Seinneadairean a’ toirt dhachaigh buinn òir, taisbeanadh Clàrsaich agus Còisirean Gàidhlig a’ tighinn còmhla a’ seinn

Mòd Silver Pendant Winnners 2021 - Inverness’ own Shona MacQueen, now living in Drumnadrochit, and 23-year-old Peter MacPherson, from Inverness and living on Skye
Mòd Silver Pendant Winnners 2021 - Inverness’ own Shona MacQueen, now living in Drumnadrochit, and 23-year-old Peter MacPherson, from Inverness and living on Skye

Issued by An Comunn Gàidhealach

Seinneadairean air an crùnadh ann am farpaisean a’ Bhuinn Òir ’s an Aigeallan Airgid agus buidhnean a’ gabhail gu àrd-ùrlar aig Consairt nan Còisirean Diardaoin

Bha taisbeanadh iongantach de thàlant ri fhaicinn Diciadain, le farpaisean an Aigeallan Airgid agus Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich a’ gabhail àite tron latha. 

Bha an fharpais làidir feasgar aig Farpais Chrìochnachaidh a’ Bhuinn Òir le Màiri Aisling Callan à Coatbridge agus John Joe MacNèil à Barraigh a’ toirt dhachaigh na duaise phrìseil aig na mnathan agus na fir fa leth.

Aig an aon àm, thug na seinneadairean àlainn Seòna NicChuithein à Inbhir Nis fhèin, ach a-nis a’ fuireach ann an Druim na Drochaid,  agus Peadar Mac a’ Phearsain à Inbhir Nis agus a’ fuireach san Eilean Sgitheanach,  dhachaigh Aigeallan Airgid nam ban agus nam fear air feasgar Diciadain, le coileanadh brèagha air fuinn Ghàidhlig chlasaigeach.

Bha rudeigin ann do gach neach agus luchd thiogaidean air-loidhne a’ faighinn tlachd às an t-subhachas a’ comharrachadh 90 bliadhna de chàirdeas eadar Comann na Clàrsaich agus An Comunn Gàidhealach aig Clàrsach aig a’ Mhòd. Bha an luchd-gnìomhaidh as fheàrr ann an Alba a’ gabhail pàirt aig an tachartas feasgar Diciadain agus Joy Dunlop bhon BhBC a’ stiùireadh luchd-amhairc bho na 1930an chun an latha an-diugh, agus a’ taisbeanadh a’ ghinealaich ùir de chlàrsairean òga tàlantach.

Feasgar an-diugh aig 2f, chithear còisirean bho air feadh na  dùthcha a’ gabhail chun an àrd-ùrlair aig Cuirm-chiùil nan Còisirean san Empire Theatre ann an Cùirt Eden gus na h-òrain as fheàrr leotha a sheinn.  Is e tachartas fìor shònraichte a bhios an seo oir chan eil farpaisean chòisirean ann am-bliadhna. Faodaidh iadsan a tha a’ faighinn tlachd às an fhèis bho air feadh an t-saoghail sruthadh air-loidhne, agus faodaidh neach sam bith a’ coimhead aig an taigh tionndadh gu BBC Alba.

Chan eil am fèisteas a’ stad san Empire Theatre ge-tà, agus farpais Bonn Òir an t-Seann Nòis ri bhith a’ gabhail àite aig 7.30f a-nochd, cuideachd air a chraoladh beò air BBC Alba.

Thèid an fheadhainn òga a chumail air an dòigh madainn an-diugh le Seisean Bookbug Gàidhlig ann an Coilltean Chùil Lodair, agus aig an aon àm bidh ceòl beò a’ tighinn bho luchd-ealain ionadail anns an ionad a-muigh aig Cùirt Eden, a’ cur na tha an làthair air an casan eadar 4f agus 6f.

Am measg thachartasan eile a bhios a’ gabhail àite, bidh feasgar de cheòl traidiseanta leis an triùir luchd-ciùil Marloch aig Taigh Botanic bho 9.30f agus measgachadh de ghnìomhaidhean tarsainn nam buidhnean as sine aig Prògram Mòd Diardaoin air-loidhne bho 6f.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha am Bonn Òir agus an t-Aigeallan Airgid mar a dhà de na farpaisean as cliùitiche a th’ ann agus bha an tàlant a bha ri fhaicinn dìreach sònraichte.  Bha e tlachdmhor gam faicinn a’ tilleadh agus a’ faicinn na h-ìre a bhith cho àrd, agus bu mhath leam mealadh naidheachd a chur air na buannaichean uile a sheinn cho brèagha. Tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ri Cuirm-chiùil nan Còisirean feasgar an-diugh agus buidhnean bho air feadh Alba a’ cur an gnìomh nan òran Gàidhlig clasaigeach ann an dòigh cho eireachdail, agus bidh sin mus till Bonn Òir an t-Seann Nòis.”

Thuirt An Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha dà bhliadhna a-nis o nach robh farpaisean a’ Bhuinn Òir agus an Aigeallan Airgid gan ruith, agus mar sin bha e dìreach iongantach a bhith a’ cluinntinn nam prìomh fharpaisean sin a’ gabhail àite beò ann an Cùirt Eden. Bu mhath leam mealadh naidheachd a chur air na buannaichean agus am moladh airson nan ìrean àrda a choilean iad. ’S e latha trang a th’ ann an Diardaoin aig a’ Mhòd le Cuirm-chiùil nan Còisirean a’ gabhail àite agus farpaisean Bonn Òir an t-Seann Nòis a’ tighinn gu co-dhùnadh feasgar an-diugh. Airson mòran luchd-leantainn a’ Mhòid, ’s e seo an tachartas leis a’ chliù as àirde agus tha mi cinnteach gum bi mòran a’ coimhead beò ann an Cùirt Eden no air BBC Alba.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Events Scotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian MacBrayne agus SQA.

Bidh àireamh de cheumannan sàbhailteachd COVID nan àite airson Mòd na bliadhna seo ann an co-rèir ri stiùiridhean an riaghaltais, gus luchd-èisteachd agus farpaisich a chumail sàbhailte, a’ gabhail a-steach glanadh mionaideach agus sgrùdaidhean sàbhailteachd leantainneach COVID, tomhaisean slàinteachais cùramach, cleachdadh còmhdach aodainn agus sgrùdaidhean trac is lorg.

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ ruith gu 16 Dàmhair 2021.  Thoiribh sùil air a’ phrògram slàn agus ceannaichibh tiogaidean a-nis aig https://www.ancomunn.co.uk/

Performers bring home gold, Clàrsach showcase and Gaelic Choirs come together in song

Singers crowned at the Gold Medal & Silver Pendant competitions and groups take to the stage at the Thursday Choirs Concert

An amazing showcase of talent was on display on Wednesday, with the Silver Pendant and An Comunn Gàidhealach Gold Medal competitions taking place throughout the day.

Competition was strong during the evening’s Gold Medal Final, with Màiri Aisling Callan from Annathill near Coatbridge and John Joe MacNeil from Barra taking home the prestigious prize at the women’s and men’s events respectively.

Meanwhile, incredible vocalists Inverness’ own Shona MacQueen, now living in Drumnadrochit, and 23-year-old Peter MacPherson, from Inverness and living on Skye, took home the women’s and men’s Silver Pendant on Wednesday afternoon, with beautiful renditions of classic Gaelic tunes.

There was something for everyone as online ticket holders enjoyed the celebration of 90 years of friendship between The Clàrsach Society and An Comunn Gàidhealach during the The Clàrsach At The Mod. The Wednesday evening event featured some of Scotland’s finest performers, with BBC’s Joy Dunlop taking viewers from the 1930s to the present day and showcasing the new generation of talented, young clàrsaireans.

This afternoon at 2pm, the Thursday Choirs Concert will see choirs from throughout the country take to the stage at Empire Theatre in Eden Court to perform their favourite songs. This will be an extra special event as there are no choir competitions this year. Those enjoying the festival from around the world can stream online, while anyone watching from home can tune into BBC Alba.

The entertainment isn’t stopping there at Empire Theatre, with the Traditional Gold Medal competition set to take place at 7.30pm tonight, also broadcast live on BBC Alba.

The wee ones will be kept entertained this morning with a Gaelic Bookbug Session at Culloden Woods, meanwhile live music from home-grown artists at Eden Court’s outdoor venue will get revellers on their feet between 4pm and 6pm.

Other events taking place include an evening of traditional music with musical trio Marloch at The Botanic House from 9.30pm and a compilation of performances across the senior categories at Thursday’s Mòd Programme from 6pm online.

James Graham, Chief Executive Officer of An Comunn Gàidhealach, said: “The Gold Medal and Silver Pendant are two of our most prestigious competitions and the talent on show was outstanding. It was a delight to see them return and to see the standard to be so high, I would like to congratulate the winners who all sang beautifully. We now look forward to this afternoon’s Thursday Choirs Concert as groups from across Scotland perform more amazing renditions of classic gaelic songs before the Traditional Gold Medal Final makes its return.”

Chair of The Highland Council’s Gaelic Committee, Cllr Calum Munro said: “It’s now 2 years since the Gold Medal and Silver Pendant were last competed for so it was fantastic to hear these premier competitions taking place ‘live’ in Eden Court. I would like to congratulate all the winners on their success and commend them for the high standards they reached. Thursday is a very busy day at the Mòd with the Choirs Concert taking place and the Traditional Gold Medal competitions reaching a conclusion this evening. For many Mòd followers this is a highlight event and I’m sure many will be watching live in Eden Court or on BBC Alba.”

Shona MacLennan, Ceannard, Bòrd na Gaidhlig said: “We congratulate the winners of today’s medals and welcome the return of the choirs to the Mòd.  During lockdown, Gaelic language and culture provided continuing opportunities for communities to meet online and maintain a sense of community, at times across the globe.  The importance of Gaelic to people’s sense of wellbeing and belonging has been demonstrated very clearly and its importance to Scotland as a nation has been strengthened.

The Royal National Mòd is supported by EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council, Events Scotland, The Scottish Government, HIE, Caledonian MacBrayne and SQA.

A number of COVID safety measures are in place for this year’s Mòd in line with government guidelines to keep audiences and performers safe, including extensive cleaning and ongoing COVID safety checks, enhanced hygiene measures, use of face masks and track and trace check-ins.

The Royal National Mòd will run until 16th October 2021.  View the full programme and purchase tickets now at https://www.ancomunn.co.uk/

14 Oct 2021