A’ chlann aig teis-meadhan chùisean an-diugh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail

Issued by An Comunn Gàidhealach

Anndra Cumming Mòd Solo Singing Fluent Winner

Anndra Cumming Mòd Solo Singing Fluent Winner

Maria Monk Mòd Solo Singing Fluent - Traditional Silver Pendant Winner

Maria Monk Mòd Solo Singing Fluent - Traditional Silver Pendant Winner

Innes John Begg

Traditional Silver Kilt Pin - Innes John Begg

 Traditional Silver - Ellie Ceit Johnson

Traditional Silver Pendant - Ellie Ceit Johnson

Làn phrògraim de fharpaisean òigridh agus cuairt chun a’ chosta a’ cur crìoch air latha a còig

Bidh fuaim ghuthan òigridh rin cluinntinn uair eile agus farpaisean na cloinne air shiubhal aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd an-diugh, Dimàirt 12 Dàmhair.  

Bidh farpaisean Aigeallan Airgid nan nigheanan agus Prìne-Fèilidh Airgead nan gillean a’ dol air adhart beò ann an Taigh-cluiche Chùirt Eden bho 11m, le daoine òga a’ coileanadh taghadh de stuth Gàidhlig a tha air a stèidheachadh le pannal measaichte de bhritheamhan.

San fheasgar, chithear agus cluinnear farpaisean Aigeallan Airgid an t-Seann Nòis aig na nigheanan agus Prìne-Fèilidh Airgead nan gillean, le farpaisich 13–15 bliadhna a dh’aois a’ seinn an roghainn fhèin de dh’òrain Ghàidhlig as fheàrr leotha, agus farpaisich à bailtean air feadh Alba bho Eilean Leòdhais gu Muile, a’ siubhal a dh’Inbhir Nis gus pàirt a ghabhail.

Am measg nan tachartasan air an iomall an-diugh tha Latha Spòrs Do Chlann ann an Talla Cathair-eaglais Naoimh Anndra, a’ toirt cothrom do chlann fo aois sgoile pàirt a ghabhail ann an raon de ghnìomhachdan, a’ gabhail a-steach sgeulachdan, geamannan is ealain Ghàidhlig, Mion-Fhèis ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, ceòl beò anns an ionad a-muigh aig Cùirt  Eden eadar 4f agus 6f agus Cèilidh Teaghlaich aig Fairways, Inbhir Nis bho 6.30f.

Bidh cuirm na h-oidhche a-nochd a’ tighinn bho Lauren NicCholla, ’s i a’ cur dualchas prìseil an lùib sgrìobhadh ciùil ùr-ghnàthach agus i a’ taisbeanadh na h-obrach aice , ‘An Ear / East’, a tha air ùr choimiseanadh.

Cuiridh am fìdhlear ’s an sgrìobhaiche ciùil ionadail seo an gnìomh pìos a tha air a bhrosnachadh le nithean agus sgeulachdan a tha a’ tachairt mu thimcheall Linne Mhoireibh, mar phàirt den chomharrachadh air Costaichean is Uisgeachan na h-Alba.

Còmhla ri Lauren bidh Mairearad Green, Anna Massie agus Raonaid Newton le òrain bho  Art MacCarmaig agus Emma NicLeòid. Bidh ealain lèirsinneach rim faicinn aig a’ chonsairt cuideachd leis an dèanadair fhilmichean Zoe NicPhàdraig NicAonghais.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha farpaisean na cloinne nam pàirt chudromaich de sheachdain a’ Mhòid. Tha iad a’ taisbeanadh an tàlaint òig a tha a’ tòiseachadh ri thighinn am bàrr, agus a’ toirt in-shealladh misneachail air slàinte a’ chultair is nan òran Ghàidhlig san àm ri teachd. Tha prògram beòthail againn cuideachd de thachartasan air an iomall don teaghlach air fad agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air Lauren NicCholla gu àrd-ùrlar an Empire Theatre airson a’ chiad sealladh de ‘An Ear / East’ ris an robhar fada a’ feitheamh.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn toilichte an raon fharsaing seo de thachartasan fhaicinn a tha Mòd Inbhir Nis 2021 air a chur air dòigh do chlann, a bhios co-phàirteach leis na farpaisean a bhios a’ ruith Dimàirt. Tha an taobh seo den Mhòd Nàiseanta Rìoghail glè spòrsail agus a’ neartachadh ceangal na cloinne don Ghàidhlig, gam brosnachadh gu leantainn air adhart ga cleachdadh mar a bhios iad a’ fàs nas sine. Tha na tachartasan cuideachd a’ cur ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus ag amas gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh Gàidhlig nas trice agus ann an raon nas fharsainge de shuidheachaidhean.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Events Scotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian MacBrayne agus SQA.

Bidh àireamh de cheumannan sàbhailteachd COVID nan àite airson Mòd na bliadhna seo ann an co-rèir ri stiùiridhean an riaghaltais, gus luchd-èisteachd agus farpaisich a chumail sàbhailte, a’ gabhail a-steach glanadh mionaideach agus sgrùdaidhean sàbhailteachd leantainneach COVID, tomhaisean slàinteachais cùramach, cleachdadh còmhdach aodainn agus sgrùdaidhean trac is lorg.

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ ruith gu 16 Dàmhair 2021.  Thoiribh sùil air a’ phrògram slàn agus ceannaichibh tiogaidean a-nis aig https://www.ancomunn.co.uk/

Children take centre stage today at the Royal National Mòd

Junior competitions fill the programme before a trip to the coast closes day five

The sound of young voices will once again fill the air as the junior competitions get underway at the Royal National Mòd in the capital of the Highlands today, Tuesday 12th October.

The girls Silver Pendant and the boys Silver Kilt Pin kick off proceedings live from Eden Court Theatre from 11am, with youngsters performing a selection of Gaelic material set by an esteemed panel of judges.

The afternoon will see the girls Traditional Silver Pendant and boys Silver Kilt Pin, with 13–15-year-olds singing their own choice of heartfelt Gaelic songs, with competitors from towns across Scotland, from the Isle of Lewis to Mull, travelling to Inverness to take part.

Fringe events today include the Là Spòrs Do Chlann at Cathedral Church of St. Andrew Hall, giving pre-school children the chance to join in with a range of fun activities including Gaelic stories, games and art, Mini Fèis at Inverness Gaelic Primary School, live music at Eden Court’s outdoor venue between 4pm and 6pm and a Family Ceilidh at Fairways, Inverness from 6.30pm.

Tonight’s entertainment, bringing together valued heritage with innovative composition, comes from Lauren MacColl who presents her newly commissioned work, ‘An Ear / East’.

This local fiddler and composer will perform a piece inspired by coastal happenings and stories from around the Moray Firth as part of the celebrations for Scotland’s Year of Coasts and Waters.

Lauren will be joined by Mairearad Green, Anna Massie and Rachel Newton with songs from Arthur Cormack and Emma MacLeod. The concert also features exciting visuals by filmmaker Zoe Paterson MacInnes.

James Graham, Chief Executive Officer of An Comunn Gàidhealach, said: “The children's competitions are a very important part of Mòd week. They showcase the young talent that is starting to break through, and give an encouraging insight into the health of the future of Gaelic culture and song. We also have a lively programme of fringe events for all the family and are greatly looking forward to welcoming Lauren MacColl to the Empire Theatre stage for the long-awaited debut of ‘East’.”

Chair of The Highland Council’s Gaelic Committee, Cllr Calum Munro said: “Good luck to all the young competitors in the junior competitions starting today. Participation in the local and national Mòds is an extremely valuable life skill which inspires confidence for our young people in public speaking and performing while continuing to foster cultural pride and growth in the Gaelic language.”

Shona MacLennan, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, said: “We are pleased to see the wide-range of events that the Mòd Inverness 2021 has arranged for children, which complement the competitions running on Tuesday.  This aspect of the Royal National Mòd provides great fun and strengthens the children’s attachment to Gaelic, encouraging them to continue using it as they grow older.  The events also contribute to the National Gaelic Language Plan aim that more people use Gaelic more often and in a wider range of situations.”

The Royal National Mòd is supported by EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council, Events Scotland, The Scottish Government, HIE, Caledonian MacBrayne and SQA.

A number of COVID safety measures are in place for this year’s Mòd in line with government guidelines to keep audiences and performers safe, including extensive cleaning and ongoing COVID safety checks, enhanced hygiene measures, use of face masks and track and trace check-ins.

The Royal National Mòd will run until 16th October 2021.  View the full programme and purchase tickets now at https://www.ancomunn.co.uk/

12 Oct 2021