Mòd ùr do dh’Inbhir Pheofharain air a dhearbhadh aig cruinneachadh nàiseanta Gàidhlig 

Steven MacIver, Chair of Meur Inbhir Pheofharain (Dingwall Local Branch of An Comunn Gàidhealach) agus Cllr Margaret Paterson
Photo: Steven MacIver, Chair of Meur Inbhir Pheofharain (Dingwall Local Branch of An Comunn Gàidhealach) agus Cllr Margaret Paterson

Issued by An Comunn Gàidhealach

Tha Mòdan Ionadail Alba gu bhith a’ tighinn còmhla airson a’ chiad uair mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) 2024, a’ comharrachadh clach-mhìle shònraichte ann an gleidheadh agus dearbhadh air cultar na Gàidhlig, a thuilleadh air Mòd às ùr fhoillseachadh ann an Inbhir Pheofharain.

Mar a’ chiad chruinneachadh de a leithid air eagrachadh leis a’ Chomunn, bidh a’ cho-labhairt fon tiotal Mòdan Ionadail An-diugh agus San Àm ri Teachd, a’ gabhail àite air 24 Gearran ann an Taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis. Tha an tachartas co-obrachail seo a’ seasamh mar fhianais do chudromachd ghnìomhachdan cultarach Gàidhlig agus com-pàirt coimhearsnachd, a tha a’ sìor fhàs air feadh na dùthcha.

Tha Mòdan Ionadail a’ coileanadh àite deatamach ann an cultar na h-Alba mar mhòr-ionadan beòthail far a bheil cultar na Gàidhlig a’ soirbheachadh. Tha na tachartasan ionadail sin a’ solarachadh àrd-ùrlar do fharpaisich òga agus inbhich gu an tàlantan ann an diofar chuspairean a thaisbeanadh, leithid òran, bàrdachd, dannsa agus ceòl, glè thric a’ frithealadh mar chlach-cheum chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ gabhail àite ann am baile diofraichte ann an Alba san Dàmhair gach bliadhna.

Tha Seachdain na Gàidhlig a’ solarachadh suidheachadh freagarrach do riochdairean bho gach Mòd Ionadail airson a thighinn còmhla ann an co-obrachadh, aig àm nuair a tha cuimse chruinneil air comharrachadh agus air adhartachadh a’ chànain.

A thuilleadh air deasbadan timcheall gach aon de shoirbheachasan agus dùbhlain nan 18 Mòdan Ionadail ann an Alba, agus mar a dh’fhaodas gach aon a bhith air a riaghladh gu ìre nàiseanta san àm ri teachd, agus clas seinn inbheach, chì an cruinneachadh cuideachd foillseachadh air Mòd Iondail Inbhir Pheofharain. Mar phàirt den tachartas, bidh e comasach do sgoilearan à Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich, Geàrrloch agus inbhir Nis, a thuilleadh air nas fhaide air falbh, com-pàirteachadh sna farpaisean agus ionnsachadh còmhla tro cheòl agus òrain Ghàidhlig.

Ri bhith a’ gabhail àite air 7 Sultain 2024, bidh am Mòd ionadail ùr nodha seo a’ nochdadh com-pàirteachas eadar An Comunn agus Fèis Rois, a’ tabhann ghnìomhachdan ciùil neo-fharpaiseach còmhla ri farpaisean traidiseanta. Tha an co-obrachadh às ùr seo a’ dearbhadh dealas bhuidhnean Gàidhlig a bhith ag obair còmhla ann an adhartachadh dualchas agus cultar saidhbhir na h-Alba ann an dòighean a tha spòrsail agus ruigsinneach do na h-uile. 

Bidh duaisean airson an t-subhachais san t-Sultain a’ gabhail a-steach seisean clàraidh ann an Stiuidio Rosecroft do fharpais Seinn Aon-neach Àrd-sgoiltean, air a thoirt gu fialaidh le Comhairle na Gàidhealtachd agus air a riochdachadh le Ball den Chomtaiadh Ghàidhlig agus neach-còmhnaidh ann an Inbhir Pheofharain, Mairead NicPhàdraig. Tha Fèis Rois cuideachd a’ dèanamh tabhartas de dh’àiteachan do sgoilearan aig Fèis Deireadh-seachdain na Càisge, a’ tabhann tuilleadh chothroman airson com-pàirt ann an cultar na Gàidhlig.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Chan e a-mhàin clachan-ceuma do fharpaisich le dòchas a th’ ann am Modan Ionadail Alba, ach tha iad cuideachd nan adhartaichean deatamach air cultar is dualchas na Gàidhlig taobh a-staigh ar coimhearsnachdan. Tha sinn air leth toilichte na buidhnean cudromach ionadail sin a thoirt còmhla san aon àite agus tha sinn an dòchas gun àraich an tachartas ùr seo faireachdainn de dh’aonachd agus de chàirdeas am measg dealasaich na Gàidhlig, agus a’ meudachadh nan àireamhan don Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban. Tha an oidhirp cho-obrachail seo a’ nochdadh an dealais cho-roinnte a thaobh traidisean na Gàidhlig a ghleidheadh agus a bheathachadh air feadh Alba. Ann an seasamh còmhla, faodaidh sinn dèanamh cinnteach à soirbheachadh leantainneach ar dualchais shaidhbhir Ghàidhlig airson ginealaichean ri teachd. Bu mhath leam mealadh naidheachd a chur air an sgioba ann an Inbhir Pheofharain às leth foillseachadh an tachartais ùir aca. Tha e na thogail a bhith a’ faicinn Mhòdan Ionadail a’ soirbheachadh mar seo, agus chan eil teagamh sam bith agam nach fhaigh luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus luchd-ciùil buannachd mhòr às a ghnìomhachdan.” 

Thuirt Steven MacÌomhair, Cathraiche Meur Inbhir Pheofharain (Dingwall Local Branch of An Comunn Gàidhealach): “Tha a’ chomataidh ionadail agus mi fhìn air leth toilichte Mòd Ionadail Inbhir Pheofharain a chur air a chasan a-rithist, an dèidh beàrn de mu 20 bliadhna. Is e ar prìomh adhbhar àrd-ùrlar eile a thabhann do chloinn, an dà chuid ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, gus an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus am fileantachd a leasachadh taobh a-muigh a’ chlasruim. Tha am Mòd a’ toirt cothrom mìorbhaileach air an eachdraidh agus an cultar saidhbhir a chomharrachadh tro fharpais chàirdeil, agus tha sinn airson an cothrom prìseil seo a thoirt do gach neach, ach gu h-àraid don ath ghinealach de luchd-labhairt na Gàidhlig.  Tha e brosnachail a bhith a’ faicinn a leithid de thaic bhon choimhearsnachd ionadail ann an ath-stèidheachadh a’ Mhòid ionadail agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair ann an com-pàirteachas le càch, gus tachartas soirbheachail a chruthachadh a leanas air adhart a’ stiùireadh leasachadh na Gàidhlig.” 

Le riochdairean bho gach aon de Mhòdan Ionadail Alba a’ faotainn cuireadh a bhith an làthair, bidh a’ cho-labhairt Mòdan Ionadail An-diugh agus San Àm ri Teachd cuideachad a’ foillseachadh Pasgan Taic Didseatach ùr do Mhòdan Ionadail. Anns a’ ghoireas seo, bidh sampallan de theamplaidean do chomataidhean an cleachdadh nuair a tha iad a’ stèidheachadh no a’ leasachadh am Mòdan, a thuilleadh air fiosrachadh luachmhor mu An Comunn, maoineachadh, àrachas, ionadan-cruinneachaidh, britheamhan agus tuilleadh, a’ goireasachadh eagrachadh agus obrachadh furasta air na tachartasan deatamach cultarach sin.

New Mòd for Dingwall confirmed at national Gaelic gathering

Scotland’s Local Mòds are set to come together for the first time as part of Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) 2024, marking a significant milestone in the preservation and celebration of Gaelic culture, as well as the launch of a brand new Mòd in Dingwall.

The first gathering of its kind organised by An Comunn, the joint conference, entitled Local Mòds Today and In the Future, will take place on Saturday 24 February at Eden Court Theatre in Inverness. The collaborative event stands as a testament to the growing importance of Gaelic cultural activity and community engagement across the country.

Local Mòds, or Provincial Mods, play a vital role in Scottish culture as vibrant hubs where Gaelic heritage thrives. These local events provide a platform for both junior and senior competitors to showcase their talents in various disciplines such as song, poetry, dance, and music, often serving as a stepping stone for the Royal National Mòd which takes place in a different Scottish town in October each year.

World Gaelic Week provides a fitting backdrop for representatives from each Local Mòd to come together in collaboration, at a time when there is a global focus on the celebration and promotion of the language.

As well as discussions around each of Scotland’s 18 Local Mòds’ successes and challenges and how each can be regulated to a national standard in the future, and an adult singing class, the gathering will also see the launch of Mòd Iondail Inbhir Pheofharain, which translates to Dingwall Provincial Mòd. As part of the event, pupils from schools such as Dingwall, Tain, Ullapool, Gairloch and Inverness, as well as further afield, will be able to compete and learn together through Gaelic music and song.

Set to take place on Saturday 7 September 2024, the brand new local Mòd will feature a partnership between An Comunn and Fèis Rois, offering non-competitive musical activities alongside traditional competitions. This latest collaboration underlines the commitment of Gaelic organisations to work together in promoting Scotland’s rich heritage and culture in ways which are both fun and accessible for all.

Prizes for the September celebration will include a recording session at Rosecroft Studio for the Senior Pupils Solo Singing competition, generously provided by Highland Council and presented by their Gaelic Committee Member and Dingwall resident, Margaret Paterson. Fèis Rois is also donating places for pupils at their Easter Weekend Feis, offering further opportunities for engagement with Gaelic culture.

James Graham, Chief Executive Officer of An Comunn, said: “Scotland’s Local Mòds are not just stepping stones for aspiring competitors, but are also vital promoters of Gaelic culture and heritage within our communities. We’re delighted to bring these vital local groups  together under one roof and hope this new event will foster a sense of unity and camaraderie among Gaelic enthusiasts and only increase buy-in to this year’s Royal National Mòd in Oban. This collective effort reflects the shared commitment to preserving and nurturing Gaelic traditions across Scotland. As a united front, we can ensure the continued flourishing of our rich Gaelic heritage for generations to come. I would also like to congratulate the team in Dingwall on the launch of their new event. It's heartening to see Local Mòds thriving in this way and I have no doubt Gaelic speakers, learners and music lovers in the area will benefit from its activities greatly."

Steven MacIver, Chair of Meur Inbhir Pheofharain (Dingwall Local Branch of An Comunn Gàidhealach), said: “The local committee and I are delighted to be working to re-establish the Dingwall Provincial Mòd which hasn’t taken place in about 20 years.  Our main focus is to offer another platform for children, both in Gaelic-medium education and Gaelic learner education, to use the Gaelic language and develop their fluency outwith the classroom.  The Mòd provides a fantastic opportunity to celebrate the rich history and culture through friendly competition and we want to provide everyone, but in particular the next generation of Gaelic speakers, this precious opportunity.  It is exciting to see such support from the local community in re-establishing the local Mòd and we very much look forward to working in partnership with others to create a successful event that will continue to drive the development of the Gaelic language.” 

With representatives from each of Scotland’s Local Mòds invited to attend, the Local Mòds Today and In the Future conference will also launch a new Digital Support Pack for Local Mòds. This resource will contain sample templates for committees to use when setting up or developing their Mods, as well as valuable information on An Comunn, funding, insurance, venues, adjudicators and more, facilitating the smooth organisation and operation of these vital cultural events.

 

21 Feb 2024