Ealain chruthachail a’ cur taic ri cànan is cultar na Gàidhlig aig Bun-Sgoil Dhùn Bheagain

children run from chair to chair during a game

Chuir Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd bùithtean-obrach dràma is òrain Ghàidhlig air dòigh do sgoilearan na Sgoil-Àraich agus Foghlam tron Ghàidhlig ann am Bun-Sgoil Dhùn Bheagain o chionn ghoirid.

Chaidh na seiseanan dràma a stiùireadh leis an neach-ealain chliùiteach Artair Donald agus chaidh na seiseanan òran a stiùireadh leis an neach-chiùil Ghàidhlig Kathleen NicDhòmhnaill, a bhuineas dhan sgìre fhèin.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi moiteil gun robh na cleasan Gàidhlig a chaidh a lìbhrigeadh aig Bun-Sgoil Dhùn Bheagain cho soirbheachail do na sgoilearan agus dhan luchd-obrach. Tha iomairtean a tha a’ cur taic ri foghlam Gàidhlig agus a tha a’ neartachadh cànan is cultar na Gàidhlig taobh a-staigh suidheachadh foirmeil foghlaim fìor chudromach dhan òigridh againn.

“Tha a bhith a’ toirt chothroman seachad a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh spòrsail is cruthachail a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan sgoile againn. Bu mhath leam aithneachadh gun tug Bòrd na Gàidhlig taic ionmhasail dhan phròiseact.”

Thuirt Ceannard na Sgoile, Samantha Muir: “Chòrd e glan ris an òigridh a bhith a’ gabhail pàirt anns a’ bhùth-obrach dràma is òrain Ghàidhlig. Bha e sgoinneil a bhith a’ faicinn nan sgoilearan a’ gabhail pàirt cho math anns na cleasan Gàidhlig agus bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt dhan a h-uile duine a bha an lùib a bhith a’ cur nan seiseanan air dòigh gus taic a chur ri ionnsachadh cànain nan sgoilearan agus a thug cothrom dhaibh eòlas nas doimhne a chur air cànan is cultar na Gàidhlig.”

 

Creative arts supporting Gaelic language and culture at Dunvegan Primary

The Highland Council Gaelic Team recently organised Gaelic song and drama workshops for the Sgoil-Àraich and Gaelic medium pupils at Dunvegan Primary School.

The drama sessions were led by established artist Arthur Donald and the Gaelic song sessions were delivered by Kathleen MacDonald, a local Gaelic musician.

Councillor Calum Munro, Chair of the Highland Council Gaelic Committee said: “I am delighted that the Gaelic activities delivered at Dunvegan Primary were a success with the Gaelic medium pupils and Gaelic teaching staff. Initiatives that support Gaelic Education and enrich the Gaelic language and culture within the formal education setting are important for our young people.

“Providing opportunities to use the Gaelic language within a fun and creative setting encourages and increases Gaelic usage within our school communities. I would like to acknowledge the financial support the project received from Bòrd na Gàidhlig.”

Head Teacher, Samantha Muir said: “The young people all thoroughly enjoyed participating in the Gaelic song and drama workshop. It was great to see pupils engaging so positively in Gaelic activities and I would like to take this opportunity to thank everyone involved in organising the sessions that supported the pupils’ language learning and enabled our pupils to gain a greater insight into the Gaelic language and culture.”

children run from chair to chair during a game

21 Sep 2023