Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air loidhne-9-17 Dàmhair 2020

Virtual Mod
Virtual Mod

Tha e na thlachd don Chomunn Gàidhealach foillseachadh gun tèid dreach air loidhne den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumail eadar 9-17 den Dàmhair.

Bha dùil ri Mòd na bliadhna sa ann an Inbhir Nis, ach, mar thoireadh air a’ Choròna Bhìoras, b’ fheudar a chur dheth. Tha am Mòd a’ dol air adhart ann an cruth eadar dhealaichte ge-tà; air loidhne, far am bithear a’ taisbeanadh agus a’ comharrachadh nan ealan Gàidhlig.

Bidh bhideothan bho chuid den chlann agus inbhich a ghabh pàirt rim faicinn tro sheachdain a’ Mhòid air loidhne. Thèid prògramman a chraoladh gach latha tro na seanalan digiteach aig a’ Chomunn Ghàidhealach.

Thuirt Àrd-oifigear a’ Chomuinn, Seumas Greumach, “’S e togail inntinn dha-rìreabh a th’anns an àireamh de bhideothan a chuireadh thugainn, gu sònràichte aig àm cho dùbhlannach, nuair a bha sgoiltean is eile dùinte. Fhuaireas còrr air 500 bhideo, le grunn dhiubh air tighinn à dùthchanan thall-thairis, leithid Ameirgeadh, Amerigeadh a Deas, Canada, a’ Chuimrigh agus Sasainn.”

A thuilleadh air a bhith a’ taisbeanadh bhideothan cuid den fheadhainn a ghabh pàirt am bliadhna, bidh sreath de thachartasan eile ri fhaicinn ‘s ri chluinntinn. Tha An Comunn air a bhith ag obair còmhla ri buidhnean leithid Film G, Comhairle nan Leabhraichean, Acair, Fèisean nan Gàidheal, Còmhlan Pìoba Òigridh Nàiseanta na h-Alba agus luchd-ealain eile gus prògraman tarraingeach a chruthachadh. Thèid tuilleadh fiosrachaidh mu na tachartasan seo fhoillseachadh air meadhanan sòisealta a’ Chomuinn ann an ùine gun a bhith fada.

Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-Suidhe a’ Chomuinn, “A dh’ aoindeoin nan duilgheadasan a tha a’ toirt buaidh air na h-ealain, ‘s e adhbhar tlachd is toileachas  a th’ ann coimhearsnachd na Gàidhlig a thoirt còmhla airson cultar agus ar cànan luachmhor a chleachdadh agus a chomharrachadh.

Tha an suidheachadh seo a’ toirt cothrom dhuinn a bhith a’ smaoineachadh ann an dòighean nas cruthachail, a bhios gu maith a’ chànain is a’ chultar.”

Tha An Comunn Gàidhealach toilichte a bhith ag obair ann an co-bhann le BBC ALBA a bhios cuideachd a’ craoladh phrògraman rè seachdain a’ Mhòid. Thèid prògramman telebhisean a chraoladh gach oidhche aig 2100, Diluain 12mh-Dihaoine 16mh Dàmhair. Bidh prògraman ri chluintinn air Radio nan Gàidheal cuideachd a bheir blasad de dh’ fhaireachdainn a’ Mhòid thugaibh.

Thuirt Andrew Macnair, Ceannard Roinn Margaidheachd Chaledonia Mhic a’ Bhruthainn, “Tha sinn air bhioran a bhith nur pàirt den chiad Mhòd air loidhne. ‘S e cothrom a tha seo a bhith an sàs ann a bhith a’ toirt cultar agus ceòl na Gàidhlig gu dachannan air feadh an t-saoghail.”

Thuirt An Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd, “’S e aobhar tlachd a th’ ann gu bheil am Mòd a’ dol air adhart am bliadhna ged is ‘s ann ann an cruth digiteach, eadar-dhealaichte a thèid seo a choileanadh. Tha COVID-19 air ìmpidh a chur oirnn dòighean ùra a thogail ann an oidhirp nàdar de dh’ àbhaisteachd a bhith againn. Tha An Comunn Gàidhealach air a bhith ùr-ghnàthach ann a bhith a’ dealbhachadh a’ Mhòid air loidhne. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhan Chomunn nan iomairt ‘s tha mi a’ dèanamh fiughair ri taisbeanaidhean fhaicinn bho iomadh àite eadar Ameireaga a Deas agus an Eilean Sgitheanach.”

Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tron glasadh sìos, thug ar cànan agus ar ceòl tog is toileachas do dh’iomadh duine.  Chunnaic sinn cho cudromach ’s a tha an cultar againn ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil daoine a’ tighinn còmhla ann an dòighean gu tur eadar-dhealaichte agus mar thoradh, a bhith a’ neartachadh coimhearsnachd na Gàidhlig.  Tha Bòrd na Gàidhlig a’ guidhe gach soirbheachas dhan a h-uile duine a tha an sàs anns na co-fharpaisean is tachartasan air loidhne am-bliadhna agus tha sinn làn an dòchas gum bi sinn uile còmhla an ath bhliadhna ann an Inbhir Nis.”

Thuirt John Swinney, Leas Phrìomh Mhinisear na h-Alba, “’S e bliadhna air leth doirbh a tha air a bhith ann dhuinn agus bu mhath leam meal an naidheachd a chur air a’ Chomunn airson am Mòd a thoirt gu buil idir am bliadhna. Tha e deatamach gun tèid Am Mòd air adhart airson cultar na Gàidhlig fa chomhair an t-sluaigh. Cha bheag an tàlant a bhios a’ gabhail pàirt aig Mòdan, agus ‘s e adhbhar gàirdeachais a th’ ann gum faigh daoine air an cuid sgilean a thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta.

Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn air Mòd Nàiseanta Rìoghail air Loidhne 2020, tadhlaibh air http://www.ancomunn.co.uk/agus https://www.facebook.com/RoyalNationalMod/, cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk, neo fòn 01463 709705.

The Royal National Mòd online-9-17 October 2020

An Comunn Gàidhealach are delighted to announce that The Royal National Mòd 2020 will take place online from 9-17 October.

This year’s Royal National Mòd was due to take place in Inverness, however, in response to the COVID-19 epidemic, event organiser’s An Comunn Gàidhealach took the decision to cancel the event and move it online. The online version of the event will allow people to enjoy and celebrate Gaelic language and culture despite the cancellation of the Inverness event.

The event will showcase a range of performances from children and adults that have participated online this year. Compilation programmes showcasing the performances will be broadcasting each day of the Mòd via An Comunn Gàidhealach’s social media channels.

An Comunn’s Chief Executive, James Graham, said, “We have been blown away by the effort that participants have made by creating videos and submitting their performances, especially during such a challenging time when schools were closed. To date, we have received well over five hundred entries with a rise in International participants from as far afield as America, South America, Canada, Wales and England.”

In addition to showcasing participant performances, a programme of exciting online events is planned to run alongside the online celebration. An Comunn Gàidhealach have been working with organisation’s such as Film G, Comhairle nan Leabhraichean, Acair, Fèisean nan Gàidheal, The National Youth Pipe Band and other leading artists and musicians in order to develop a busy programme of events. Further details on a programme of events will be released in due course.

Allan Campbell, President of An Comunn Gàidhealach said, “We are excited to be able to engage with audiences in this way, and celebrate our language and culture despite the current challenges facing the Arts. The current situation in which we find ourselves presents opportunities to be creative and engage with others using a different approach and the online Mòd is an example of this.”

An Comunn Gàidhealach are also delighted to announce that BBC ALBA will broadcast special Mòd programmes on the BBC ALBA channel during Mòd week. Programmes will be broadcast each evening at 2100, Monday 12-Friday 16 October. In keeping with tradition, BBC Radio nan Gàidheal will also deliver radio content throughout the week to create a true Mòd spirit.

Andrew Macnair, Head of Marketing at CalMac, said: “It is very exciting to be part of the Mod’s first digital showcase. This is an excellent opportunity to be involved in bringing the best of Gaelic music and culture directly into people’s homes across the world.”

Cllr Calum Munro, Gaelic Committee Chair, Highland Council said, “I’m delighted that the Mòd is taking place, all be-it not in the traditional manner. Due to COVID-19 we have all had to adapt and embrace the technologies at an accelerated pace in order to achieve a sense of “normality”. An Comunn Gàidhealach are innovative in their approach in setting up the Virtual Mòd. I wish to take this opportunity to wish An Comunn Gàidhealach every success with the Virtual Mòd and look forward to viewing the entries submitted by competitors from Skye to South America”.

Bòrd na Gàidhlig Chief Executive Officer, Shona MacLennan said, “Throughout lockdown, our language and our culture brought joy and a sense of belonging to many people.  We saw how important our culture was in making sure it brought people together in an extremely different way and as a result, this strengthened the Gaelic community.  Bòrd na Gàidhlig wishes the very best to all those involved in competitions and the events online this year and we hope that next year we will all be together in Inverness.”

Deputy First Minister John Swinney, “This has been a difficult year and I welcome An Commun Gàidhealach’s forward thinking in moving the Royal National Mod to a virtual platform this year.  It is vital that the Mod takes place to provide such a significant celebration of Gaelic culture. There is a wonderful depth of talent taking part in the annual Mod and I am pleased these individuals will get the opportunity to showcase their wide variety of skills to a potentially worldwide audience.”

To find out more information on The Royal National Mòd Online 2020 event visit www. ancomunn.co.uk and www.facebook.com/RoyalNationalMod, or contact info@ancomunn.co.uk, Tel. 01463 709705.

23 Sep 2020