Buannaichean air an ainmeachadh aig na duaisean as motha a-riamh aig FilmG

The Inspiration Award (-18). Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa. Thurso High School
Photo: The Inspiration Award (-18). Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa. Thurso High School

Issued by FilmG

Air oidhche Haoine, chaidh buannaichean farpais fhilmichean goirid Gàidhlig na bliadhna-sa ainmeachadh gu luchd-èisteachd de cha mhòr 500 filmeadair, proifeiseantaich gnìomhachais, agus luchd-leantainn FilmG.

Chaidh an tachartas a chumail ann an Seòmar Laomainn an SEC ann an Glaschu agus chaidh a phreasantadh le aoighean BBC ALBA Lana Pheutan agus Hannah NicKirdy a bha os cionn buannaichean a chaidh a chrùnadh thairis air 16 roinnean.

B’ e Parker Dawes a choisinn am Film as Fheàrr le Iomlaineachd san fharpais -18. Seo an dàrna bliadhna a tha Dawes air an duais a chosnadh, mar theisteanas air a chomas sgeulachdan innse sa Ghàidhlig agus an leasachadh leantainneach na cheàird, ga dhearbhadh mar aon de na tàlantan òga as fheàrr ann an Alba. 

A’ buannachadh am Film as Fheàrr san fharpais 18+, bha am film aithriseach le Kayleigh Bell, Sealladh mo Sheanair, a tha a’ sealltainn “Sealladh a Seanair” tro shreath agallamhan. Seo a’ chiad duais a choisinn Kayleigh aig na Duaisean FilmG.

Am measg an fheadhainn a choisinn duaisean eile, tha Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa a choisinn an Duais Bhrosnachail san fharpais -18 airson an fhilm Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa, film aithriseach a tha a’ rannsachadh bheachdan thidsearan is sgoilearan Inbhir Theòrsa air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Chaidh an Duais Bhrosnachail san fharpais 18+ gu Luca Kerr à Dùn Èideann le Campachadh.

Choisinn a’ chompanaidh riochdachaidh Dealbhan Spèileachan-Rola air Chall, à Glaschu, an Sgeulachd as Fheàrr (-18) airson an fhilm aca A Bheil Thu An Sin? Seo a’ chiad bhliadhna a chaidh a’ chompanaidh an sàs ann am FilmG, le oileanach àrd-sgoile, Tomas Dimbleby Weber os a chionn.

Chaidh an Sàr-Dhuais Teicnigeach (18+) gu Rachel Urchadan à Inbhir Nis, airson a cuid obrach air an fhilm aithriseach Còisir – Mgr M! mun bhuaidh a thug Mgr Mac a’ Mhaoilein agus a chòisir air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Chaidh an Rionnag as Fheàrr (-18), an duais airson an tabhartas as fheàrr far-sgrion, gu Jasmine Krzyzanowska-Pawlak bho Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn ann an Inbhir Nis – a tha ag ionnsachadh Gàidhlig mar an treas chànan aice – airson a h-obair camara air Sealladh na Bànrigh

Tha Fionnlagh Moireasdan, a choisinn Cluiche as Fheàrr an-uiridh, air an duais a bhuannachadh a-rithist san fharpais -18. Am-bliadhna tha e ga roinn le a bhràthair Calum airson na rinn iad anns a’ chomadaidh Bràthair Mòr Nan Gàidheal!!. Anns an fharpais 18+, choisinn Evie Waddell, seinneadair Gàidhlig is Albais a bhuineadh do Shiorrachd Shruighlea, an Cluiche as Fheàrr airson an fhilm aice Fios no Fois. Tha am film aice a’ sgrùdadh na mì-chinnt a th’ aig eòlas bodhar tro òrain Ghàidhlig, dannsa, agus BSL.

Bha dithis ann a bhuannaich Duais Roghainn FilmG – air an taghadh le bhòt poblach tro làrach-lìn FilmG. Anns an fharpais -18 b’ i Sgoil Lìonacleit, ann am Beinn na Faoghla, a bhuannaich airson an fhilm Aillse, Sealladh Marsaili a tha a’ sealltainn an turas a bh’ aig Marsaili le aillse nuair a bha i òg. Anns an fharpais 18+, choisinn Niamh NicFhionghain às an Eilean Sgitheanach an Duais Roghainn FilmG airson an fhilm aice Glac an Latha.

Gheibhear liosta slàn de fhilmichean FilmG aig www.filmG.co.uk. Chìthear prògram nan duaisean air iPlayer BBC ALBA agus sruth beò an tachartais gu lèir ri fhaighinn air YouTube BBC ALBA.

Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG: “Abair oidhche! Tha sinn fhathast a’ meòrachadh air a’ bheairteas de thàlant agus dealas a nochd aig na Duaisean FilmG. Tha 2024 air a bhith na bliadhna de dh’atharrachaidhean mòra airson FilmG; bha a’ chiad luchd-inntrigidh againn à Canada; b’ i a’ chiad bhliadhna againn aig an SEC; bha preasantairean ùra againn; agus an luchd-èisteachd as motha a bh’ againn a-riamh le faisg air 500 neach aig na duaisean. Bha an t-ionad nas motha a’ ciallachadh gum b’ urrainn barrachd dhaoine a bhith an làthair aig na duaisean agus rinn seo an tachartas nas beòthail. Meal an naidheachd air a h-uile neach a chaidh ainmeachadh agus a bhuannaich – bha e math am faicinn uile ann an aodach snasail airson oidhche nan duaisean agus bha e dha-rìribh a’ faireachdainn mar na Baftas Gàidhlig.”

Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Manaidsear Clàr-phrograman MG: “Meal an naidheachd air a h-uile duine a chaidh ainmeachadh agus a bhuannaich – abair oidhche sgoinneil a’ comharrachadh nan sgeulachdan Gàidhlig as fheàrr. ‘S e an rud a tha follaiseach – a’ coimhead air liosta thàlantach buannaichean FilmG – gu bheil sgeulaichean Gàidhlig a’ tighinn bho air feadh na h-Alba. Tha buannaichean againn à Inbhir Theòrsa, Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach, Dùn Èideann, Glaschu, agus na h-Eileanan an Iar. Taing mhòr do Lana agus Hannah a rinn obair ionmholta ann a bhith a’ cumail an rùm air a bheò-ghlacadh agus iad a’ toirt seachad dhuaisean don ath-ghinealach de fhilmeadairean Gàidhlig. Tha sinn an dòchas gum brosnaich oidhcheannan mar Duaisean FilmG luchd na Gàidhlig a’ cumail orra a’ dèanamh fhilmichean, agus gu bheil na sgeulachdan agus na guthan aca air leth cudromach ann a bhith a’ cumadh sgeulachdan na h-Alba.”

Buannaichean FilmG 16

Farpais -18:

Film as Fheàrr (-18)

  • Iomlaineachd
    Parker Dawes

Cluiche as Fheàrr (-18)

  • Fionnlagh & Calum Moireasdan
    Bràthair Mòr Nan Gàidheal!! 

Film Aithriseach as Fheàrr (-18)

  • BaidhsaGaels
    Balaich CnaG Àrd-sgoil MhicNeacail 

Rionnag as Fheàrr (-18)

  • Jasmine Krzyzanowska-Pawlak
    Sealladh na Bànrigh 

Coltas as Fheàrr (-18)         

  • Na Caimbeulaich
    Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain 

Sgioba Òg as Fheàrr (-18)

  • Fuirich air Falbh
    Sgoil a’ Bhac 

Sgeulachd as Fheàrr (-18)

  • A Bheil Thu An Sin?
    Dealbhan Spèileachan-rola Air Chall

An Duais Bhrosnachail (-18)

  • Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa
    Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa 

Duais Roghainn FilmG (-18)

  • Aillse, Sealladh Marsaili
    Sgoil Lìonacleit

Farpais 18+:

Film as Fheàrr (18+)

  • Sealladh mo Sheanair
    Kayleigh Bell 

Cluiche as Fheàrr (18+)

  • Evie Waddell
    Fios no Fois

An Duais Coimhearsnachd (18+)

  • Ar Coimhearsnachd, Ar Beachdan
    Urras Oighreachd Ghabhsainn 

Coltas as Fheàrr (18+)

  • Blàr nan Gàidheal
    FC Sonas 

An Sàr-dhuais Teicnigeach (18+)

  • Raonaid Urchadan
    Còisir – Mgr M! 

An Duais Bhrosnachail (18+)

  • Campachadh
    Luca Kerr 

Duais Roghainn FilmG (18+)

  • Glac an Latha
    Niamh NicFhionghain

Winners unveiled at biggest ever FilmG awards ceremony

On Friday night, the winners of this year’s prestigious Gaelic short film competition, FilmG, were announced to an audience of almost 500 filmmakers, industry professionals, and FilmG devotees.

The event took place in the Lomond Auditorium of the SEC in Glasgow and was hosted by BBC ALBA stars Lana Pheutan and Hannah McKirdy who saw winners crowned across 16 categories.

Taking top spot in the under 18 competition was Parker Dawes who won the Best Film for Iomlaineachd (Perfection). This is the second year in a row that Dawes has picked up the Best Film Award, a testament to his Gaelic storytelling ability and continued investment in his craft, earmarking him as one of Scotland’s best young film talents.

Parker Dawes, Best Film winner (-18), said: “It was an amazing night and it was great that people had the opportunity to view and appreciate my film. I enjoy entertaining people with my stories and competitions like FilmG enable me to do this and to pursue filmmaking which is something I really love. This is my second year winning, but it still came as a big surprise – it’s still sinking in!”

Securing first place in the over 18 category for Best Film was Kayleigh Bell’s documentary, Sealladh mo Sheanair, which explores her “Grandfather’s Perspective” through a series of interviews. This is Kayleigh’s first win in this category at the FilmG Awards.

Kayleigh Bell, Best Film winner (18+), said: “I’m quite shocked I won – I thought all the nominees were fantastic. I still can’t quite believe it. It’s my first time winning FilmG ever and I’m so glad it was with a personal story – my Granda would have been very proud and I think he’d be very happy to see himself on TV. This win has been really encouraging – I’ve definitely got lots of ideas and plans for next year’s competition.”

Other winners include Thurso High School who won the new Inspiration Award in the under 18 competition for their film, Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa, a documentary that explores the views of Thurso’s teachers and pupils on Gaelic medium education. The Inspiration Award in the over 18 competition went to Edinburgh-based filmmaker, Luca Kerr, for his horror Campachadh (Camping).

Glasgow-based production company, Lost Rollerskate Pictures, picked up the award for Best Story (-18) for their film, A bheil thu an sin? (Are you there?). This is the first year the production company entered FilmG, headed up by high school student, Tomas Dimbleby Weber.

Individual prizes went to Inverness filmmaker Rachel Urquhart who won the Technical Excellence Award (18+) for her work on her documentary, Còisir – Mgr M!, about the impact of Mr MacMillan and his choir at Inverness Gaelic Primary School. The Rionnag Award (-18), for the best off-screen contribution, went to polyglot Jasmine Krzyzanowska-Pawlak from Millburn Academy in Inverness – who is learning Gaelic as her third language – for her camera work on Sealladh na Bànrigh.

Last year’s Best Performance winner, Finlay Morrison, has once again won the award in the under 18 competition, however, this year he shares the accolade with his brother Calum for their performances in the comedy, Bràthair Mòr Nan Gàidheal!!. In the over 18 competition, the Best Performance Award was won by Evie Waddell, a Gaelic and Scots singer hailing from Stirlingshire, for her film, Fios no Fois. Her film explores the confusions of deaf experience through Gaelic song, accompanying choreography, and BSL.

There were also two winners for the FilmG Choice Award – the only awards selected by public vote via the FilmG website. In the under 18 competition the winner was Sgoil Lionacleit, on the Isle of Benbecula, for their moving film, Aillse, Sealladh Marsaili, which explores Marsaili’s journey with cancer from a young age. In the over 18 competition, Skye’s Niamh MacKinnon took home the Choice Award for her film, Glac an Latha, which encourages everyone to embrace the present.

A full list of films from FilmG can be found at www.filmg.co.ukHighlights of the FilmG Awards are available to watch on the BBC iPlayer  with a livestream of the whole event also available on the BBC ALBA YouTube channel.

FilmG Project Manager, Megan Dale, said: “What a brilliant night! We’re still reflecting on the wealth of talent and enthusiasm displayed during the FilmG Awards.

“2024 has been a year of firsts for FilmG; we had our first entrants from Canada; it was our first year at the SEC; we had new presenters; and our biggest-ever audience of 500 attending the awards. Our bigger venue meant that more nominees and FilmG enthusiasts could attend the awards and this added a real buzz to the event. A huge congratulations to all the nominees and winners – it was fantastic seeing them all dressed up for the awards night and it truly felt like the Gaelic Baftas.”

MG ALBA’s Head of Publishing, Maggie Taylor, said: “A huge congratulations to all our nominees and winners – what a brilliant night celebrating the best of Gaelic storytelling.

“What becomes evident – looking at the talented list of FilmG winners – is that Gaelic storytellers hail from all over Scotland. We have winners from Thurso, Inverness, Skye, Edinburgh, Glasgow, and the Western Isles.

“A big thank-you to Lana and Hannah who did a fantastic job at keeping the room captivated whilst presenting awards to the next generation of Gaelic filmmakers. Hopefully nights like the FilmG Awards encourage Gaelic speakers to continue making films and that their stories and voices are incredibly important in shaping Scotland’s storytelling.”

FilmG 16 Winners

-18 Competition

Best Film (-18)

  • Iomlaineachd
    Parker Dawes 

Best Performance (-18)

  • Finlay & Calum Morrison
    Bràthair Mòr Nan Gàidheal!! 

Best Documentary (-18)

  • BaidhsaGaels
    Balaich CnaG Nicolson Institute 

Rionnag (Star Award) (-18)

  • Jasmine Krzyzanowska-Pawlak
    Sealladh na Bànrigh 

Best Production Design (-18)

  • Na Caimbeulaich
    Dunoon Grammar School  

Best Youth Group (-18)

  • Fuirich air Falbh
    Sgoil a’ Bhac 

Sgeulachd (Best Story) (-18)

  • A Bheil Thu An Sin?
    Lost Rollerskate Pictures 

The Inspiration Award (-18)

  • Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa
    Thurso High School

Choice Award (-18)

  • Aillse, Sealladh Marsaili
    Sgoil Lionacleit

18+ Competition

Best Film (18+)

  • Sealladh mo Sheanair
    Kayleigh Bell

Best Performance (18+)

  • Evie Waddell
    Fios no Fois

Community Award (18+)

  • Ar Coimhearsnachd, Ar Beachdan
    Galson Estate Trust  

Best Production Design (18+)

  • Blàr nan Gàidheal
    FC Sonas 

The Technical Excellence Award (18+)

  • Rachel Urquhart
    Còisir – Mgr M! 

The Inspiration Award (18+)

  • Campachadh
    Luca Kerr 

Choice Award (18+)

  • Glac an Latha
    Niamh MacKinnon
26 Feb 2024