Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis air a mholadh fìor shoirbheachail ’s a bhratach a-nis a’ dol gu Peairt 2022

Issued by An Comunn Gàidhealach

Press images of events will be available here throughout the week

Thàinig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 gu crìch le stoidhle an-diugh agus seinn chòisirean bho air feadh Alba ri chluinntinn tarsainn Inbhir Nis, a’ comharrachadh tilleadh soirbheachail air an fhèis fad naoi làithean.

Chaidh an tachartas a tha 129 bliadhna a dh’aois, a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig, a chumail ann an Taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis bho 8 gu 16 Dàmhair agus thàinig e gu crìch le Co-chruinneachadh nan Còisirean aig Pàirc an Northern Meeting, far an deach bratach a’ Mhòid a shìneadh gu baile-mòr Pheairt, aoighean Mòd 2022.

On nach robh e comasach do thachartas na bliadhna an-uiridh a dhol air adhart gu pearsanta, b’ e cumadh tar-chinealach a bh’ air an fhèis nàiseanta seo am-bliadhna fo stiùir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, le gnìomhaidhean, farpaisean agus gnìomhachdan cultarach gu pearsanta agus air-loidhne. Bha 70 farpaiseach ann am farpaisean beò na cloinne agus nan inbheach, a’ gabhail a-steach An t-Aigeallan Airgid, Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich  agus Bonn Òir an t-Seann Nòis. Bha 16 còisirean an làthair le 320 seinneadairean a’ gabhail pàirt anns na cuirmean taisbeanaidh àrd-ùrlair.

Aig an aon àm, bha còrr air 400 com-pàirtiche air-loidhne tarsainn 86 farpaisean air-loidhne, a’ gabhail a-steach pìobaireachd, bàrdachd agus bogsa-ciùil. Tharraing iad sin luchd-amhairc air-loidhne bhon RA, Na Stàitean Aonaichte, Sealan Nuadh, Iapàn agus an Roinn Eòrpa.

Feasgar an-dè, chunnaic sinn aithne ga thoirt do bhuannaichean Càraid Inbheach agus Ceathrar Inbheach. Bhuannaich Rhona Mhoireasdan agus Emma Deans à Glaschu Seinn Càraid, a’ toirt dhachaigh Cuach Nèill MhicIlleathain agus Jenny MB Currie an dèidh gnìomhadh a bha eireachdail.  Aig an aon àm, bhuannaich Còmhlan-ceathrar Còisir na Leargaidh Ghallta (Aonghas Ailean Dòmhnallach, Màiri Anna NicChòrd, Linda NicChaluim agus Cailean Fisher) Seinn Ceathrar, a’ toirt dhachaigh Cupa Còisir Ghàidhlig Steòrnabhaigh airson an guthan fìor thlachdmhor. Bhuannaich iad cuideachd Cuach Cuimhneachaidh  Marshall Stormonth agus bhuannaich iad Cuach Cuimhneachaidh Ian Crighton còmhla ris Na Gillean-Brìghde.

Gus na subhachasan a thoirt gu ceann feasgar an-diugh, bidh Gary Innes agus Eoghann MacEunraig bhon bhuidheann Mànran a bhuannaich mòran duaisean, a’ gabhail chun an àrd-ùrlair ann an Taigh Botanic, a’ toirt dhuinn ceòl math Gàidhealach agus tòrr craic. Aig an aon àm, bidh an Cèilidh Mun Chagailt a’ gabhail àite air-loidhne aig 9f, le sreath de sheiseanan òrain Ghàidhlig air an stiùireadh le cuid de na seinneadairean as fheàrr ann an saoghal na Gàidhlig.

Tha am Mòd air measgachadh de choileanaidhean iongantach agus ghnìomhachdan cultarach a nochdadh thar nan ochd latha a chaidh seachad. Am measg nan àrd-phuingean dhiubh sin tha A’ Chuirm Fhosglaidh, a chunnaic gnìomhaidhean bhon chòmhlan Staran, Còmhlan Ciùil Ghleann Fhionnainn agus an seinneadair Gàidhlig Maighread Stiùbhart.

Air Disathairne 9mh, bha cuirm-chiùil Ar Cànan, Ar Ceòl a’ comharrachadh dualchas ciùil beòthail is soirbheachail na Gàidhealtachd, far an robh am fìdhlear cliùitich Donnchadh Siosalach, an cluicheadair ioma-ionnsramaideach Mairearad Green, am pìobaire is cluicheadair duiseil Seumas Donnchadh MacCoinnich air àrd-ùrlar, agus còmhla riutha àireamh de luchd-ciùil tàlantach.  

Thill còisirean na h-Alba le faireachdainn gu àrd-ùrlar a’ Mhòid le dà chuirm-chiùil mhòr nach tèid à dìochuimhn’ agus Cuirm Chrìochnachaidh a’ Mhòid a-raoir far an tug am buidheann seinn Gàidhlig Sian agus an còmhlan còigear New Tradition, dhuinn oidhche a bha fìor shònraichte.  

A thuilleadh air na farpaisean, bha prògram saidhbhear a’ tachairt air an iomall, a’ gabhail a-steach ceòl beò ann an ionad a-muigh Eden Court gach feasgar còmhla ri àireamh de ghnìomhachdan teaghlaich.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha e sàbhailte a ràdh gu bheil am Mòd air a bhith fìor shoirbheachail am-bliadhna agus tha sinn dìreach air ar dòigh gu bheil an dòigh-obrach tar-chinealach air cothrom a thoirt do gach neach tlachd a ghabhail às na subhachasan aig an taigh agus mun cuairt an t-saoghail. ’S math a b’ fhiach fuireach le Inbhir Nis agus sinn air ceum cudromach a thoirt air adhart a dh’ionnsaigh Mòd iomlan pearsanta an ath-bhliadhna – agus taing do gach neach a rinn gach nì comasach.

“Tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri ar fèis de chultar is de cheòl na Gàidhlig a thoirt a Pheairt ann an 2022. Togaidh am Mòd deagh spionnadh ann an cultar is turasachd don Bhaile Mhòr Bhòidheach nuair a bhios na mìltean de Ghàidheil a’ cruinneachadh ann an subhachas uair eile, agus tha mi cinnteach gum faigh na bhios an làthair tlachd às na seallaidhean bòidheach agus às an aoigheachd mhìorbhaileach a tha aig Peairt ri thabhann.”

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha e air a bhith na fhìor urram do Chomhairle na Gàidhealtachd aoigheachd a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis. Ann an suidheachaidhean dùbhlanach, tha tachartas cultarach mìorbhaileach Gàidhlig air a dhol air adhart, a tha air tlachd a tharraing gu mòran a bha an làthair gu pearsanta agus gu mòran luchd-amhairc eile mun cuairt an t-saoghail.

“A thuilleadh air sin, tha cuid de fharpaisean sàr-mhath air grunn bhuannaichean tàlantach agus airidh air buinn a thoirt gu ar n-aire, a tha nan creideas do an cultar. Bu mhath leam aithne a thoirt don obair àibheiseach a chaidh a chuir do Mhòd soirbheachail leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus na daoine saor-thoileach a chuir taic ris a’ Chomataidh Ionadail. Bha Mòd na bliadhna seo na chlach-mhìle chudromach a dh’ionnsaigh Mòd làn-iomlan an ath-bhliadhna agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do Chomhairle Pheairt is Cheann Rois nan ullachaidhean don thachartas Ghàidhlig bhliadhnail shònraichte seo.”

​​Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur mealadh naidheachd air an sgioba uile aig a’ Chomunn Ghàidhealach airson comharrachadh air leth air a’ Ghàidhlig a thoirt seachad dhuinn. Chruthaich an raon de thachartasan, an dà chuid gu pearsanta agus air-loidhne, fòcas airson luchd-labhairt na Gàidhlig a thighinn còmhla agus tlachd a ghabhail às na feartan as fheàrr de ar cultar is cànan.  Tha am Mòd sònraichte mar a tha e a’ cur ri amas a’ Phlana Nàiseanta gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an raon nas fharsainge de shuidheachaidhean.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri Mòd Nàiseanta Rìoghail na h-ath bhliadhna ann am Peairt agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas don Chomunn agus don chomataidh ionadail airson na h-obrach a tha romhpa.”

Thuirt Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Bha an co-dhùnadh a thaobh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chur air adhart mu choinneamh suidheachadh de chuibhreachaidhean a bha a’ sìor atharrachadh co-cheangailte ri Covid anabarrach dùbhlanach dhuinn, ach tha mi moiteil agus air leth toilichte gu bheil soirbheachadh an tachartais an dà chuid air-loidhne agus tro fharpaisean is chuirmean-ciùil beò, air an co-dhùnadh sin a dhearbhadh!

“Tha mi a’ creidsinn gu bheil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann an Inbhir Nis air a bhith na cheum cudromach air adhart a dh’ionnsaigh na h-àbhaist a tha sinn uile a’ sireadh, agus tha sinn anabarrach taingeil do fharpaisich, luchd-gnìomhaidh, luchd-èisteachd, luchd-obrach agus saor-thoilich airson sin a dhèanamh comasach, agus cuideachd airson taic dheatamaich  ar luchd-maoineachaidh agus sponsairean.”   

Thuirt an Comhairliche Duff, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, a tha air a bhith na farpaiseach cunbhalach aig a’ Mhòd: “Is e subhachas mìorbhaileach a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bheir e dhuinn cothrom iongantach air dualchas Gàidhlig Pheairt is Cheann Rois a mhòr-thaisbeanadh.  

“On an turas mu dheireadh a bha am Mòd ann am Peairt, tha an Talla Consairt air fosgladh, tha Talla-cluiche Pheairt air a dèanamh suas gu tur às ùr agus tha sinn air àite gnìomhaidh ùr mìorbhaileach a chruthachadh a-muigh aig St Paul. Tha sinn air a bhith ag obair cruaidh gus an tairgse chultarach ann am Peairt a leasachadh agus tha am Mòd a’ tilleadh a Pheairt na theisteanas don àrd-amas sin.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Events Scotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian MacBrayne agus SQA.

Bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis a’ ruith bho 8 gu 16 Dàmhair 2021.

Bidh Mòd na h-ath bhliadhna a’ gabhail àite ann am Peairt bho 14 - 22 Dàmhair 2022. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhailibh air https://www.ancomunn.co.uk/

 

The Royal National Mòd’s return in Inverness hailed huge success as flag handed over to Perth for 2022

Press images of events will be available here throughout the week

The Royal National Mòd 2021 closed in style today as the sounds of singing from choirs the length and breadth of Scotland rang out across Inverness, celebrating the nine-day festival’s triumphant return.

The 129 year-old event celebrating Gaelic language and culture was held at Eden Court Theatre in Inverness from the 8th to 16th October and closed with a Massed Choirs Event at The Northern Meeting Park, where the Mòd flag was handed over to the city of Perth, hosts of the Mòd 2022.

After last year’s event was unable to go ahead in person, the national festival organised by An Comunn Gàidhealach took a hybrid approach this year, with performances, competitions and cultural activities in-person and online. There were 70 competitors in the live children and adult singing competitions, including the Silver Pendant, An Common Gàidhealach Gold Medal and the Traditional Gold Medal. There were also 16 senior choirs present, with 320 choristers taking part in showcase concerts.

Meanwhile, there were more than 400 online participants across 86 online competitions, including piping, poetry and accordion. These drew in online viewers from the UK, USA, New Zealand, Japan and Europe.

Yesterday afternoon saw the winners of the Adult Duet and the Adult Quartet recognised. Rhona Morrison and Emma Deans from Glasgow won the Adult Duet, taking home the The Neil MacLean and Jenny MB Currie Trophy after a beautiful performance. Meanwhile, Largs Gaelic Choir Quartet (Angus Allan MacDonald, Marie Ann McCord, Linda McCallum and Colin Fisher) won the Adult Quartet, taking home The Stornoway Gaelic Choir Cup for their stunning vocals. They also won the The Marshall Stormonth Memorial Trophy and jointly won the The Ian Crighton Memorial Trophy with Na Gillean-Brìghde.

To round things off this evening, Gary Innes and Ewen Henderson of multi-award winning supergroup Mànran will take to the stage at The Botanic House, providing excellent Highland music and great craic. Meanwhile, the Cèilidh Mun Chagailt will take place online at 9pm, with a series of Gaelic song sessions led by some of Gaeldom’s finest Gaelic singers.

The Mòd has featured a variety of incredible performances and cultural activities over the last eight days. Highlights include the Opening Concert, which saw performances from folk collective Staran, the incredible Glenfinnan Cèilidh Band, and Gaelic singing legend Margaret Stewart.

Saturday 9th’s Our Language, Our Music concert was a celebration of the vibrant and thriving musical heritage of the Highlands, featuring notable fiddle player Duncan Chisholm, award-winning multi-instrumentalist Mairearad Green, Isle of Lewis piper and flautist James Duncan Mackenzie, joined by a host of young talented musicians.

Scottish choirs also made an emotional return to the Mòd stage with two unforgettable showcase concerts and last night’s Mòd Grand Finale, featuring Gaelic all-female vocal group Sian and five-piece country band New Tradition, made for a very special night.

In addition to the competitions, a rich fringe programme was on offer including live music at Eden Court’s outdoor venue every evening and a host of family-friendly activities.

James Graham, Chief Executive Officer of An Comunn Gàidhealach, said: “It’s safe to say that The Mòd has been  a huge success this year and we’re over the moon that the hybrid approach has given everyone the opportunity to enjoy the festivities at home and in countries right around the world. Inverness has been well worth the wait and an important step towards a full-scale in-person Mòd next year - thanks to everyone who made this possible.

“We are very much looking forward to bringing our Gaelic festival of culture and song to Perth in 2022. The Mòd will bring a boost in culture and tourism to The Fair City as thousands of Gaels gather in celebration once more and I’m sure attendees will enjoy the beautiful scenery and excellent hospitality Perth has to offer.”

Cllr Calum Munro, Chair of The Highland Council’s Gaelic Committee, said: “It’s been a real privilege for Highland Council to host this year’s Royal National Mòd in Inverness. In challenging circumstances, a fantastic Gaelic cultural event has taken place which has brought pleasure to many who attended in person and to many other viewers around the world.

“In addition, some excellent competitions have brought several very worthy and talented medal winners to our attention who are a credit to their culture. I would like to recognise the huge amount of work put into a successful Mòd by An Comunnn Gàidhealach and the volunteers who supported the Local Organising Committee. This year’s Mòd was an important milestone to hopefully a full-scale Mòd next year and we wish Perth and Kinross Council every success in their preparations for this unique, annual Gaelic event.”

​​Shona MacLennan, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, said: “We congratulate all the team at An Comunn Gàidhealach for providing an outstanding celebration of Gaelic.  The range of events, both in person and online, created a focus for Gaelic speakers coming together and enjoying the best of our culture and language.

“The Mòd is exceptional in its contribution to the aim of the National Gaelic Language Plan that more people use Gaelic in a wider range of situations. We look forward to next year’s Royal National Mòd in Perth and wish An Comunn and the local committee all the best for the work ahead.”

Allan Campbell, An Comunn Gaidhealach President, said: “The decision to stage the Royal National Mod against the background of fluctuating Covid related restrictions, was seriously challenging for us, but I am proud and delighted that the success of the event both online, and through live competitions and concerts, has vindicated that decision!

“I believe the 2021 Royal National Mod in Inverness has been a significant step forward towards the new normal we all seek, and we are deeply grateful to competitors, performers, audiences, staff, and volunteers for enabling it to happen, and also for the vital support of all our funders and sponsors. ”

Perth and Kinross Councillor Duff, a regular competitor in the Mód, added: “The Royal National Mód is a wonderful celebration and will give us a fantastic opportunity to showcase the Gaelic heritage of Perth and Kinross.

“Since the last time the Mód was in Perth, the Concert Hall has opened, Perth Theatre has been completely refurbished and we have created an amazing new outdoor performance space at St Paul’s. We’ve worked hard to improve the cultural offering in Perth and the Mód’s return is testament to that ambition.”

The Royal National Mòd is supported by EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council, EventScotland, The Scottish Government, HIE, Caledonian MacBrayne and SQA.

The Royal National Mòd ran in Inverness from 8th - 16th October 2021. 

Next year’s Mòd will take place in Perth from 14th - 22nd October 2022. For more information, visit https://www.ancomunn.co.uk/

18 Oct 2021