Cupa Iomain na h-Òige - 2023

Bun-sgoil Àth Tharracaill won the Cuach

Bun-sgoil Àth Tharracaill won the Cuach

Bidh Cupa Iomain na h-Òige a’ gabhail àite gach bliadhna agus ’s e ceann-latha cudromach a th’ ann air a’ mhìosachan neo-churraicealach do chloinn a tha a’ frithealadh Foghlam tron Ghàidhlig. Tha an tachartas a’ toirt cothrom do chloinn a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an àrainneachd spòrs.

Bha faisg air 100 sgoilear an làthair, le sia sgiobaidhean a’ gabhail pàirt san fharpais. Aig a’ cheann thall b’ e Bun-Sgoil Àth Tharracail a bhuannaich an cupa. Choisinn Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar A Duais Chomhairle na Gàidhealtachd airson a bhith sàr-mhath a’ cleachdadh na Gàidhlig, chan ann a-mhàin air an raon-chluiche ach tron latha air fad.

Bha sgoilearan Bun-Sgoil Shròn an t-Sìthein cuideachd an làthair mar aoighean airson an sgilean Gàidhlig a ghleusadh.

Tha sinn a’ toirt taing mhòr do Bhun-Sgoil Àth Tharracail airson aoigheachd a thoirt dhan tachartas.

Tha Cupa Iomain na h-Òige a’ faighinn maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha e air a lìbhrigeadh mar chom-pàirteachas eadar Iomain Cholm Cille agus Comhairle na Gàidhealtachd, le taic a bharrachd bho oifigearan leasachaidh Comann na Camanachd. Thug Oifigear Iomairtean Gàidhlig Chomunn na Gàidhlig (CnaG) seachad taic aig cuairt Àth Tharracail dhen fharpais cuideachd le bhith a’ cumail nan sgòraichean.

Thuirt Eòghan Stiùbhart, Co-òrdanaiche airson Iomain Cholm Cille, “Tha sinn a’ cur luach mòr air a’ chom-pàirteachas le Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus tha sinn fìor thoilichte a bhith ag obair còmhla ri Comunn na Gàidhlig agus Comann na Camanachd gus an tachartas a chur air dòigh.”

Thèid an ath chuairt de Chupa Iomain na h-Òige a chumail ann am Port Rìgh, san Eilean Sgitheanach, air an 21mh dhen Ghiblean.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho gaelic@highland.gov.uk.

Cupa Iomain na h-Òige Shinty festival

Cupa Iomain na h-Òige Shinty festival

Cupa Iomain na h-Òige - 2023

The Cupa Iomain na h-Òige Shinty festival is a regular feature on the extra-curricular calendar for children attending Gaelic Medium Education which provides Gaelic speaking youngsters’ equity and usage opportunities within the sporting environment.

Bun-sgoil Àth Tharracaill won the Cuach, Àth Tharracaill going undefeated with 6 teams competing. Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair A were awarded the Duais Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, the Highland Council Gaelic Award for exceptional use of Gaelic on the day both on and off the pitch.

Strontain Primary pupils also attended as guests to develop their Gaelic learning skills, up to 100 children were involved in the day. The next round of Cupa Iomain na h-Òige will be held in Portree, Isle of Skye on the 21st of April.

Many thanks to Bun-sgoil Àth Tharacaill Acharacle Primary School for hosting the event

Cupa Iomain na h-Òige is supported by funding from Bòrd na Gàidhlig. It is delivered as a partnership by Iomain Cholmcille and the Highland Council, with additional support from Camanachd Association Development Officers. The Acharacle round of Cupa Iomain na h-Òige was also supported by Comunn na Gàidhlig’s Iomairtean Gàidhlig officer. Thanks to Comunn na Gàidhlig for supporting today’s tournament with scorekeeping

Eoghan Stewart, Co-ordinator for Iomain Cholmcille said, “We highly value the partnership with Highland Council Gaelic Team and we are very happy to work with Comunn na Gàidhlig and the Camanachd Association to organise the event.

Further information contact gaelic@highland.gov.uk.

22 Mar 2023