Cuach na Cloinne 2024 – 109 sgioba air clàradh!

CnaG Logo
CnaG Logo

Issued by Comunn na Gàidhlig

Tha Cuach na Cloinne 2024 an impis tòiseachadh – am prìomh fharpais spòrs eadar bun-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig bho air feadh Alba. Aon uair eile tha an àireamh de sgiobaidhean air clàradh air ìre àrd ùr a’ ruighinn le 109 sgioba air clàradh am-bliadhna – an àireamh as motha a-riamh!

Thèid a’ cho-fharpais a-ruith eadar Diciadain 17mh den Ghiblean agus Diciadain 8mh den Chèitean, agus thèid a’ chuairt-deireannach a chluich air Diciadain 29mh den Chèitean aig Pàirce Chanal, Inbhir Nis. Bidh sgoiltean bho air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt ann.

’S e co-fharpais ball-coise nàiseanta, 5 air gach taobh, a th’ ann an Cuach na Cloinne a thòisich ann an 2006 is a tha air fàs gach bliadhna. Bidh òigridh bho air feadh na dùthcha ann an C4-7 aig a’ bheil Gàidhlig a’ gabhail pàirt ann. Thèid farpaisean roinneil a chumail ann an:

  • Diciadain 17 Giblean 2024                Pàirce Uile Aimsir, Steòrnabhagh
  • Dimàirt 23 Giblean 2024                   Sgoil Lionacleit, Beinn nam Faoghla
  • Dimàirt 30 Giblean 2024                   Àrd-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
  • Diciadain 1 Cèitean 2024                  Goals, Glaschu an Iar, Rathad Mòr an Iar, Glaschu
  • Dimàirt 7 Cèitean 2024                     Àrd-sgoil Loch Abar, An Gearasdan
  • Diciadain 8 Cèitean 2024                  Pàirce Chanal, Inbhir Nis

Ann an 2023 b’ e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a thog an Cupan – an dùil am faigh iad air a thogail airson an dàrna uair am-bliadhna seo?!

An-uiridh, b’ e am bliadhna as motha a bh’ againn a-riamh anns an fharpais le 84 sgioba a’ gabhail pàirt bho air feadh na dùthcha, is tha 25 sgioba a bharrachd air clàradh am-bliadhna son a’ cho-fharpais Cuach na Cloinne as motha a-riamh le 109 sgiobaidhean bho air feadh Alba!

Tha Comunn na Gàidhlig uabhasach toilichte gun urrainn dhuinn an fharpais a lìbhrigeadh am bliadhna seo a-rithist, tha Cuach na Cloinne air cliù a chosnadh dha fhèin agus tha e a-nis gu mòr stèidhte ann am mìosachan nan sgoiltean, leis a’ chlann gu mòr a’ coimhead air adhart ris.

Thuirt Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG:

“Tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri farpais air leth soirbheachail air a’ bhliadhna-sa le faisg air 670 duine cloinne a’ gabhail pàirt ann a-rithist. Tha e na adhbhar misneachd dhuinn gu bheil uidhir de sgoiltean agus òigridh a’ gabhail pàirt anns an tachartas.

Tha e cho cudromach gu bheil clann a tha a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ faighinn cothroman a bhith a’ cleachdadh an cànan taobh a-muigh an t-seòmar-sgoile agus a bhith a’ coinneachadh ri clann bho cheàrnaidhean eile aig a bheil a’ Ghàidhlig.

Tha mi airson taing a thoirt do na buidhnean a tha a’ cur taic ri Cuach na Cloinne, ’s iad sin; Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, agus a’ guidhe gach beannachd air na sgiobannan gu lèir a’ bhios a’ sabaid son tiotal Cuach na Cloinne 2024!”

Thuirt Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairliche Calum Rothach:

“Tha mi air mo dhòigh glan gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a’ cumail taic ri Cuach na Cloinne, tha e sgoinneil gu bheil sgoiltean Gàidhlig bho air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt gu dlùth sa cho-fharpais. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas ri gach sgioba.

Tha e gu math cudromach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd ann an com-pàirteachais le Comunn na Gàidhlig agus Urrasan Ionadail eile a’ toirt cothroman do dh’òigridh Gàidhealach an cànan a chleachdadh tro spòrs, leis gun toir iad adhartas air na sgilean cànain aca agus an slàinte. Tha seo gu mòr ceangailte ri amasan Comhairle na Gàidhealtachd is iad an dùil gun tèid an 4mh eagran den Plana Gàidhlig aontachadh le Bòrd na Gàidhlig am-bliadhna. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas ri gach sgioba.”

Thuirt an Dtr Dòmhnall Weir, Oifigear Taic Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar (CnES):

“Tha Comhairle nan Eilean Siar toilichte taic a chur ri Cuach na Cloinne a-rithist am-bliadhna-sa. Tha an fharpais air a bhith air leth cudromach thairis air na bliadhnaichean ann a bhith a’ toirt chothroman dhan òigridh Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh nàdarra, taobh a-muigh na sgoile, fhad ’s a tha iad a’ dèanamh rudeigin a chòrdas riutha gu mòr. Tha sinn cinnteach às gum bi Cuach na Cloinne air leth soirbheachail a-rithist, man as àbhaist, am bliadhna-sa.”

Tha Cuach na Cloinne 2024 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd, agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Cuach na Cloinne 2024 – 109 teams taking part!

Cuach na Cloinne 2024 is about to kick off – the biggest sporting competition for Gaelic Medium Primary Schools across Scotland. Once again the level of entries has set a new record, with 109 teams registered – the highest ever!

The competition will be held between Wednesday 17th April and Wednesday 8th May with the final match happening on Wednesday 29th May at Canal Park, Inverness. Schools from across the country will be taking part.

Cuach na Cloinne is a national 5-a-side football competition aimed at young people all across the country in Gaelic medium education, P4-7. The competition which started in 2006 has grown each year since. The regional competitions will take place in:

  • Wednesday 17 April 2024                  All Weather Pitch, Smith Ave, Stornoway               
  • Tuesday 23 April 2024                        Sgoil Lionacleit, Benbecula
  • Tuesday 30 April 2024                        Portree High School, Skye
  • Wednesday 1 May 2024                     Goals, Glasgow West, Great Western Road, Glasgow
  • Tuesday 7 May 2024                           Lochaber High School, Fort William
  • Wednesday 8 May 2023                     Canal Park, Inverness

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu lifted the Cup in 2023, can they make it 2 in a row or will someone beat them to it in 2024!?

Last year was our biggest competition to date, with 84 teams taking part in across the country. This year 25 more teams have registered, meaning that 109 teams will be taking part in the biggest Cuach na Cloinne competition to date!

Comunn na Gàidhlig are delighted to be running the competition again this year, with Cuach na Cloinne earning a space in school calendars, and young people looking forward to it every year.

Marina Murray, Development Director at CnaG, said:

“We’re excited and looking forward to be running the successful competition this year, with nearly 670 young people taking part. It’s incredibly motivating that such a large number of schools and young people continue to take part in this event.

It’s so important that young people going through Gaelic Medium Education are given the opportunity to use their Gaelic outside of the classroom, and to be interacting with other young Gaels from across the country.

I would like to thank the organisations which fund and allow us to continue to run Cuach na Cloinne, they are; Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council, and Comhairle nan Eilean Siar.  I also want to wish every single team good luck as they fight for the Cuach na Cloinne 2024 title!”

Chairman of Highland Council’s Gaelic Committee, Councillor Calum Munro, said:

“I am delighted that the Highland Council has been able to support Cuach na Cloinne, it is excellent to see such commitment and participation in the event from Gaelic Medium Primary Schools through-out the country. I wish all the participating teams every success.

It is very important that the Highland Council in partnership with Comunn na Gàidhlig and other Local Authorities provide opportunities for young Gaelic speakers to use the language within sports activities as this will enhance their language acquisition skills in-conjunction with their health and well-being. This is very relevant as the Highland Council aims to have the 4th edition of its Gaelic Language approved by Bòrd na Gàidhlig later this year. I wish all teams every success.”

Dr Donald Weir, Gaelic Support Officer for Comhairle nan Eilean Siar (CnES) said:

“Comhairle nan Eilean Siar are pleased to support Cuach na Cloinne again this year. The competition has been crucial over the years in encouraging young people to use Gaelic in an informal setting, outside of the classroom, while also taking part in something they enjoy doing. We are sure that Cuach na Cloinne will be extremely successful again, as it is every year.”

Cuach na Cloinne 2024 is funded by Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar and The Highland Council, and organised by Comunn na Gàidhlig.

BnG THC and CNeS Logos

Funders logos

 

16 Apr 2024