Geàrr-liostaichean beò airson FilmG

Image of FilmG theatre
Photo of The FilmG Awards venue in the Lomond Auditorium of Glasgow’s SEC.

Issued by FilmG

’S dòcha gu bheil cuid agaibh a’ coimhead air adhart ri na Baftas agus Oscars, ach tha coimhearsnachdan Gàidhlig trang ag ullachadh airson an oidhche film Gàidhlig as motha den bhliadhna: na Duaisean FilmG. 

Geàrr-liostaichean -18   Geàrr-liostaichean 18+

Tha còrr air 50 film air na geàrr-liostaichean airson Duaisean FilmG; oidhche a bhios a’ comharrachadh nan sgeulaichean agus nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Bidh buannaichean air an crùnadh ann an roinnean leithid an Cluiche as Fheàrr, Coltas as Fheàrr, Sàr-dhuais Teicnigeach agus an duais chliùiteach airson am Film as Fheàrr. 

Air thoiseach le ceithir ainmeachaidhean san fharpais -18 tha ‘A Bheil Thu An Sin?’, dràma saidhgeòlach leis a’ bhuidheann neo-eisimeileach ùr, Lost Rollerskate Pictures, bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Anns an fharpais 18+, tha ‘Blàr nan Gàidheal’ aig a’ charthannas Inbhir Nis FC Sonas, a tha ag innse sgeulachd a’ chiad gheama ball-coise oifigeil ann an Gàidhlig, le ceithir ainmeachaidhean, air a leantainn gu dlùth le Tormod MacLeòid, a tha stèidhichte ann an Eilean Leòdhais, ‘An Tiodhlaiceadh’ (le trì ainmeachaidhean).

Le obair nam britheamhan a-nis deiseil, ‘s e Duaisean Roghainn FilmG na h-aon roinnean fhathast ri cho-dhùnadh, le bhòt phoblach airson nan roinnean sin fhathast fosgailte gu meadhan oidhche, 2 Gearran. Faodar bhòtaichean a chuir a-steach air-loidhne leis a’ phoball aig www.FilmG.co.uk.

Thuirt Rachel Kennedy, Britheamh FilmG agus rionnag an t-sreath dràma ainmeil An Clò Mòr air BBC ALBA:

“’S e bliadhna air leth a th’ air a bhith ann airson FilmG, le còrr air 160 tagradh – an àireamh as àirde de fhilmichean bho thòisich an fharpais. Tha am miann airson na farpais sgoinneil, ach tha e a’ fàgail ar n-obair mar bhritheamhan uabhasach duilich leis gu bheil uimhir de thàlant ann. Thathas air beachdachadh gu faiceallach air a’ gheàrr-liosta againn agus tha e a’ taisbeanadh nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr a tha stèidhichte air riochdachadh, comas teicnigeach, agus seanchas. Bho sàr-sgilean beò-dhealbhaidh gu prògraman aithriseach faireachail; tha an ìre àrd de thàlant, cruthachaileachd, agus oidhirp air a bhith follaiseach anns a h-uile film air a’ gheàrr-liosta agus tha iad uile airidh air a bhith sa chuairt dheireannaich.” 

Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG: 

“B’ e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa agus ghabh a h-uile duine seo tro bhith a’ taisbeanadh nan diofar sheallaidhean aca. Tha na filmichean air a’ gheàrr-liosta a’ nochdadh tuigse dhomhainn air sealladh agus cho cudromach ‘s a tha e èisteachd ri iomadach guth na h-Alba. Tha an luchd-ainmichte fhèin a’ riochdachadh diofar sheallaidhean bho air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach Inbhir Theòrsa, Port Rìgh, Glaschu, Na Hearadh, Leòdhas, Dùn Omhain, agus Inbhir Nis. Gu tric, nuair a smaoinicheas sinn air gnìomhachas nam film, bidh sinn a’ smaoineachadh air Lunnainn no Glaschu, ach tha FilmG a’ sealltainn gu bheil beairteas de thàlant ri lorg anns gach ceàrnaidh de dh’Alba (agus nas fhaide air falbh) agus gu bheil e cudromach na guthan sin a bhrosnachadh gu bhith air an cluinntinn.”

Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Manaidsear Clàr-phrògraman aig MG ALBA:    

“Meal an naidheachd air a h-uile neach-ainmichte am-bliadhna – tha e mìorbhaileach a bhith faicinn taghadh cho eadar-mheasgte de sgeulachdan agus a bhith ag aithneachadh an sgil, an tàlant, agus an oidhirp mhòr theicnigeach a bheir e gus an toirt beò. Tha oidhche nan Duaisean na àite far an tèid an tàlant seo aithneachadh agus tha mi air bhioran faicinn cò a thèid a chrùnadh mar bhuannaichean FilmG air 23 Gearran. Airson a’ chiad uair a-riamh, tha filmeadairean à Eilean Mhanainn agus Canada air a’ gheàrr-liosta, a’ sealltainn ruigsinneachd eadar-nàiseanta farpais nam film Gàidhlig. Tha sinn an dòchas leantainn air adhart a’ leasachadh ceanglaichean thar-nàiseanta FilmG agus a’ toirt taic do fhilmeadairean tàlantach a tha a’ nochdadh air feadh Alba.” 

Thèid Duaisean FilmG a chumail air 23 Gearran ann an Audrium Laomainn, SEC ann an Glaschu. Thèid na duaisean a chraoladh beò air YouTube le prògram gu bhith air a chraoladh dà latha às dèidh sin air BBC ALBA (Didòmhnaich 25 Gearran.)

Geàrr-liostaichean air fad:

-18

Film as Fheàrr (-18)

  • Bràthair Mòr Nan Gàidheal!! – Fionnlagh & Calum Moireasdan
  • Na Caimbeulaich – Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain
  • Iomlaineachd – Parker Dawes
  • A Bheil Thu An Sin? – Dealbhan Spèileachan-rola Air Chall

Cluiche as Fheàrr (-18)

  • Benji Bell & Raonaid NicUilleam – A’ Foghlam SGG
  • Iseabel NicRath – Bean na Bainnse
  • Hannah Robasdan – Seo do Bheatha
  • Billy Rodgers – Beatha Dìomhair nan Tidsearan
  • Fionnlagh & Calum Moireasdan – Bràthair Mòr Nan Gàidheal!!
  • Tòmas Dimbleby Weber – A Bheil Thu An Sin?

Film Aithriseach as Fheàrr (-18) 

  • BaidhsaGaels – Balaich CnaG Àrd-sgoil MhicNeacail
  • Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa – Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa
  • Mrs NicDhòmhnaill – Àrd-sgoil Phort Rìgh
  • Aillse, Sealladh Marsaili – Sgoil Lìonacleit

Rionnag as Fheàrr (-18)

  • Donaidh MacAsgaill – Òran Eile Don Phrionnsa
  • Jasmine Krzyzanowska-Pawlak – Sealladh na Bànrigh
  • Willow NicFhearghais – Mrs NicDhòmhnaill
  • Isla Scott – Nuair Thigeas An Oidhch’
  • Sophie Nic a’ Ghobhainn – An Glaoine Nan Draoidh
  • Silas MacIlleDhuinn – Ionndrainn

Coltas as Fheàrr (-18)         

  • Bean na Bainnse – Clas nam Meadhanan Àrd-sgoil Phort Rìgh
  • A Bheil Thu An Sin? -Dealbhan Spèileachan-rola Air Chall
  • Iomlaineachd – Parker Dawes
  • Na Caimbeulaich – Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain

Sgioba Òg as Fheàrr (-18)

  • Dè Do Bheachd? – Sgoil an Taobh Siar
  • Fògarrach no Fortanach? – Bun-sgoil Bruach na Muilne
  • Cluedo – Àrd-sgoil Greenfaulds
  • Sealladh à Siabost – Sgoil Shiaboist & Comann Eachdraidh an Taobh Siar
  • Am Bodach Bochd – Sgoil Stafainn
  • Fuirich air Falbh – Sgoil a’ Bhac

Sgeulachd as Fheàrr (-18) 

  • Sgàthan – Rosa O’Halloran
  • A Bheil Thu An Sin? – Dealbhan Spèileachan-rola Air Chall
  • Òran Eile Don Phrionnsa – Àrd-sgoil Àird nam Murchan
  • Iain Isbean agus a’ Chaora Bheag – Àrd-sgoil Thiriodh
  • An Dà Shealladh – Acadamaidh Bhràghad Albainn
  • Dè Thachair? – Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain

An Duais Bhrosnachail (-18) 

  • Ar Sgoil, Ar Sealladh – Àrd sgoil Cheann Loch Biorbhaidh
  • An Dà Shealladh – Acadamaidh Bhràghad Albainn
  • Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa – Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa
  • An Dam – Bunscoill Ghaelgagh, Eilean Mhanainn
  • An Tàillear Paraisteach – Sgoil Hogama, Alba Nuadh
  • Sealladh na Seachdain – Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

18+

Film as Fheàrr (18+)

  • Sealladh mo Sheanair – Kayleigh Bell
  • An Tiodhlaiceadh – Tormod MacLeòid
  • Brògan – Niamh Blane
  • Blàr nan Gàidheal – FC Sonas

Cluiche as Fheàrr (18+)

  • Cara Turner & Ciorstaidh NicBheathain – Barabal
  • Evie Waddell – Fios no Fois
  • Dùghall Mac a’ Phì – An Leabhar Prìseil
  • Coinneach Mac a’ Ghobhainn – An Tiodhlaiceadh
  • Blythe NicUilleam – Blythe aguas Dyslexia
  • Niamh Blane – Brògan

An Duais Coimhearsnachd (18+)

  • Blàr nan Gàidheal – FC Sonas
  • Còisir – Mgr M! – Raonaid Urchadan
  • Màthair Giuthais – Lateral North & Ali Berardelli
  • Ar Coimhearsnachd, Ar Beachdan – Urras Oighreachd Ghabhsainn

Coltas as Fheàrr (18+) 

  • Rach Air Chuairt Cuimhne – Ealasaid Turner
  • Blàr nan Gàidheal – FC Sonas
  • Seall agus Innis – Diùid MacDhòmhnaill
  • Briseadh – Eilidh NicIain

An Sàr-dhuais Teicnigeach (18+)

  • Keri NicIain – Peas Ealain
  • Tormod MacLeòid – An Tiodhlaiceadh
  • Allan Crook – A’ Gabhail Ris
  • Mànus Greumach – Blàr nan Gàidheal
  • Raonaid Urchadan – Còisir – Mgr M!
  • Ross Young – A’ Sreap Corran Tuathail

An Duais Bhrosnachail (18+)

  • Seòladh-Tillidh – Lucy Evans
  • Gael ann an Glaschu – Fionnlagh Olley
  • Campachadh – Luca Kerr
  • Mise, Taibhse, agus Cànain Eile – Shauna NicAoidh
  • Na Gàidheal Dubha – Coileat NicThòmais
  • Ar Slighe – An Clas Camelon

Nominees announced for FilmG

While some may be eagerly awaiting the Baftas and Oscars, Scotland’s Gaelic communities are busy preparing for Gaelic film’s biggest night of the year: the FilmG Awards.

-18 Shortlists 18+ Shortlists 

Over 50 films have been shortlisted for the FilmG Awards, a night celebrating the best Gaelic storytellers and filmmakers in Scotland and beyond. Winners will be crowned in categories such as Best Performance, Best Production Design, Technical Excellence, and the Best Film Award.

Leading the way with four nominations in the Under-18 competition is ‘A Bheil Thu An Sin?‘, a psychological drama by the new independent filmmaking group Lost Rollerskate Pictures from Glasgow Gaelic School.

In the Over-18 competition, Inverness charity FC Sonas’s ‘Blàr nan Gàidheal’, which tells the story of the first-ever official football match in Gaelic, also has four nominations, closely followed by Isle of Lewis-based Tormod MacLeod’s funeral farce ‘An Tiodhlaiceadh’ (three nominations).

With the judges’ job now complete, the only categories still to be decided are the FilmG Choice Awards, with the public vote for these categories still open until midnight, 2nd February. Votes can be cast online by the public at www.FilmG.co.uk.    

Rachel Kennedy, FilmG Judge and star of hit BBC ALBA drama series An Clò Mòr, said:  

“It’s been a record-breaking year for FilmG, with over 160 entries – the highest number of submissions since the competition began. The appetite for the competition is brilliant, but it makes our job as judges incredibly difficult as there is so much talent to choose from. Our shortlist has been carefully considered and showcases the best Gaelic filmmakers based on production, technical ability, and storytelling. From highly skilled animation to tear-jerking documentaries and cutting-edge dramas, the high level of talent, creativity, and effort has been evident in every film shortlisted, and they are all deserved finalists.”

FilmG Project Manager Megan Dale said:

“The theme for this year was “Mo Shealladh’ (My Point of View), and all the entrants embraced this by showcasing different perspectives and playing with form. The shortlisted films show a deep understanding of perspective and the importance of listening to Scotland’s multitude of voices. The nominees represent different perspectives from all over Scotland, including Thurso, Portree, Glasgow, Harris, Lewis, Dunoon, and Inverness. Often, when we think of the film industry, we picture London or Glasgow, but FilmG shows that a wealth of talent can be found in all corners of Scotland (and beyond) and that it is important to encourage these voices to be heard.”

MG ALBA’s Head of Publishing Maggie Taylor said:

“Congratulations to all the nominees this year – it’s wonderful to see such a diverse selection of stories and to acknowledge the skill, talent, and enormous technical effort it takes to bring them alive. The Awards night is where this talent can be recognised, and I’m excited to see who will be crowned FilmG winners on 23rd February. For the first time, the nominees list includes Gaelic filmmakers from the Isle of Man and Canada, showing the international reach of the Gaelic film competition. We hope to continue developing FilmG’s transnational ties and supporting the talented filmmakers emerging across Scotland.”

The Highlands have again performed well in FilmG with multiple nominations in the -18 Competition. 

'Ar Sealladh' by Thurso High School, 'Sealladh na Seachdain' by Inverness Royal Academy and 'Ar Sgoil, Ar Sealladh' by Kinlochbervie High School (all for the Inspiration Award); and 'Fògarrach no Fortanach' by Millbank Primary School (Nairn) and 'Am Bodach Bochd' by Staffin Primary are on the shortlist for Best Youth Group.  

Every single nominee in the Rionnag (Star Award) for individual technical excellence has come from the Highlands and Islands: Jasmine Krzyzanowska-Pawlak and Sophie Smith from Inverness, Donnie MacAskill from Ardnamurchan High School, Silas Brown from Ullapool High School, Willow Ferguson from Portree High School and Isla Scott from the Isle of Harris round out a very competitive category.  

Hannah Robertson from Tain Royal Academy and Iseabel MacRae from Portree High School are also on the shortlist for Best Performance. 

In the 18+ competition, Blythe Wilson from Strathpeffer was nominated for the Best Performance Award, and Keri Johnson from Inverness was nominated for the Technical Excellence Award. Last year's Best Film winners, Allan Crook and Eilidh Johnson from Inverness, made separate films this year, picking up nominations for Technical Excellence and Best Production Design, respectively.

FC Sonas' 'Blàr nan Gàidheal' has picked up nods for Best Film, Best Production Design, the Community Award and an individual nomination for filmmaker Magnus Graham from the Isle of Skye for the Technical Excellence Award.  

Inverness filmmaker Rachel Urquhart has also picked up two nominations, with 'Còisir – Mgr M!' nominated for the Community Award and Rachel herself nominated for the Technical Excellence Award. 
Isle of Skye

Skye has traditionally been well-represented at the FilmG awards; this year is no exception. 

In the -18 competition, 'Mrs NicDhòmhnaill' and 'Bean na Bainnse' by Portree High School have been nominated for Best Film and Best Production Design, respectively. 

'Am Bodach Bochd' by Staffin Primary School has been nominated for Best Youth Group, and from Portree High School, Iseabel MacRae has been nominated for Best Performance and Willow Ferguson is nominated for the Rionnag (Star) Award. 

In the 18+ competition, Magnus Graham from Skye has been nominated for the Technical Excellence Award alongside Sabhal Mòr Ostaig student Rachel Urquhart, whose film 'Còisir – Mgr M!' also picked up a nomination for the Community Award. 

The FilmG Awards will take place on 23rd February in the Lomond Auditorium of Glasgow’s illustrious SEC. The awards will be live-streamed to YouTube, with a highlights programme to be broadcast two days later on BBC ALBA (Sunday, 25th February.)

Shortlists in Full:

-18

Best Film (-18)

  • Bràthair Mòr Nan Gàidheal!! – Finlay & Calum Morrison
  • Na Caimbeulaich – Dunoon Grammar School
  • Iomlaineachd – Parker Dawes
  • A Bheil Thu An Sin? – Lost Rollerskate Pictures

Best Performance (-18) 

  • Benji Bell & Rachael Wilson – A’ Foghlam SGG
  • Iseabel MacRae – Bean na Bainnse
  • Hannah Robertson – Seo do Bheatha
  • Billy Rodgers – Beatha Dìomhair nan Tidsearan
  • Finlay & Calum Morrison – Bràthair Mòr Nan Gàidheal!!
  • Tomas Dimbleby Weber – A Bheil Thu An Sin?

 Best Documentary (-18)

  • BaidhsaGaels – Balaich CnaG Nicolson Institute
  • Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa – Thurso High School
  • Mrs NicDhòmhnaill – Portree High School
  • Aillse, Sealladh Marsaili – Sgoil Lionacleit

Rionnag (Star Award) (-18) 

  • Donnie MacAskill – Òran Eile Don Phrionnsa
  • Jasmine Krzyzanowska-Pawlak – Sealladh na Bànrigh
  • Willow Ferguson – Mrs NicDhòmhnaill
  • Isla Scott – Nuair Thigeas An Oidhch’
  • Sophie Smith – An Glaoine Nan Draoidh
  • Silas Brown – Ionndrainn 

Best Production Design (-18) 

  • Bean na Bainnse – Portree High School Media Class
  • A Bheil Thu An Sin? – Lost Rollerskate Pictures
  • Iomlaineachd – Parker Dawes
  • Na Caimbeulaich – Dunoon Grammar School

Best Youth Group (-18)

  • Dè Do Bheachd? – Sgoil an Taobh Siar
  • Fògarrach no Fortanach? – Millbank Primary School
  • Cluedo – Greenfaulds High School
  • Sealladh à Siabost – Sgoil Shiaboist & Comann Eachdraidh an Taobh Siar
  • Am Bodach Bochd – Staffin Primary School
  • Fuirich air Falbh – Sgoil a’ Bhac 

Sgeulachd (Best Story) (-18) 

  • Sgàthan – Rosa O’Halloran
  • A Bheil Thu An Sin? – Lost Rollerskate Pictures
  • Òran Eile Don Phrionnsa – Ardnamurchan High School
  • Iain Isbean agus a’ Chaora Bheag – Tiree High School
  • An Dà Shealladh – Breadalbane Academy
  • Dè Thachair? – Dunoon Grammar School

The Inspiration Award (-18) 

  • Ar Sgoil, Ar Sealladh – Kinlochbervie High School
  • An Dà Shealladh – Breadalbane Academy
  • Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa – Thurso High School
  • An Dam – Bunscoill Ghaelgagh, Isle of Man
  • An Tàillear Paraisteach – Whycocomagh Education Centre, Nova Scotia
  • Sealladh na Seachdain – Inverness Royal Academy

18+

Best Film (18+) 

  • Sealladh mo Sheanair – Kayleigh Bell
  • An Tiodhlaiceadh – Tormod MacLeod
  • Brògan – Niamh Blane
  • Blàr nan Gàidheal – FC Sonas 

Best Performance (18+) 

  • Cara Turner & Kirsty MacBain – Barabal
  • Evie Waddell – Fios no Fois
  • Dougie MacPhee – An Leabhar Prìseil
  • Coinneach Smith – An Tiodhlaiceadh
  • Blythe Wilson – Blythe aguas Dyslexia
  • Niamh Blane – Brògan 

Community Award (18+) 

  • Blàr nan Gàidheal – FC Sonas
  • Còisir – Mgr M! – Rachel Urquhart
  • Màthair Giuthais – Lateral North & Ali Berardelli
  • Ar Coimhearsnachd, Ar Beachdan – Galson Estate Trust 

Best Production Design (18+) 

  • Rach Air Chuairt Cuimhne – Elizabeth Turner
  • Blàr nan Gàidheal – FC Sonas
  • Seall agus Innis – Jude Sampson
  • Briseadh – Eilidh Johnson 

The Technical Excellence Award (18+) 

  • Keri Johnson – Peas Ealain
  • Tormod MacLeod – An Tiodhlaiceadh
  • Allan Crook – A’ Gabhail Ris
  • Magnus Graham – Blàr nan Gàidheal
  • Rachel Urquhart – Còisir – Mgr M!
  • Ross Young – A’ Sreap Corran Tuathail 

The Inspiration Award (18+) 

  • Seòladh-Tillidh – Lucy Evans
  • Gael ann an Glaschu – Finlay Olley
  • Campachadh – Luca Kerr
  • Mise, Taibhse, agus Cànain Eile – Shauna MacKay
  • Na Gàidheal Dubha – Colette Thomas
  • Ar Slighe – An Clas Camelon

 

8 Feb 2024