Pròiseact ùr Facal is Fearann do sgoilearan na Gàidhealtachd san Eilean Sgitheanach

Ainmean-Àite na h-Alba at Staffin Primary November 2023
Photo of Ainmean-Àite na h-Alba at Staffin Primary

Dh’obraich Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd ann an com-pàirteachas le Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) airson pròiseact Facal is Fearann a chur air dòigh is a lìbhrigeadh do sgoiltean anns an Eilean Sgitheanach.

Ghabh sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh, Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh agus Bun-Sgoil Stafainn pàirt sa phròiseact phìleatach do sgoilearan FtG ann an C4-7 agus ÀS1-2.

Tha am pròiseact ag amas air eòlas is tuigse a thoirt do sgoilearan mu nithean a leithid freumh-fhaclachd, mar a tha ainmean-àite air an cruthachadh, na tha na diofar eileamaidean a’ ciallachadh, a bhith a’ leughadh is a’ dèanamh mhapaichean, agus cho cudromach ’s a tha e ainmean-àite agus an ciallan a ghleidheadh.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi cho toilichte cluinntinn mun phròiseact ùr sgoinneil seo le Ainmean-Àite na h-Alba, a tha air beairteas fiosrachaidh a thoirt dhan chloinn. Tha e cudromach gum bi sinn a’ toirt cothrom do sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig pàirt a ghabhail ann an iomairtean a leithid seo a bheir orra smaoineachadh mu ainmean-àite Gàidhlig sna coimhearsnachdan aca fhèin agus mun eachdraidh a tha co-cheangailte riutha.”

Thuirt Eilidh Scammell, Manaidsear Pròiseict aig Ainmean-Àite na h-Alba: “Tha Ainmean-Àite na h-Alba fìor thoilichte a bhith an sàs sa phròiseact Facal is Fearann le Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd.”

Lean i air adhart: “Tha a bhith a’ teagasg chloinne mun chruth-thìre Ghàidhlig agus mu na dòighean sa bheil ainmean-àite air an cruthachadh fìor chudromach a thaobh a bhith a’ daingneachadh na Gàidhlig am measg nan ginealaichean ri teachd agus a thaobh a bhith a’ leudachadh ar tuigse air an àite a tha aig a’ Ghàidhlig sa chruth-thìre againn.”

Thuirt Tony Breen, Ceannard Àrd-Sgoil Phort Rìgh: “Tha e sgoinneil gun robh cothrom aig ar n-òigridh pàirt a ghabhail ann am pròiseact Facal is Fearann. Tha cothrom air a bhith aca na dàimhean aca fhèin leis a’ choimhearsnachd a neartachadh fhad ’s a tha iad cuideachd air a bhith ag ionnsachadh mu dhòighean gus ceanglaichean a thogail eadar an eachdraidh, an cruinn-eòlas agus an dualchas Gàidhlig aca fhèin. Bha ùidh mhòr aig na sgoilearan againn sa phròiseact agus tha sinn fada an comain Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus Ainmean-Àite na h-Alba airson a’ chothruim seo.”

Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) - Facal is Fearann

Photo: Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) - Facal is Fearann

Facal is Fearann is a first for Highland pupils in the Isle of Skye

The Highland Council Gaelic Team worked in partnership with Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) to organise and deliver the project Facal is Fearann to schools in the Isle of Skye.

Gaelic medium pupils attending Portree High School, Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh and Staffin Primary School took part in the project, an etymology pilot course aimed at Gaelic medium pupils in P4-7 and secondary pupils in S1-S2.

The project aims to provide pupils with an understanding of the basics of place-name construction and element meanings, map reading and drawing skills and the importance of preserving place-names and their meanings.

Councillor Calum Munro, Chair of Highland Council’s Gaelic Committee said: “I am delighted to hear about this exciting new project with Ainmean-Àite na h-Alba, which has been a hugely enriching learning experience for the children. It is important that we continue to offer our Gaelic medium pupils the opportunity to engage in initiatives that enable them to think about Gaelic place-names within their own local communities and the history connected to the local place-names.”

Eilidh Scammell, Project Manager at Gaelic Place-names of Scotland said: “Ainmean-Àite na h-Alba are delighted to be involved in the Facal is Fearann project with The Highland Council Gaelic Team.”

She continued: “Teaching children about the Gaelic landscape and how place-names are formed plays an important role in securing the Gaelic language for future generations and broadening our understanding of the role Gaelic plays in our landscape.”

Portree High School Headteacher Tony Breen said: “I am delighted that our young people had the opportunity to engage with the Facal is Fearann project. They have had the opportunity to strengthen their links with the community while also learning to make connections between their own local history, geography, and Gaelic heritage. Our pupils were engaged and enthusiastic, and we are grateful to Highland Council’s Gaelic Team and Ainmean-Àite na h-Alba for this opportunity.”

5 Dec 2023