Spòrs Ball-coise sa Ghearasdan!

FC Sonas at Fort William
FC Sonas at Fort William

Spòrs Ball-coise sa Ghearasdan!

Chuir Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air dòigh tachartas ball-coise aig Àrd-Sgoil Loch Abar do sgoilearan a bhios a’ frithealadh Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar.

Chaidh an tachartas a lìbhrigeadh le FC Sonas a bhios a’ tabhann seirbheis ball-coise tron Ghàidhlig do sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd agus thar sin.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha seo sgoinneil agus tha tachartasan a leithid seo cho fìor chudromach a thaobh a bhith a’ cur taic ri sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig. Tha seo cuideachd na phàirt de na gealltanasan againn ann am Plana na Gàidhlig – gu h-àraid co-cheangailte ri cleasan neo-churraicealach Foghlam tron Ghàidhlig.”

Thuirt Nicola Toal, pàrant san sgìre, “Tha sinn cho moiteil gun do ghabh 31 sgoilear pàirt san tachartas, agus gun do chòrd an latha glan riutha air fad. Is fìor thoil le mo mhac a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig agus mar sin bha esan air a dhòigh glan!”

Lean i air adhart, “Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri FC Sonas a bhith a’ tilleadh a Loch Abar a dh’aithghearr.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho gaelic@highland.gov.uk

Football Fun at the Fort!

Highland Council Gaelic Team organised and supported a Gaelic Medium football event for pupils who attend Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar, which took place at Lochaber High School.

The event was delivered by FC Sonas who offer a Gaelic Medium Football Service to schools across the Highlands and beyond.

Councillor Calum Munro, Chair of Highland Council Gàidhlig Committee said: “This is excellent and events such as these are hugely important to support pupils in Gaelic Medium Education. This also forms part of our commitments within the Gaelic Language Plan and especially in relation to extra-curricular Gaelic medium activities."

A local parent Nicola Toal, said: “We were delighted that 31 pupils took part in the event, all of whom enjoyed the day, also my son loves speaking Gaelic so he was in his element!”

She continued “We are all looking forward to FC Sonas returning to Lochaber in the near future.”

For further information please contact gaelic@highland.gov.uk

3 May 2023