Cuach na Cloinne 2023

Issued by CnaG

Last year’s Cuach na Cloinne winners Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Last year’s Cuach na Cloinne winners Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Tha Cuach na Cloinne 2023 an impis tòiseachadh – am prìomh fharpais spòrs eadar bun-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig bho air feadh Alba. Aon uair eile tha an àireamh de sgiobaidhean air clàradh air ìre àrd ùr a’ ruighinn le 84 sgioba air clàradh chun a seo am bliadhna-sa, is dh’fhaodadh siud a dhol suas fhathast.

Thèid a’ cho-fharpais a-ruith eadar Dimàirt 25mh den Ghiblein gu Diciadain 10mh den Chèitean, agus thèid a’ chuairt-deireannach a’ chluich air Diciadain 31mh den Chèitean aig Pàirce Chanal, Inbhir Nis. Bidh sgoiltean bho air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt ann.

’S e co-fharpais ball-coise nàiseanta, 5 air gach taobh, a th’ ann an Cuach na Cloinne. Bidh òigridh bho air feadh na dùthcha ann an C4-7 aig a’ bheil Gàidhlig a’ gabhail pàirt ann. Thèid farpaisean roinneil a chumail ann an:

  • Dimàirt 25 Giblean 2023, Àrd-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
  • Diaordain 27 Giblean 2023, Sgoil Lionacleit, Beinn nam Faodhla
  • Diardaoin 27 Giblean 2023, Pàirce uille aimsir, Steòrnabhagh
  • Dimàirt 2 Cèitean 2023, Pàirce Mossfield, An t-Òban
  • Diardaoin 4 Cèitean 2023, Pàirce Chanal, Inbhir Nis
  • Diciadain 10 Cèitean 2023, Goals, Glaschu an Iar, Rathad Mòr an Iar, Glaschu

Ann an 2022 b’ e Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a thog an Cupan – an dùil am faigh iad air a thogail airson an dàrna uair am bliadhna seo?!

Tha duaisean roinneil ùra ri chosnadh am bliadhna seo, le taic bho Astar Media, thèid duais shònraichte chompanaidh ùr Gàidhlig Astar, a thoirt don sgioba a bhuannaicheas an fharpais roinneil aca air an t-slighe chun an cuairt-deireannach nàiseanta agus a’ leantainn fios air ais bhon òigridh, bidh iad air an dòigh cupan fhaighinn airson nam farpaisean mòr roinneil a bhuannachadh!

An-uiridh, b’ e am bliadhna as motha a bh’ againn a-riamh anns an fharpais le 75 sgioba a’ gabhail pàirt bho air feadh na dùthcha. Tha sinn an dùil gum bidh I a cheart cho tarraingeach is mòr am bliadhna seo.

Thuirt Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG: ““Tha sinn uabhasach toilichte gun urrainn dhuinn an fharpais a lìbhrigeadh am bliadhna seo a-rithist, tha Cuach na Cloinne air cliù a chosnadh dha fhèin agus tha e a-nis gu mòr stèidhte ann am mìosachan nan sgoiltean, leis a’ chlann gu mòr a’ coimhead air adhart ris. 

Tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri farpais air leth soirbheachail air a’ bhliadhna-sa le faisg air 500 duine cloinne a’ gabhail pàirt ann a-rithist. Tha e na adhbhar misneachd dhuinn gu bheil uidhir de sgoiltean a’ gabhail pàirt.

Tha e cudromach gu bheil clann a tha a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ faighinn cothroman a bhith a’ cleachdadh an cànan taobh a-muigh an t-seòmar-sgoile agus a bhith a’ coinneachadh ri clann bho cheàrnaidhean eile aig a bheil a’ Ghàidhlig.  

Tha mi airson taing a thoirt do na buidhnean a tha a’ cur taic ri Cuach na Cloinne, `s iad sin, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Astar, agus a’ guidhe gach beannachd air na sgiobannan gu lèir a’ bhios a’ sabaid son tiotal Cuach na Cloinne 2023.”

Thuirt Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Calum Rothach: “Tha mi air leth toilichte gun deach aig Comhairle na Gàidhealtachd air taic a chumail ri Cuach na Cloinne airson bliadhna eile, agus toilichte cuideachd gu bheil an fharpais a’ tilleadh le na tha siud de dh’ùidh bho sgoiltean Ghàidhlig air feadh Alba. Tha làn dùil agam a bhith an làthair aig a’ chuairt roinneil ann am Port Rìgh an ath-sheachdain, agus tha mi a’ guidhe soirbheachas dha na sgiobaidhean ionadail air fad. Tha e cho cudromach cothroman spòrsail mar seo a thoirt dha na Gàidheil òga.”

Thuirt an Dtr Dòmhnall Weir, Oifigear Taic Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar (CnES): “Tha Comhairle nan Eilean Siar air leth toilichte taic a chur ris an fharpais shoirbheachail seo a-rithist am bliadhna-sa. Tha Cuach na Cloinne air a bhith sònraichte cudromach thairis air iomadh bliadhna ann a bhith a’ toirt chothroman dhan òigridh againn Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh nàdarra, taobh a-muigh na sgoile, fhad ’s a tha iad a’ dèanamh rudeigin a chòrdas riutha gu mòr.”

Thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh Bòrd na Gàidhlig: “Tha mi a’ cur fàilte air Cuach na Cloinne. Tha e math fhaicinn cothrom airson òigridh Gàidhlig a chleachdadh ann an spòrs agus airson òigridh à diofar sgìrean a thoirt còmhla ann an dòigh nàdarra far a bheil a’ Ghàidhlig aig cridhe na cùis.”

Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Stiùiridh aig Astar: “Tha e cho cudromach gu bheil barrachd suidheachaidhean mar seo ann gu faigh daoine òg an cothrom a bhith bruidhinn, dèanamh spòrs agus a’ farpais tron Ghàidhlig. ’S e iomairt air leth a th’ann an Cuach na Cloinne agus deagh eisimpleir de dhòigh neo-fhoirmeil agus spòrsail gus Ghàidhlig a chleachdadh còmhla taobh a-muigh na sgoile.”

Tha Cuach na Cloinne 2023 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd, le taic às ùr airson nam farpaisean roinneil le Astar agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Cuach na Cloinne 2023

Cuach na Cloinne 2023 is about to kick off – the biggest sporting competition for Gaelic Medium Primary Schools across Scotland. Once again the level of entries has set a new record, with 84 teams registered at this stage, a number which could still rise.  

The competition will be held between Tuesday 25 April and Wednesday 10 May with the final match happening on Wednesday 31 May at Canal Park, Inverness. Schools from all over the country will be taking part.

Cuach na Cloinne is a national 5-a-side football competition aimed at young people all over the country with Gaelic in P4-7. The regional competitions will take place in:

  • Tuesday 25 April 2023, Portree High School, Skye               
  • Thursday 27 April 2023, Sgoil Lionacleit, Benbecula
  • Thursday 27 April  2023, All Weather pitch, Smith Ave, Stornoway
  • Tuesday 2 May 2023, Mossfield Park, Oban
  • Thursday 4 May 2023, Canal Park, Inverness
  • Wednesday 10 May 2023, Goals, Glasgow West, Great Western Road, Glasgow

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh in Skye lifted the Cup in 2022, can they make it 2 in a row or will someone beat them to it in 2023!?

We are very pleased that, this year, with new sponsorship from new Gaelic company Astar, district trophies will be presented to the winners for each district competition. This is in response to feedback from the young people in previous years and we know the young people will be delighted to lift a trophy enroute to the national final where they will battle it out for the national trophy!

Marina Murray, Development Director at CnaG, said: “We are delighted to be running the competition again this year! Cuach na Cloinne has built up a good reputation and is now firmly established in the school calendar, with the children all looking forward to playing in it. We are looking forward to a highly successful competition this year with over 500 young people taking part.  It is a matter of great encouragement to see such high numbers participating. It is important that children going through Gaelic medium education are provided with opportunities to use their language outwith the classroom and also to meet with Gaelic-speaking children from other areas. 

I want to record my gratitude to the sponsors of Cuach na Cloinne, without whose assistance the competition wouldn’t happen. They are Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, The Highland Council and Astar.  I also want to send my best wishes to all teams as they fight it out for this year’s title.”

Chairman of Highland Council’s Gaelic Committee, Councillor Calum Munro said: “I am delighted that The Highland Council has been able to support Cuach na Cloinne for another year, and delighted to see the event returning with such strong interest from Gaelic Medium Primary schools across Scotland. I intend to attend the heats in Portree next week and I wish all the local teams every success. It’s so important to give these young Gaelic learners and speakers exciting opportunities like this.”

Dr Donald Weir, Gaelic Support Officer for Comhairle nan Eilean Siar (CnES) said: "Comhairle nan Eilean Siar are once again delighted to support this successful competition this year. Cuach na Cloinne has been extremely successful over a number of years in terms of providing opportunities for our young people to use Gaelic in a natural, extracurricular context, whilst doing something that they really enjoy".

Iain MacMillan, Director of Development at Bòrd na Gàidhlig, said: “Cuach na Cloinne is such an important event. It’s great to see young people from across the country given the opportunity to come together and use Gaelic in a fun and natural environment.”

Murdo MacSween, Managing Director of Astar, said: “It’s so important to develop more settings like this where young people can interact, be active and even compete in Gaelic. Cuach na Cloinne is a fantastic initiative and a great example of fun and informal use of Gaelic outside of the school environment.”

Cuach na Cloinne 2023 is funded by Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar and The Highland Council, with new sponsorship from Astar Media for prizes at the regional competitions, and organised by Comunn na Gàidhlig.

18 Apr 2023