Obair a’ tòiseachadh air sgoil-àraich ùr airson Bun-Sgoil Shlèite

Tha obair air tòiseachadh an t-seachdain seo air sgoil-àraich ùr airson Bun-Sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air an cùmhnant a thoirt do James MacQueen Building Contractors Ltd a tha stèidhichte san Eilean Sgitheanach.

Thèid ionad ùr sgoil-àraich le dà sheòmar-teagaisg airson sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam tron Bheurla a chur an àite seann togalach na sgoil-àraich. Bidh parcadh a bharrachd agus àiteachan leigeil às ann cuideachd. Bidh e comasach ri linn seo an t-seirbheis Thràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne leudaichte a lìbhrigeadh ann an togalach ùr-nodha agus freagarrach.

Thòisich obair air an làraich air Diluain 22mh den Mhàrt agus thathar an dùil gum bi an obair deiseil san t-Sultain 2021.

Thuirt Katie Wight, Ceannard na Sgoile: “Tha coimhearsnachd na sgoile air fad fìor thoilichte agus air bhioran gu bheil obair air togalach ùr na sgoil-àraich a-nis air tòiseachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leasachadh an àite agus a bhith a’ gabhail sealbh air sna mìosan agus sna bliadhnaichean a tha air thoiseach. Tha àiteachan-ionnsachaidh sàr-mhath is innsgineach cho cudromach, agus tha fios againn gum bi an t-àite ùr na thaic dhuinn ann a bhith a’ toirt seachad cùram is ionnsachadh den chàileachd as àirde dhan chloinn as òige againn.”

Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim na Comhairle, an Comhairliche Iain MacFhionnlaigh: “Tha sinn an-còmhnaidh a’ cur fàilte air deagh naidheachd aig àm dhùbhlanach. Bidh an leudachadh seo air Bun-Sgoil Shlèite na ghoireas air leth dhan Eilean Sgitheanach agus dhan choimhearsnachd ionadail. Bheir an togalach ùr àite-ionnsachaidh ùr-nodha dhan chloinn air fad airson iomadh bliadhna agus cuiridh e taic a bharrachd ri planaichean leudachaidh Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne na Comhairle.”

Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, an Comhairliche Calum Rothach: “Tha mi fìor thoilichte gum bi togalach ùr-nodha aig clann Bun-Sgoil Shlèite nas anmoiche air a’ bhliadhna seo. Bheir togalach na sgoil-àraich àite air leth do sgoilearan ann am Foghlam tron Bheurla agus Foghlam tron Ghàidhlig airson a bhith a’ tòiseachadh air an slighe foghlaim.”

Thuirt Cathraiche Comataidh an Taigheadais is na Seilbh, an Comhairliche Ben MacThòmais: “Tha e sgoinneil cluinntinn gun deach obair-togail a thòiseachadh an t-seachdain sa aig Bun-Sgoil Shlèite. Bidh an togalach ùr air leth freagarrach do sgoilearan san Eilean Sgitheanach. Tha mi a’ coimhead air adhart ri cluinntinn mu adhartas na h-obrach.”

 

Work begins on new nursery for Bun-sgoil Shlèite

Work has started this week to build a new nursery for Bun-Sgoil Shlèite in Skye. The Highland Council has awarded the contract to Skye based James MacQueen Building Contractors Ltd.

This will see the former nursery building replaced with a new two classroom nursery unit to accommodate both English and Gaelic Medium pupils along with additional parking and drop-off areas.  This will also enable the expanded Early Learning and Childcare service to be delivered in modern, fit for purpose accommodation.

Works began on site on Monday 22 March and are expected to be completed in September 2021. 

Katie Wight, Head Teacher for the setting said: “The whole school community is delighted and excited that work on the new sgoil-araich/nursery building is underway.  We look forward to developing the space and making it our own over the months and years to come.  High quality, dynamic learning spaces are so important, and we know that the space will support us in providing the highest quality of care and education to our youngest pupils”.

Chair of the Council’s Education Committee, Councillor John Finlayson said: “Great news in challenging times is always welcome. This addition to Bun-Sgoil Shlèite will be a fantastic asset to Skye and the local community. The new setting will provide a modern learning space for all children for years to come and will further support the Council’s Early Learning and Childcare expansion plans”.

Chair of the Gaelic Committee, Councillor Calum Munro, said: “I’m delighted that children of Bun-Sgoil Shlèite will have a new modern setting later this year. The new nursery building will be a great space for English and Gaelic Medium pupils to begin their education journey.”

Chair of the Housing and Property Committee, Councillor Ben Thompson, said: “It is great to hear that construction has started this week at Bun-Sgoil Shlèite. The new building will be fit for purpose for pupils in Skye. I am looking forward to hearing of the works progression.”

Drawing showing the plans of the new nursery building for Bun-Sgoil Shlèite

Drawing showing the plans of the new nursery building for Bun-Sgoil Shlèite

26 Mar 2021