Sgoilearan Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa nam buannaichean ‘brosnachail’ aig FilmG

The Inspiration Award (-18). Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa. Thurso High School
Photo: The Inspiration Award (-18). Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa. Thurso High School

Tha sgoilearan Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa air an ‘Duais Bhrosnachail’ dhaibhsan fo aois 18 a thogail aig farpais chliùiteach film goirid FilmG.

Chaidh an duais a thoirt dha na sgoilearan aig an tachartas aig an Lomond Auditorium aig an SEC ann an Glaschu air Dihaoine 23 Gearran, far an robh faisg air 500 neach san luchd-èisteachd eadar luchd-film, proifeiseantaich a’ ghnìomhachais, agus luchd-leantainn FilmG.

Bhuannaich Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa an Duais Bhrosnachail san fharpais dhaibhsan fo aois 18 airson an fhilm aca, ‘Ar Sealladh aig Àrd-Sgoil Inbhir Theòrsa’. ’S e film aithriseach a tha seo a tha a’ coimhead air beachdan thidsearan is sgoilearan a thaobh Foghlam tron Ghàidhlig.

Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, An Comhairliche Calum Rothach: “Tha mi a’ cur meal-an-naidheachd air na buannaichean air fad às a’ Ghàidhealtachd a thog duaisean aig FilmG na bliadhna sa agus cuideachd dha na sgoiltean is na daoine fa leth a ghabh pàirt agus a chuir a-steach tagraidhean.

“Tha FilmG a’ toirt cothrom air leth dhan òigridh againn an cuid Ghàidhlig a chleachdadh ann an dòigh chruthachail is mhacmeanmnach. Chan e a-mhàin gu bheil e a’ toirt cothrom dha na sgoilearan a’ Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg, ach tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhaibh eòlas a chur air saoghal film/tbh is craolaidh, agus math dh’fhaodte gum brosnaich seo iad nuair a bhios iad a’ taghadh nan dreuchdan aca san àm ri teachd.”

Tha na leanas am measg nam buannaichean eile às a’ Ghàidhealtachd:

  • Bhuannaich Raonaid Urchadain à Inbhir Nis An Sàr-dhuais Theicnigeach (18+) airson a cuid obrach air an fhilm aithriseach aice ‘Còisir – Mgr M!’, mun bhuaidh aig Mgr Mac a’ Mhaoilein agus a’ chòisir aige aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Tha An Sàr-dhuais Theicnigeach air a sponsaireachd le Comhairle na Gàidhealtachd.
Filmeadair raonaid urchadan airson còisir Mgr M. Le taic bho Comhairle na Gàidhealtachd

Photo: Filmeadair raonaid urchadan airson còisir Mgr M. Le taic bho Comhairle na Gàidhealtachd

  • Chaidh Duais na Rionnaige (-18), airson an tabhartais far-sgrìon as fheàrr, gu Jasmine Krzyzanowska-Pawlak bho Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn ann an Inbhir Nis, airson obair-chamara air ‘Sealladh na Banrigh’. Tha Jasmine ag ionnsachadh na Gàidhlig mar threas cànan.
Camara Jasmine krzyzanowska Pawlak airson sealladh na b nrigh

Photo: Camara Jasmine krzyzanowska Pawlak airson sealladh na b nrigh

  • Anns an fharpais dhaibhsan nas sine na 18, thug Niamh NicFhionghain às an Eilean Sgitheanach dhachaigh na Duais Roghainn airson an fhilm aice ‘Glac an Latha’, a tha a’ brosnachadh dhaoine a’ chuid as fheàrr a dhèanamh dhen àm a th’ ann.
Glac an latha le Niamh Nicfhionghain

Photo: Glac an latha le Niamh Nicfhionghain

Gheibhear liosta iomlan de dh’fhilmichean FilmG aig www.filmg.co.uk. Chithear cuideachd Bàrr-phuingean Duaisean FilmG air BBC iPlayer le sruthadh beò dhen tachartas air fad air seanail YouTube BBC ALBA.

Thurso High pupils are ‘inspirational’ winners at FilmG

Pupils of Thurso High School have lifted the under 18 “Inspiration Award” at this year’s prestigious Gaelic short film competition.

The pupils were presented the prize at the event in the Lomond Auditorium of the SEC in Glasgow on Friday 23 February to an audience of almost 500 filmmakers, industry professionals, and FilmG devotees.

Thurso High School won the new Inspiration Award in the under 18 competition for their film, ‘Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa’, a documentary that explores the views of Thurso’s teachers and pupils on Gaelic medium education.

Chair of The Highland Council’s Gaelic Committee Cllr Clum Munro said: “A huge congratulations to all the Highland winners at FilmG this year and also to the many other schools and individuals who took part and entered.

“FilmG provides a great opportunity for our young people to use their Gaelic in a creative and imaginative way to great effect. It not only gives pupils the chance to use Gaelic outside of the classroom but also to experience the world of film/tv and broadcasting which will no doubt inspire many of those taking part in their future career choices.”

Other individual Highland prize winners were:

  • Inverness filmmaker Rachel Urquhart who won the Technical Excellence Award (18+) for her work on her documentary, ‘Còisir – Mgr M!’, about the impact of Mr MacMillan and his choir at Inverness Gaelic Primary School.
  • The Rionnag Award (-18), for the best off-screen contribution, went to polyglot Jasmine Krzyzanowska-Pawlak from Millburn Academy in Inverness – who is learning Gaelic as her third language – for her camera work on ‘Sealladh na Bànrigh’.
  • In the over 18 competition, Skye’s Niamh MacKinnon took home the Choice Award for her film, ‘Glac an Latha’, which encourages everyone to embrace the present.

A full list of films from FilmG can be found at www.filmg.co.ukHighlights of the FilmG Awards are available to watch on the BBC iPlayer  with a livestream of the whole event also available on the BBC ALBA YouTube channel.

27 Feb 2024