Clàraich air-loidhne airson Foghlam tron Ghàidhlig

Tha clàrachadh air-loidhne airson an ath sheisean sgoile a-nis fosgailte agus tha a’ Chomhairle a’ toirt cuireadh do phàrantan is luchd-cùraim beachdachadh air Foghlam tron Ghàidhlig airson an leanaibh aca.

Tha dealas aig Comhairle na Gàidhealtachd spèis cho-ionnan a thoirt dhan Bheurla agus dhan Ghàidhlig seach gu bheil àite riatanach aig an dà chànan ann am beatha na Gàidhealtachd. Tha an roghainn dà-chànanach fosgailte do chloinn uile a tha a’ dol gu Clas 1 agus a’ fuireach ann an sgìre-sgoile Foghlam tron Ghàidhlig, fiù ’s ged nach biodh iad air a dhol gu Sgoil-àraich Ghàidhlig.

Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, an Comhairliche Calum Rothach: “Tha cànan aig teas-meadhan ar dualchais is ar dearbh-aithne chultarail. Tha a’ Chomhairle ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig a thaobh foghlaim, ealain, cultair, agus nithean sòisealta is eaconamach; tha Foghlam tron Ghàidhlig air a bhith air a lìbhrigeadh ann an sgoiltean airson còrr is 35 bliadhna. An-diugh, tha fichead bun-sgoil sa Ghàidhealtachd a’ toirt seachad Foghlam tron Ghàidhlig agus tha seo riatanach ann a bhith a’ cur taic ris a’ choimhearsnachd eadar-mheasgte is ion-ghabhaltach againn. Tha iomadh buannachd an cois dà-chànanachais agus mholainn do phàrantan is luchd-cùraim sùil a thoirt air a’ bhidio fheumail is fhiosrachail a rinn a’ Chomhairle agus a chuidicheas gus na buannachdan seo a mhìneachadh ann an dòigh tharraingeach is chuideachail.”

Chithear am bhidio Fàs Foghlaim air seanail YouTube na Comhairle.

Faodaidh clann a bhios còig bliadhna a dh’aois air no ro 28 Gearran 2023 clàrachadh airson Clas 1.

Bidh clàrachadh Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne a’ fosgladh air-loidhne air Diluain 14 Gearran 2022.

Airson ur leanabh a chlàrachadh, no airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’ lìonadh an fhoirm air-loidhne, am pròiseas clàrachaidh, sgìrean-sgoile, Foghlam tron Ghàidhlig, còmhdhail sgoile agus iarrtasan àiteachan-sgoile, tadhailibh air www.highland.gov.uk/enrol.

Na tadhailibh air an sgoil no air an ionad Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne tron t-seachdain chlàrachaidh.

 

Enrol online for Gaelic Medium Education

Online enrolment for the next school session is now open and the Council are inviting parents and carers to consider enrolling their child for Gaelic Medium education.

The Highland Council is committed to providing equal respect for English and Gaelic as both languages have an essential part to play in Highland life. The bilingual option is open to all primary 1 children living within a Gaelic Medium catchment area, even if they did not attend a Gaelic Medium Nursery.

Gaelic Chair, Cllr Calum Munro said: “Languages are central to our cultural heritage and identity. The Council recognises the educational, artistic, cultural, social and economic importance of Gaelic; Gaelic Medium Education has been delivered in schools for over 35 years. Today, there are twenty Highland primary schools that provide Gaelic Medium Education and this is essential to supporting our diverse and inclusive community. There are many benefits to bilingualism and I would encourage parents and carers to watch the very useful and informative video from the Council which will help to explain these benefits in an engaging and helpful way.”

The video Fàs Foghlaim is available on the Council’s YouTube channel.

Children who will be five years of age on or before 28 February 2023 will be eligible to enrol for Primary 1. Early Learning and Childcare online enrolment will open on Monday 14 February 2022.

To enrol your child, for further information on completing the online form, the enrolment process, catchment areas, Gaelic Medium education, school transport and placing requests, please visit www.highland.gov.uk/enrol.

Please do not visit the school or ELC setting during enrolment week.

7 Feb 2022