Sgoil-Àraich Stafainn a’ faighinn sàr aithisg bho Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim

Sgoil-àraich pupils and Early Years Practitioners, Mrs Kenna Rennison (seated left) and Mrs Anna McDonnell (seated right)
Sgoil-àraich pupils and Early Years Practitioners, Mrs Kenna Rennison (seated left) and Mrs Anna McDonnell (seated right)

Às dèidh tadhal gun rabhadh o chionn ghoirid bho Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim, fhuair Sgoil-Àraich Stafainn sàr aithisg agus àrd-mholadh.

Thuirt a’ Bh-uas NicPhàrlain, Ceannard Bun-Sgoil Stafainn, “Tha mi fìor thoilichte leis an aithisg seo agus gu bheil sinn air ‘fìor mhath’ fhaighinn anns na ceithir inbhean cùraim. Bu toil leam taing a thoirt dhan luchd-obrach againn air fad airson an cuid obrach dhìcheallach, do phàrantan airson an taic leantainneach agus gu sònraichte dhan chloinn againn airson a bhith nan rionnagan beaga.”

Chomharraich an aithisg gun robh a’ chlann uile fìor thoilichte, gun robh iad a’ gabhail pàirt, gun robh tòrr fealla-dhà aca an lùib diofar chleasan agus gun robh e a’ còrdadh sònraichte math riutha a bhith air a’ bhlàr a-muigh. Chaidh toirt fa-near gun robh na dàimhean matha le teaghlaichean a’ cur taic ri leantainneachd cùraim agus com-pàirteachasan èifeachdach. Rinn an neach-sgrùdaidh moladh: ‘Bha eòlasan tlachdmhor, brosnachail is inntinneach air an tabhann dhan chloinn agus bha seo a’ brosnachadh iongantas, mac-meanmna agus cluiche còmhla. Bha soirbheachasan is coileanaidhean na cloinne air an aithneachadh is air an comharrachadh, gan cuideachadh gus a bhith moiteil is tapaidh agus a’ cur taic rim fèin-mhisneachd.’

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Bu toil leam an cothrom seo a ghabhail meal-an-naidheachd a chur air Sgoil-Àraich Stafainn agus iad air aithisg fhaighinn o chionn ghoirid às dèidh tadhal gun rabhadh bho Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim. Bha toraidhean na h-aithisge sàr-mhath agus tha mi moiteil gun d’ fhuair iad comharran àrda airson nan inbhean cùraim uile. Bu toil leam taing a thoirt dhan luchd-obrach is dhan luchd-stiùiridh dìleas uile a chuir ris an deagh fhios air ais a chaidh fhaotainn bhon sgrùdadh. Bu toil leam cuideachd taing a thoirt dha na teaghlaichean uile a bhios a’ cur taic ris an sgoil is an luchd-obrach. Tha seo na dheagh eisimpleir de dh’obrachadh com-pàirteach math is èifeachdach eadar na sgoiltean againn agus coimhearsnachd na sgoile san fharsaingeachd.”

Thuirt an Comhairliche Iain MacFhionnlaigh, Cathraiche Comataidh Foghlaim Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi fìor thoilichte cluinntinn mun deagh thadhal a bha aig Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim gu Sgoil-Àraich Stafainn, agus mun deagh fhios air ais a chaidh a thoirt seachad mar phàirt dhen sgrùdadh. Tha mi cinnteach gum bi an luchd-obrach, na pàrantan agus a’ choimhearsnachd moiteil a leithid de dh’fhios air ais fhaighinn agus seo a’ comharrachadh gu bheilear a’ dèanamh obair mhath gus taic a chur ri teaghlaichean agus clann. ’S math a rinn sibh uile.” 

Staffin Primary Nursery receives a glowing report from Care Inspectorate

Following a recent unannounced visit from the Care Inspectorate Sgoil-àraich at Staffin primary received an excellent report and high praise from the Care Inspectorate.

Mrs MacFarlane, Headteacher at Staffin Primary said: ” I am delighted with this report and to have received four “very good’ across all the four Care Standards. I would like to take the opportunity to thank all our staff for all their hard work, parents for their continued support and importantly our children for being the stars that they are.”

The report recognised that Children were all very happy and were engaged and having fun taking part in various activities as well as particularly enjoying being outdoors. It was noted that the positive relationships with families supported continuity of care and effective partnerships. The Inspector praised that the ‘Children were offered exciting, stimulating, and interesting experiences which promoted curiosity, imagination and collaborative play. The children's successes and achievements were recognised and celebrated, helping them develop a sense of pride, build resilience and support their self-esteem.’

Councillor Calum Munro, Chair of The Highland Council Gaelic Committee said: ” I would like to take this opportunity to congratulate Staffin Primary Sgoil-àraich on their recent report following on from an unannounced visit from the Care Inspectorate. The report findings were exemplary, and I am delighted that they received high grades for all the care standards. I would like to thank all the dedicated staff and management that contributed to the positive feedback received from the inspection and finally I wish to thank all the families that support the school and staff, this is a fine example of positive and effective partnership working between our schools and the extended school community.

Councillor John Finlayson, Chair of The Highland Council Education Committee said: “I am delighted to hear of the positive visit to Sgoil-àraich Staffin by the Care Inspectorate, and of the positive feedback given as part of the inspection that took place. I am sure the staff, parents and the community are delighted to get such good feedback which recognises the good work that is taking place to support families and children. S’ math a rinn sibh uile.”

14 Nov 2022