Seachdain Spòrs Gàidhlig

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pupils received paddle boarding lessons from Spòrs Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig’s Outdoor Education organisation.
Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pupils received paddle boarding lessons from Spòrs Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig’s Outdoor Education organisation.

Tha Spòrs Gàidhlig, a tha air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig, a’ tabhann raon farsaing de chothroman foghlaim do dhaoine òga a bheir cothrom dhaibh an sgilean Gàidhlig a chleachdadh fhad ’s a tha iad a’ gabhail pàirt ann an grunn chleasan spòrs air a’ bhlàr a-muigh.

Tron t-seachdain mu dheireadh de theirm na sgoile, ghabh sgoilearan Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pàirt ann an seachdain loma-làn fealla-dhà is spòrs air a’ bhlàr a-muigh. Chòrd e ris na daoine òga a bhith a’ gabhail pàirt ann an grunn chleasan a leithid bòrdadh-pleadhaige nan seasamh.

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pupils

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pupils

Airson sgilean ùra ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh, ghabh iad pàirt cuideachd ann am bùithtean-obrach sgilean fàsaich agus dh’ionnsaich iad mu bhith cruthachail ann a bhith a’ togail fhasgaidhean a-muigh.

Bushcraft sessions with Spòrs Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig’s Outdoor Education organisation.

Bushcraft sessions with Spòrs Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig’s Outdoor Education organisation.

Thuirt Lena Walker, Manaidsear Leasachadh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, “Tha a bhith ag ionnsachadh ann an àrainneachd air a’ bhlàr a-muigh spòrsail is brosnachail dhan chloinn. Le bhith a’ rannsachadh a-muigh agus a’ gabhail com-pàirt ann an cleasan san sgìre ionadail, faodar an curraicealam a thabhann ann an co-theacsaichean ùra is eadar-dhealaichte. Tha e fìor chudromach gu bheil seo a’ toirt cothrom dhan chloinn an cleachdadh cànain is an t-ionnsachadh aca a neartachadh, a leudachadh is a dhaingneachadh.”

Thuirt Dòmhnall Morris, Manaidsear Spòrs Gàidhlig, “Tha e air a bhith na thlachd dhuinn a bhith ag obair còmhla ri daoine òga bho Bhun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh. Ged nach robh an t-sìde an-còmhnaidh fàbharach, chòrd na seiseanan ris na daoine òga agus gu dearbh thug seo brosnachadh is cothrom dhaibh an sgilean cànain Gàidhlig a chleachdadh.”

Thuirt Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan Bhòrd na Gàidhlig, “Tha sinn toilichte taic a chur ris na cleasan seo mar chom-pàirteachas cudromach eadar sinn fhèin, Comhairle na Gàidhealtachd agus Spòrs Gàidhlig. Tha na cleasan seo a’ toirt brosnachadh mòr do dhaoine òga an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile agus tha sinn cinnteach gun do chòrd seo glan riutha.”

Bu toil le Comhairle na Gàidhealtachd taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson taic a thoirt dhan tachartas.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho gaelic@highland.gov.uk

#Ghàidhlig, #Gaelic

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pupils

Seachdain Spòrs Gàidhlig

Spòrs Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig’s Outdoor Education organisation offer a wide range of organised outdoor education opportunities for young people to use their Gaelic linguistic skills whilst taking part in a wide range of sporting activities.

During the last week of the school term Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pupils participated in a fun filled week of outdoor learning activities. 

The young people enjoyed taking part in a range of popular outdoor activities which included stand-up paddle boarding. 

To learn new skills in the outdoors the Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pupils engaged in bush craft workshops, this included learning how to be creative in the skill of shelter building.

Lena Walker, Gaelic Manager Highland Council said, “Learning in an outdoor environment is an exciting and motivating experience for our children’s learning experiences. By exploring the outdoors and taking part in activities in the local area, the curriculum can be offered in new and different contexts. Importantly, it offers our children the opportunity to enhance, broaden and consolidate their language usage and learning.”

Donald Morris, Manager of Spòrs Gàidhlig said, "It has been a delight for us to be working with young people from Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh. The weather was at times not on our side, the young people did enjoy the sessions and it most certainly did encourage and gave them the opportunity to use their Gaelic language skills.”

Steven Kellow, Bòrd na Gàidhlig’s Funding and Projects Officer, said: “We are happy to support these activities as an important partnership between ourselves, the Highland Council and Spòrs Gàidhlig.  These activities greatly encourage young people to use their Gaelic out-with the school setting and we are sure that they have had a fun time while doing so.”

The Highland Council wish to thank Bòrd na Gàidhlig for their support for the event.

For further information contact gaelic@highland.gov.uk

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pupils paddle boarding

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh pupils paddle boarding

 

 

6 Jul 2021