Cuach na Cloinne - Farpais Sgìre na Gàidhealtachd

Cuach na Cloinne - Farpais Sgìre na Gàidhealtachd

Cuach na Cloinne - Farpais Sgìre na Gàidhealtachd

Bha sgoilearan FtG Chomhairle na Gàidhealtachd air an dòigh glan fàilte a chur air ‘Cuach na Cloinne’ dhan sgìre a-rithist, às dèidh còrr is dà bhliadhna às aonais na farpais.

Chaidh cuairtean sgìreil na farpais nàiseanta 5-gach-taobh a chumail ann am Pàirc a’ Bhucht, Inbhir Nis, tràth sa Chèitean.

Ghabh sgoilearan Clas 4-7 ann am Foghlam tron Ghàidhlig pàirt agus iad bho ghrunn àiteachan, a’ gabhail a-steach Cnoc na Creige, Geàrrloch, Ullapul agus Inbhir Nis. Am-bliadhna, bha fada a bharrachd chlann-nighean an lùib na farpais agus trì sgiobaidhean chlann-nighean bho Bhun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (BSGI) nam measg.    

Bha farpais teann dha-rìribh sa gheama mu dheireadh dhen latha eadar sgoilearan BSGI agus sgoilearan Bun-Sgoil Chnoc na Creige. Rinn BSGI an gnothach agus tha iad air faighinn troimhe chun na cuairte deireannaich a thèid a chumail air Diciadain 1 Ògmhios ann an Inbhir Nis.

Thuirt Lena Walker, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig: “Chluich na sgoilearan gu math agus chòrd an latha riutha gu mòr. Às leth Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, bu mhath leam taing mhòr a thoirt dha na coidseachan, na pàrantan agus luchd-obrach na sgoile. Tha sinn a’ toirt taing cuideachd do Chomunn na Gàidhlig a bhios a’ cur Cuach na Cloinne air dòigh le taic bho Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd.”

Thuirt Marina Mhoireach, Comunn na Gàidhlig: “B’ e latha sgoinneil eile dhen fharpais a bh’ ann an cuairt na Gàidhealtachd de Chuach na Cloinne. Bha na h-ìrean tàlaint, spòrsalachd, sunnd agus Gàidhlig uile àrd dha-rìribh, agus tha e na thlachd a bhith a’ toirt nan cothroman seo do dhaoine òga is do sgoiltean a-rithist. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn nam farpaiseach a-rithist aig an fharpais dheireannaich san Ògmhios!”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: gaelic@highland.gov.uk

Highland Area Regional Heats.

Highland Council Gaelic Medium pupils were delighted to welcome ‘Cuach na Cloinne’ back in the area after being in abeyance for over 2 years.

The regional heats of the national 5-a-side competition took place at the Bught Park Inverness, during early May.

Gaelic medium P4-7 pupils from schools including, Craighill, Gairloch, Ullapool and Inverness took part. This year many more girls participated than in previous years competitions, and this included 3 girls’ teams from Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (BSGI).

The final game of the day proved to be an extremely tight finish between Craighill and BSGI pupils, with BSGI winning through to the finals which will be held on Wednesday June 1st in Inverness.

Cuach na Cloinne - Farpais Sgìre na Gàidhealtachd

Cuach na Cloinne - Farpais Sgìre na Gàidhealtachd

Lena Walker Gaelic Development Manager said: “The pupils played well and really enjoyed the day. On behalf of the Highland Council’s Gaelic Team we would like to extend our considerable thanks to the coaches, parents, and school staff.  Thanks also go to Comunn na Gàidhlig who organise and manage Cuach na Cloinne with support from Highland Council’s Gaelic Team.”

Marina Mhoireach, Comunn na Gàidhlig said: “The Highland regional round of Cuach na Cloinne, was another excellent day in this year’s competition. The level of talent, sportsmanship, excitement and Gaelic were all very high, and it is a joy to be able to provide young people and schools these opportunities again. We look forward to seeing all finalists again at the finals in June!”

For further information contact: gaelic@highland.gov.uk

12 May 2022