Duais-maoineachaidh Food for Thought airson Bun-Sgoil Chille Mhoire agus Sgoil Stafainn

Deagh naidheachd airson Bun-Sgoil Chille Mhoire agus Sgoil Stafainn a tha air duais £3,000 fhaotainn bho mhaoin Food for Thought airson taic a chur ri pròiseact fàs bìdh airson roghainnean bìdh fallain is cunntasach a bhrosnachadh. Bheir am maoineachadh cothrom do na sgoiltean obrachadh ann an com-pàirteachas gus glasraich a rannsachadh, fhàs is a thoirt seachad dha chèile. Bheir seo cuideachd leasachadh air gàrraidhean is goireasan còcaireachd nan sgoiltean.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, an Comhairliche Iain MacFhionnlaigh: “Tha am pròiseact dha-rìribh airidh air maoineachadh Food for Thought. Tha e a’ sealltainn dealas an luchd-obrach còcaireachd is ithe fhallain a bhrosnachadh do sgoilearan bho aois òg, a’ tabhann eòlasan ionnsachaidh fiùghantach agus cothrom sgilean nan sgoilearan a leudachadh, a’ toirt cothrom dhaibh co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh, a’ brosnachadh a bhith a’ co-roinn biadh agus ag ionnsachadh bho dhaoine sgileil sna coimhearsnachdan ionadail. Tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhan a h-uile duine a tha an lùib a’ phròiseict agus a’ coimhead air adhart ri cluinntinn mu mar a tha am pròiseact a’ leasachadh.”

Thuirt Ceannard Bun-Sgoil Chille Mhoire agus Sgoil Stafainn, Cairistìona NicPhàrlain: “Tha sinn fìor thoilichte gun do shoirbhich leinn is sinn air £3,000 fhaighinn on tagradh a rinn sinn gu maoin Food for Thought aig Foghlam Alba. Tha fìor dheagh chothrom an lùib a’ phròiseict goireasan còcaireachd a leasachadh san dà sgoil is ceanglaichean ùra a chruthachadh leis a’ choimhearsnachd, far a bheil croitearachd is aoigheachd cho beothail. Bidh sinn cuideachd ag ionnsachadh mu chùisean cudromach a thaobh na-àrainneachd is seasmhachd.”

Thèid am pròiseact air adhart ann an ceumannan, mar a leanas:

  • Leasaich prògram sgilean còcaireachd 3–12 a’ cleachdadh bathar ionadail is glasraich a tha air am fàs ann an gàrraidhean sgoile
  • Leasaich goireasan sgoile agus cuir a-steach cucairean
  • Obraich le còcairean ionadail agus tidsearan gus sreath leasanan a lìbhrigeadh mu ithe fhallain agus sgilean còcaireachd
  • Leasaich sgilean ann an deasachadh bìdh, slàinteachas, sàbhailteachd, taisbeanadh bìdh, rianachd ghoireasan is stuthan, agus co-obrachadh
  • Cùm bùithtean-obrach gus cultar, eachdraidh is cleachdaidhean bìdh san sgìre ionadail againn a sgrùdadh le buill dhen choimhearsnachd, croitearan ionadail agus còcairean.

Cuiridh am pròiseact gu mòr ri comasan is misneachd na cloinne a thaobh a bhith a’ dèanamh biadh fallain agus a thaobh an sgilean beatha.

B’ e am pròiseact seo aon de 365 tagradh airson maoineachadh foghlaim Food for Thought, agus aon de na 62 pròiseactan a bha soirbheachail. Chaidh an t-iarrtas a mheasadh is a rangachadh le pannal bho Foghlam Alba, Riaghaltas na h-Alba, RHET agus Zero Waste Scotland.

Food for Thought funding award for Kilmuir Primary and Sgoil Stafainn

Good news for Kilmuir and Sgoil Stafainn Primary Schools who have successfully been awarded £3,000 from the Food for Thought Fund to support a food growing project to promote healthy and responsible food choices.

The funding will allow the schools to work in partnership to research, grow and share vegetables. Developing school gardens and improve the school cooking facilities.

Chair of Education Committee, Cllr John Finlayson said: “The project is worthy of the Food for Thought funding, it demonstrates the motivation of staff to promote cooking and healthy eating to pupils from an early age, offering dynamic learning experiences and an opportunity to broaden the skill set of pupils enabling them to make informed decisions, encourage food sharing and learn from skilled people within the local communities. I wish all involved every success with the project and look forward to an update on how the project develops.”

Kilmuir and Sgoil Stafainn Head Teacher, Christina MacFarlane commented: “We are absolutely delighted to have been successful in being awarded £3,000 from the Food for Thought Funding application submitted to Education Scotland. The project is an excellent opportunity to develop cooking resources in both schools and to create new links with the community, where crofting and hospitality are so active. We will also be learning about important environmental and sustainability issues.”

The project will be a phased approach outlined below:

  • Develop a 3-12 cooking skills programme using local produce and vegetables grown in school gardens
  • Improve school facilities and install cookers
  • Working with local chefs and teachers to deliver a series of healthy eating and cooking skills lessons
  • Develop skills in food preparation, hygiene, safety, presentation, managing resources & materials and co-operative working.
  • Run workshops to explore food culture, history and traditions in our local area with community members, local crofters and chefs.

The project will greatly enhance the children's abilities and confidence in the production of healthy meals and life skills.

The project was one of 365 applications for the Food for Thought education funding of which 62 projects were successful. The application was assessed and graded by a panel from Education Scotland, Scottish Government, RHET and Zero Waste Scotland.

20 Sep 2021