadh phasgain chotain is chèir a tha math dhan àrainneachd agus a tha air an cleachdadh gus biadh a chòmhdach an àite clingfilm. Bha na nithean seo uile air an sanasachd air na meadhanan sòisealta agus chaidh an ceannach le pàrantan, caraidean agus riochdairean bhon choimhearsnachd.

Tron phròiseact rinn na sgoilearan cinnteach gun robh an teachdaireachd aca mu bhith a’ toirt taic do dh’fhògarraich aig cridhe na cùise.

Chaidh maoin bho latha nan geansaidhean Nollaige agus bho sheirbheis Nollaige na h-eaglaise a thoirt do na Sleatfugees cuideachd.

Tha seo air clasaichean na Sgoil-àraich a bhrosnachadh gus iomairt a chur air dòigh an lùib Blythswood Care agus ’s ann aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a bhios bogsaichean-bhròg Blythswood air an cruinneachadh ann an ceann a tuath an eilein. 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: Flora.Guidi@highland.gov.uk

Portree pupils support expansion of refugee charity support on Skye.

Pupils at Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh are winners of a Social Enterprise World Forum (SEWF) Sustainable Development Goals (SDG) 4 Award.

Cllr Calum Munro, Chair of Highland Council’s Gaelic Committee said: “Congratulations to the pupils at Bun-sgoil Ghaidhlig Phort Righ for winning this award.  SEWF can only nominate 12 schools in Scotland so this is a huge achievement.”

The pupils’ delivery was entirely in Gaelic and the young people educated both themselves and the Skye community on the complexities of immigration and forced displacement.

Head Teacher Mrs Flora Guidi said: “Our pupils started working with the Social Enterprise Academy in 2019 on their project ‘Na Fogarraich’ (Refugees).  They looked at ways that people in the area can support refugees. 

She added: “This has been a hugely enriching experience for the young people learning about the plight of immigrants and how the pupils can support them.” 

An organisation, in the south of Skye called ‘Sleatfugees’, had organised several events over the year and were looking for a venue in the north of the island to use for clothes collection.

Our 5/6 class decided that they would assist in co-ordinating Sleatfugees’ expansion. The class pupils made a presentation to the rest of the school, other classes decided that they would like to take part, including the Sgoil-Araich based in the school.

The pupils decided to raise more money for the charity by running a small enterprise, fundraising events including bookstalls, baking stalls, the creation of environmentally-friendly cotton wax wraps that were used to wrap food items instead of clingfilm, these were advertised on social media, to parents, friends, and the public who purchased the items. 

Throughout the project the pupils ensured that their message about the importance of supporting refugees was paramount. 

Funds collected from a Christmas jumper day and the annual Christmas Church Service were also donated to Sleatfugees.

This has stimulated Sgoil-Araich classes to organise - in association with Blythswood Care BSGP as the venue for the Blythswood shoebox appeal in the north of the Island.

For further information contact: Flora.Guidi@highland.gov.uk

11 Sep 2020