Seachdain nan Teaghlach 2024

Issued by Sabhal Mòr Ostaig

Bidh Seachdain nan Teaghlach, tachartas ionnsachaidh bliadhnail air a chur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd, a’ tilleadh dhan Eilean Sgitheanach 08–12 Iuchar 2024, 20 bliadhna on a thòisich a’ chiad tachartas de leithid ann an 2004.

Tha an tachartas fad-seachdain seo fosgailte do theaghlaichean aig a bheil clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (bun-sgoil no sna tràth-bhliadhnaichean) is e a’ toirt cothrom do phàrantan cùrsa cànain Shabhal Mòr Ostaig a fhrithealadh fhad ‘s a tha an cuid chloinne a’ gabhail pàirt ann an tachartasan leithid spòrs, ealain is ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt Iar-Phrionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, an Dr Marsaili NicLeòid:

“’S e an àrainneachd àlainn Ghàidhlig a th’ againn an seo aig Sabhal Mòr Ostaig an t-àite a b’ fhreagarraiche airson Seachdain nan Teaghlach – cothrom air leth do phàrantan is clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig tighinn còmhla airson ionnsachadh is spòrs, agus taic am measg chàirdean, ann an coimhearsnachd de theaghlaichean Gàidhlig.”

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd:

“Abair deagh dhòigh a bhith a’ comharrachadh an 20mh bliadhna on a’ chiad Seachdain nan Teaghlach. Tha mi air mo dhòigh gum bi an tachartas com-pàirtichidh seo, eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig, a’ toirt chothroman dha pàrantan agus clann na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh. Tha Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach na fhìor dheagh àite airson prògram de thachartasan leithid spòrs, dràma, is ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh tro mheadhan na Gàidhlig, is a bhios a’ toirt chothroman dha com-pàirtichean sean is òg an cuid Gàidhlig a chleachdadh còmhla.”

Ann an 2023, ghabh 30 teaghlach (42 pàrant; 52 pàiste) à gach ceàrn na dùthcha an cothrom gus ionnsachadh is cluiche ann an àrainneachd-bhogaidh an Ionaid Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Slèite, ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, agus iad uile fìor dhealasach mu na fhuair iad às.

Faodar iarrtas a chur a-steach an seo:

https://www.smo.uhi.ac.uk/family-week-2024/

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro dheireadh an latha 26 Giblean 2024 aig a’ char as anmoiche.

Family Learning Week 2024

Seachdain nan Teaghlach, the longstanding Gaelic Family Learning Week organised by Sabhal Mòr Ostaig and The Highland Council, is set to return to the Isle of Skye 08–12 July 2024, 20 years since the first event of its kind took place in 2004.

Parents of children in Gaelic Medium Education (primary school or early years) are given the opportunity to attend Sabhal Mòr Ostaig’s popular language courses while their children take part in a wide range of sports, arts and outdoor education activities through the medium of Gaelic.

Dr Marsaili NicLeòid, Sabhal Mòr Ostaig Vice Principal, said: 

“Sabhal Mòr Ostaig’s immersive Gaelic campus is the perfect location for Family Learning Week, which is a fantastic opportunity for families of children in Gaelic Medium Education to come together and learn and make new connections with other Gaelic families.”

Chair of Highland Council’s Gaelic Committee, Cllr Calum Munro added:

“What a great way to celebrate the 20th anniversary of the first Family Learning Week. I am delighted that this partnership event by Highland Council and Sabhal Mòr Ostaig will bring great opportunities for parents and children to develop their Gaelic language skills. Sabhal Mòr Ostaig on the Isle of Skye provides a fantastic setting for the programme of activities such as sports, drama, and outdoor learning that will be provided in Gaelic enabling participants young and older to practise their Gaelic speaking skills.”

In 2023, 30 families (42 parents; 52 children) from across the Highlands, Islands and Central Belt took part and all spoke enthusiastically about the benefits of learning and playing in a Gaelic-speaking environment at the National Centre for Gaelic Language and Culture in Sleat, South Skye.

For further information and to submit an application, please follow the link below:

https://www.smo.uhi.ac.uk/family-week-2024/?lang=en

Application forms must be submitted by 26 April 2024 at the latest.

15 Apr 2024