Comhairle na Gàidhealtachd agus Fèis Rois a’ cur cèilidh nàiseanta air-loidhne air dòigh gus tàlant na sgìre a thaisbeanadh

Julie Fowlis - https://www.juliefowlis.com/media/
Julie Fowlis - www.juliefowlis.com/media/

Tha Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd air tighinn còmhla ri Fèis Rois, a tha stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain, gus tàlant bho air feadh na sgìre a thaisbeanadh mar phàirt de Mhòd Nàiseanta Rìoghail air-loidhne na bliadhna sa.

Thèid Cèilidh na Comhairle a-mach air meadhanan-sòisealta a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig 9f air Dihaoine 16 Dàmhair. Chaidh a’ chèilidh a chur air dòigh le Fèis Rois le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Cluinnear luchd-ciùil le cliù eadar-nàiseanta a leithid Julie Fowlis, agus Charlie McKerron bho Capercaillie, luchd-buannachaidh Bonn Òir a’ Mhòid, luchd-ealain a tha a’ tighinn am bàrr, agus daoine òga a tha air a bhith ann am Foghlam tron Ghàidhlig sa Ghàidhealtachd.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, “Tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ cur taic ris a’ Mhòd Air-loidhne. Tha mi air a bhith a’ coimhead air a’ Mhòd Air-loidhne agus tha na tagraidhean aig ìre cho àrd agus a’ sealltainn cho tàlantach ’s a tha na ‘co-fharpaisich’ de gach aois. Tha na tagraidhean anabarrach math agus a’ gabhail a-steach obair-ealain chloinne, seinn Ghàidhlig agus sàr chluiche air innealan-ciùil de gach seòrsa.”

Lean e air adhart, “Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri Cèilidh na Comhairle oidhche Haoine far am faic sinn daoine bho air feadh na Gàidhealtachd a tha cho fìor thàlantach a’ cluiche ceòl traidiseanta agus a’ seinn sa Ghàidhlig. Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd moiteil a bhith a’ cur taic ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis, Prìomh Bhaile na Gàidhealtachd, ann an 2021. Tha mi gu mòr an dòchas ur faicinn ann.”

Thuirt Fiona Dalgetty, Àrd-Oifigear Fèis Rois: “Tha sinn cho toilichte a bhith ag obair còmhla ri co-obraichean aig Comhairle na Gàidhealtachd gus àrd-ùrlar a thoirt do luchd-ciùil is do sheinneadairean tàlantach a tha a’ fuireach ann an naoi sgìrean Com-pàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd Chomhairle na Gàidhealtachd. Tha e air a bhith tlachdmhor a’ chuirm seo a chur ri chèile agus tha mi gu mòr an comain Bhòrd na Gàidhlig airson an  tasgaidh agus sin a’ toirt cothrom dhuinn taic a thoirt do luchd-ealain aig an àm dhoirbh seo.”

Bidh Julie Fowlis na bean an taighe aig a’ chèilidh agus bidh i a’ seinn is a’ cluiche còmhla ris an duine aice, Eamon Doorley. Bidh sàr sheinneadairean agus luchd-buannachaidh Bonn Òir a’ Mhòid a leithid Raymond Bremner (1999), Eilidh NicCarmaig (2014) agus Raonaid Nic an Fhucadair (2017) a’ tighinn còmhla ri Julie.

Bidh gach ginealach a’ gabhail com-pàirt sa chèilidh agus chì sinn Aonghas MacCoinnich (Dàimh) agus a bhean Eilidh (Dòchas) a’ cluiche còmhla rin cuid chloinne. Bidh am fìdhlear Charlie McKerron a’ cluiche còmhla ri a chèile, an seinneadair tàlantach Gàidhlig Sandra NicAoidh, agus an cuid chloinne Seòras agus Cailean.

Bidh Mike Vass, a chluicheas iomadh inneal-ciùil, a’ riochdachadh Inbhir Narann sa chèilidh agus bidh Chloe Bryce agus Kaitlin Ros a tha air ceumnachadh o chionn ghoirid agus a bha nan sgoilearan aig Acadamaidh Bhaile Dhubhthaich a’ riochdachadh Ros an Ear. Bidh an cluicheadair bogsa-ciùil Megan NicDhòmhnaill à Luirg, a bhios a’ cluiche còmhla ris a’ chòmhlan Eabhal a tha a’ sìor chosnadh cliù dhaibh fhèin, cuideachd a’ gabhail com-pàirt. Tha Meadhan Rois air a riochdachadh le Innes White a tha sònraichte math air a’ ghiotàr agus a b’ àbhaist a bhith na sgoilear ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

Coimhead a’ chèilidh air-loidhne aig 9f air Dihaoine 16 Dàmhair air www.facebook.com/RoyalNationalMod no air duilleag Facebook a’ Chomuinn Ghàidhealaich.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho moraganna.macleod@highland.gov.uk neo  fiona.dalgetty@feisrois.org

Highland Council and Fèis Rois team up to showcase regional talent in national online concert

Highland Council Gaelic Team has joined forces with Dingwall-based Fèis Rois, to showcase a wealth of talent from across the region as part of this year’s online Royal National Mòd.

Cèilidh na Comhairle, which will be streamed on An Comunn Gàidhealach social media platforms at 9pm on Friday 16th October, has been curated by Fèis Rois and supported by Bòrd na Gàidhlig.

The concert features performances by internationally acclaimed musicians, including Julie Fowlis and Charlie McKerron of Capercaillie fame, as well as former Mòd Gold Medal winners, emerging artists, and young people who have been through Gaelic Medium Education in the Highlands.

Cllr Calum Munro, Chair of The Highland Council Gaelic Committee said, “We are delighted to be supporting the Virtual Mòd. I have been watching the Virtual Mòd online and the quality of the submissions which also displays the talent of ‘competitors’ of all ages is fantastic. The submissions are excellent and include children’s artwork, Gaelic singing and the playing of all forms of traditional musical instruments.”

He continued, “I’m really looking forward to watching Cèilidh na Comhairle on Friday evening as it will showcase people from across the Highlands who are hugely talented in their playing of traditional music and Gaelic singing. The Highland Council is also very pleased to be supporting and are looking forward to the traditional Royal National Mòd taking place in Inverness the Capital of the Highlands in 2021. I hope to see you all there”.

Fiona Dalgetty, Chief Executive of Fèis Rois said: “We are delighted to work with colleagues at Highland Council to showcase talented musicians and singers living across all nine Highland Council Community Planning Partnership areas. It has been a joy to bring this concert together and I am very grateful to Bòrd na Gàidhlig for their investment, which has enabled us to support artists at this incredibly difficult time.”

The concert is hosted by Julie Fowlis, who will also perform alongside her husband Eamon Doorley. Julie is joined throughout the evening by a host of superb singers, including Mòd Gold Medallists Raymond Bremner (1999), Eilidh Cormack (2014) and Rachel Walker (2017).

The concert is intergenerational and sees Angus Mackenzie (Dàimh) and his wife Eilidh (Dòchas), perform alongside their children. Fiddle player, Charlie McKerron is also joined by his partner, talented Gaelic singer Sandra Mackay, and their children, Seòras and Cailean.

Multi-instrumentalist Mike Vass represents Nairn in the concert, whilst recent graduates and former Tain Royal Academy pupils Chloe Bryce and Kaitlin Ross represent Easter Ross. Accordionist Megan MacDonald from Lairg, who performs with up and coming band Eabhal, will also take part, and Mid Ross is represented by outstanding guitarist and former Dingwall Academy pupil, Innes White.

Watch the concert online at 9pm on Friday 16th October at www.facebook.com/RoyalNationalMod or on the An Comunn Gàidhealach Facebook page.

For further information:  moraganna.macleod@highland.go.uk or fiona.dalgetty@feisrois.org

 

14 Oct 2020