Cuach na Cloinne 2022 air ais!!

CnaG Logo
CnaG Logo

Issued by CnaG

Sgiobaidhean còmhla - All Final Teams

Sgiobaidhean còmhla - All Final Teams

Tha Cuach na Cloinne air ais airson a’ chiad turas ann an dà bhliadhna!

Thèid a’ cho-fharpais a-ruith eadar Diardaoin 21mh den Ghiblein gu Diciadain 11mh den Chèitean, agus thèid a’ chuairt-deireannach a chluich air Diluain 1mh den Ògmhios aig Pàirce Bhught, Inbhir Nis. Bidh sgoiltean bho air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt ann, le tòrr a bharrachd clann-nighean gu bhith an sàs am-bliadhna, nam measg 3 sgiobaidhean bho Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

’S e co-fharpais ball-coise nàiseanta, 5 air gach taobh, a th’ ann an Cuach na Cloinne. Bidh òigridh bho air feadh na dùthcha ann an C4-7 aig a’ bheil Gàidhlig a’ gabhail pàirt ann. Thèid farpaisean roinneil a chumail ann an:

  • Diardaoin 21mh den Ghiblein - Àrd-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
  • Dimàirt 26mh den Ghiblein - Sgoil Lionacleit
  • Diardaoin 28mh den Ghiblein - Pàirce uile aimsir, Steòrnabhagh
  • Dimàirt 3mh den Chèitean - Pàirce Bhught, Inbhir Nis
  • Dimàirt 10mh den Chèitean - Goals, Rathad Mòr an Iar, Glaschu
  • Diciadain 11mh den Chèitean - Pàirce Mossfield, an t-Òban

Ann an 2019 b’ e Sgoil an Iochdair a thog a’ chupa airson an dàrna bhliadhna ann an sreath – an dùil am faigh iad air a thogail airson an treasamh uair am bliadhna seo?!

An-uiridh, ann am com-pàirteachas le FC Sonas, chaidh Cuach na Cloinne a-ruith air loidhne le bhideothan ann airson cluicheadairean agus luchd-stiùiridh. ’S urrainn dhuibh na bhideothan seo a’ lorg air làrach-lìn ChnaG. Tha a h-uile duine a bhios ag obair air Cuach na Cloinne air bhioran gu bheil an co-fharpais air ais ann am pearsa am bliadhna.

Thuirt Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG:

“Tha sinn uabhasach toilichte gun urrainn dhuinn an fharpais a lìbhrigeadh san dòigh àbhaisteach am bliadhna as dèidh dà bhliadhna fo riaghailtean Chovid. Tha Cuach na Cloinne air cliù a chosnadh dha fhèin agus tha e a-nis gu mòr stèidhte ann am mìosachan nan sgoiltean, leis a’ chlann gu mòr a’ coimhead air adhart ris. 

Tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri farpais air leth soirbheachail air a’ bhliadhna sa le faisg air 400 duine cloinne a’ gabhail pàirt ann.  Tha e na adhbhar misneachd dhuinn gu bheil uidhir a sgoiltean a’ gabhail pàirt.

Tha e cudromach gu bheil clann a tha a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ faighinn cothroman a bhith a’ cleachdadh an cànan taobh a-muigh an t-seòmar-sgoile agus a bhith a’ coinneachadh ri clann bho cheàrnaidhean eile aig a bheil a’ Ghàidhlig.  

Tha mi airson taing a thoirt do na buidhnean a tha a’ cur taic ri Cuach na Cloinne, `s iad sin, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar, agus a’ guidhe gach beannachd air na sgiobannan gu lèir a’ bhios a’ sabaid son tiotal Cuach na Cloinne 2022.”

Thuirt Nicky Ghrannd, Àrd-Oifigear Gnìomhach airson Foghlaim:

“Mu dheireadh thall, is sinn a’ tighinn a-mach à Covid-19, bidh cothrom aig sgoilearan an sgilean Gàidhlig is ball-coise a ghleusadh air raointean-cluiche air feadh na h-Alba. Tha mi fìor thoilichte gum bi a dhà de thachartasan Cuach na Cloinne air an cumail ann am Port Rìgh agus Inbhir Nis.

“Tha Comhairle na Gàidhealtachd toilichte taic a thoirt do Chomunn na Gàidhlig a tha a’ cur an tachartas air dòigh agus tha seo a’ toirt cothrom do dhaoine òga na sgilean cànain aca a chleachdadh fhad ’s a tha iad a’ gabhail pàirt ann an cleasan taobh a-muigh na sgoile. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhan a h-uile duine a tha a’ gabhail pàirt. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith aig na tachartasan san àm ri teachd gus taic a chur ris a’ choimhearsnachd ionadail againn.”

Thuirt Dòmhnall Weir, Oifigear Taic Gàidhlig do Chomhairle nan Eilean Siar:

“Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ cur taic ris a’ phròiseact seo, a tha air a bhith air leth soirbheachail thairis air iomadh bliadhna. Bidh an fharpais a’ cur ri ionnsachadh na Gàidhlig am measg sgoilearan, le bhith a’ cruthachadh chothroman dhaibh an cànan a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. Tro bhith a’ cleachdadh Gàidhlig san dòigh seo ann an suidheachaidhean nàdarrach, tlachdmhor, bidh an fharpais an dà chuid a’ cur ri misneachd nan sgoilearan ann a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig, agus a’ sealltainn cuideachd gur e cànan làitheil, feumail a th’ ann an Gàidhlig nam beathannan.”

Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear Com-pàirteachasan is Maoineachaidh, Bòrd na Gàidhlig:

“Tha e a toirt toileachas mhòr dhuinn a bhith a cur taic ris a’ phròiseact cudromach seo gus cothrom a thoirt do sgoilearan thighinn còmhla ann an dòigh spòrsail gus an cuid Gàidhlig a chleachdadh air a’ Phàirce. Tha mi cinnteach gun còrd e riutha gu mòr as dèidh an dà bhliadhna a dh’fhalbh gun Cuach na Cloinne a bhith a’ ruith.”

Tha Cuach na Cloinne 2022 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd, agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Cuach na Cloinne is back after 2 years on hold!

The competition will be held between Thursday 21st April to Wednesday 11th May with the final match happening on Monday 1st June at Bught Park, Inverness. Schools from all over the country will be taking part, with more girls taking part this year, including 3 all girls teams from Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Cuach na Cloinne is a national 5-a-side football competition aimed at young people all over the country with Gaelic in P4-7. The regional competitions will take place in:

  • Thursday 21st April - Portree High School, Skye
  • Tuesday 26th April - Sgoil Lionacleit
  • Thursday 28th April - All weather pitch, Smith Ave., Stornoway
  • Tuesday 3rd May - Bught Park, Inverness
  • Tuesday 10th May - Goals, Glasgow West, Great Western Road, Glasgow
  • Wednesday 11th May - Mossfield Park, Oban

Tha last team to lift the cup were Sgoil an Iochdair from South Uist, making it 2 wins in a row, can they make it 3 in a row or will someone beat them to it in 2022!?

Last year, in partnership with FC Sonas, Cuach na Cloinne went online with videos for both players and facilitators. You can still view the videos on CnaG’s website. Everyone involved in Cuach na Cloinne are ecstatic that the competition is back on the playing field this year.

Marina Murray, Development Director at CnaG, said:

“We are delighted to be running the competition again this year after two years of regulations which stopped the event taking place in it’s usual format.  Cuach na Cloinne has built up a good reputation and is now firmly established in the school calendar, with the children all looking forward to playing in it.  We are looking forward to a highly successful competition this year with over 400 young people taking part.   It is a matter of great encouragement to see such high numbers participating. It is important that children going through Gaelic medium education are provided with opportunities to use their language outwith the classroom and also to meet with Gaelic-speaking children from other areas. 

I want to record my gratitude to the sponsors of Cuach na Cloinne, without whose assistance the competition wouldn’t happen. They are Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar and The Highland Council.  I also want to send my best wishes to all teams as they fight it out for this year’s title.”

Nicky Grant, Executive Chief Officer Education at Highland Council, said:

“At last, as we come out of Covid-19 - pupils will be able to hone their Gaelic and football skills at pitches across Scotland. I am delighted that two of the Cuach na Cloinne events will be held in Portree and Inverness.

“Highland Council is pleased to support Comunn na Gàidhlig to run the event which provides young people the opportunity to use their linguistic skills while taking part in extracurricular activities. Good luck to all the participants. I look forward to attending events in the future to support our local community.”

Donald Weir, Gaelic Officer for Comhairle nan Eilean Siar, said:

“Comhairle nan Eilean Siar are funding this project, which has been very successful over the years. The competition enhances pupils’ Gaelic learning experience by offering them opportunities to use the language outside of the classroom. By using Gaelic in these engaging, natural contexts, the competition both increases the confidence of young people in speaking Gaelic, and demonstrates that it is an everyday, relevant language in their lives.”

Brian Ó hEadhra, Partnerships and Funding Manager at Bòrd na Gàidhlig said:

“It gives us great joy to support this important project enabling children to come together in a fun way and use their Gaelic on the pitch. I’m sure that they will enjoy it and make up for the absence of Cuach na Cloinne over the last 2 years!”

Cuach na Cloinne 2022 is funded by Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar and The Highland Council, and organised by Comunn na Gàidhlig.

13 Apr 2022