Ceann-latha a’ teannachadh airson iarrtasan A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2025 ann an Loch Abar

Area Choirs Mod 2024 Glasgow Gaelic Choir

Issued by An Comunn Gàidhealach

Dealbhan rim faighinn an seo

Tha An Comunn Gàidhealach, luchd-eagrachaidh na fèise cliùitiche, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail ag iarraidh gun cuir feadhainn a tha airson a bhith an sàs ann am farpaisean na bliadhna-sa iarrtasan a-steach air thoiseach air ceann-latha dùnaidh na farpaisean - Disathairne 31 Cèitean 2025.

Tachraidh Am Mòd sa Ghearasdan agus an sgìre mun cuairt bho 10 – 18 Dàmhair, an naoidheamh uair a bhios an tachartas 133 bliadhna a dh’aois sa sgìre. Tha am Mòd aithnichte mar phrìomh fhèis chultarail na Gàidhlig, a’ comharrachadh dualchas, cànan, ealain is cultar.

Cuirear fàilte air farpaisich aig diofar aoisean is comasan ann an còrr air 200 farpais, nam measg; seinn còisir, bogsa-ciùil, fidheall, dràma, bàrdachd agus Cogadh nan Còmhlan.

Gheibhear liosta nam farpaisean aig ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus agus gabhaidh iarrtasan a chur a-steach aig https://enter.ancomunn.co.uk.

Tha An Comunn Gàidhealach an dòchas gum bi àireamhan a’ cheart cho math sa bha iad san Òban, 2,700 farpaisich thairis air naoi làithean.

Tha sgoilearan sgìre Loch Abar nan ceudan gam brosnachadh sgìre a dhol an sàs sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail tro Acadamaidh a’ Mhòid. Tha 6 oidean a’ tadhal air mu 40 clas ann an 18 sgoiltean gus seinn Gàidhlig, bàrdachd is ceòl traidiseanta ionnsachadh agus an òigridh a bhrosnachadh a bhith an lùib a’ Mhòid.

Tha Acadamaidh a’ Mhòid air a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal ann an co-bhanntachd le An Comunn Gàidhealach is maoinichte le Bòrd na Gàidhlig le taic Chomhairle na Gàidhealtachd.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Bidh Mòd Loch Abar na dheagh chomharrachadh air a’ Ghàidhlig ar cànan dùthchasach ath-bheothachadh. Tha sinn ag amas air leudachadh air an àireamh fharpaisich is luchd-ciùil a bh’ againn san Òban an-uiridh is cuiridh sinn fàilte air iarrtasan bhuapa-san a tha ag iarraidh a bhith an sàs aig Mòd na bliadhna-sa ron cheann-latha dùnaidh. Tha an ath ghinealach aig cridhe a’ Mhòid agus tha e misneachail bhith a’ faicinn an obair a tha a’ dol air adhart ann an sgoiltean Loch Abar gus cothrom a thoirt dhan òigridh a bhith a’ sàs san tachartas air an starsaich aca fhèin.”

Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil, Fèisean nan Gàidheal: “Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr airson dàimh nas dlùithe ri dualchas a thabhann do chlann a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha sinn air ar dòigh cothrom fhaighinn a bhith ann an co-obrachadh le An Comunn Gàidhealach a-rithist a bharrachd air Comhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig agus sgoiltean Loch Abar.
Tha eòlas farsaing aig an sgioba ionadail Fèisgoil a tha an sàs ann a bhith a'  teagasg am bliadhna le cuid a' gabhail pàirt sna Mòdan thairis air na bliadhnaichean agus cuid nan luchd-ciùil proifeiseanta. Nam measg tha oileanach foghlaim Gàidhlig Laura Robastan, fìdhlear is seinneadair à Gleann Comhann Lucy Doogan (bhon chòmhlan-ciùil Hò-rò), dithis a choisinn Bonn Òir a’ Chomuinn, Màiri Anna NicUalraig agus Riona NicIlleBhàin agus peathraichean, Ingrid (Còmhlan-ciùil Gleann Fhionnain) agus Megan (Breabach) NicEanraig. Tha sinn gu mòr an dòchas gum brosnaich Acadamaidh a’ Mhòid an òigridh gus toileachas fhaighinn bho bhith a’ seinn sa Ghàidhlig agus airson pàirt a ghabhail sna Mòdan fhèin.”

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Raymond Bremner: “Tha buannachdan mòra sòisealta, cultarach is eaconamach an lùib na Gàidhlig, agus bidh iad uile air an toirt am follais aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.


“Tha am Mòd a’ sealltainn uair eile gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic leantainneach dhan Ghàidhlig ann an sgoiltean, aig tachartasan, agus anns na coimhearsnachdan againn.


“Tha sinn air ar dòigh glan gu bheil am Mòd a’ tilleadh chun na Gàidhealtachd agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri ochd latha sgoinneil ann an Loch Abar.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an àite eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba gach bliadhna. A bharrachd air na farpaisean tha prògram an iomaill anns am bi cuirmean-ciùil, bùthan-obrach, taisbeanaidhean agus seiseanan ann an tòrr àitean sa sgìre. Thadhail còrr air 9,000 neach air Mòd an Òbain 2024.

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025 a Loch Abar 10 – 18 Dàmhair. Dùnaidh iarrtasan farpaisean aig meadhan-oidhche Disathairne 31 Cèitean. Tadhlaibh air https://enter.ancomunn.co.uk.

- CRÌOCH -

Airson iarrtasan às na meadhanan cuiribh fios gu Corrie Campbell 

Post-d: corrie@innesandcampbell.co.uk, Fòn: 07900 981 073 


Tadhlaibh air www.ancomunn.co.uk / Facebook @RoyalNationalMod / Twitter @NationalMod / Instagram @RoyalNationalMod / TikTok @royalnationalmod / YouTube @AnComunnGaidhealach

Fios do Luchd-deasachaidh

  • Tha Bòrd na Gàidhlig, Ùghdarrasan Ionadail agus Riaghaltas na h-Alba am-measg prìomh bhuidhnean maoineachaidh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. 
  • Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail na fhèis fharpaiseach air eagrachadh leis A’ Chomunn Gàidhealach, le amas cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh tro cheòl, seinn, dannsa, dràma, spòrs agus litreachais.
  • ’S e a’ phrìomh Fhèis Ghàidhlig a th’ anns A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Thèid a chumail ann an àite eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba san Dàmhair gach bliadhna.

Fiosrachadh - Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

  • Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air eagrachadh leis A’ Chomunn Gàidhealach, a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, agus aig a bheil An Rìgh mar Phàtran. 
  • Tha “Mòd” a’ ciallachadh cruinneachadh agus thachair an Fhèis airson a’ chiad uair a-riamh san Òban ann an 1892. Bhon uair sin dh’fhàs e gu bhith na phrìomh Fhèis Gàidhlig na h-Alba, ainmeil airson cultar agus cànan na Gàidhlig a bhrosnachadh. 
  • Às dèidh Aonta Rìoghail agus aithnichte mar Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, tha cothrom aig feadhainn aig gach aois a dhol air àrd-ùrlar ann an iomadach seòrsa farpais, nam measg ceòl agus seinn Gàidhlig, Dannsa Gàidhealach, ionnsramaidean, dràma, spòrs agus litreachais.

Area Choirs Mod 2024 Glasgow Gaelic Choir

 

Final call for entries for the 2025 Royal National Mòd in Lochaber

Download images

Organisers of the Royal National Mòd are urging individuals and groups to submit their entries to compete in this year’s prestigious Gaelic language and cultural celebration before the approaching deadline on Saturday 31 May 2025.

Taking place from 10 - 18 October 2025 in Fort William and surrounding areas, this marks the ninth time the 133-year-old event will be hosted in the Lochaber region. Known as Scotland's premier Gaelic festival, the Mòd celebrates the rich heritage and future of the Gaelic language, arts and culture.

Competitors of all ages and abilities are invited to participate in over 200 categories, including choral singing, accordion, fiddle, drama, poetry, and the crowd-favourite Battle of the Bands.

The full list of competitions can be found at ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus and entries submitted at https://enter.ancomunn.co.uk.

Organisers An Comunn Gàidhealach hope to match entry levels reached at last year’s event in Oban, which recorded 2,700 participants across the event’s nine days.

Hundreds of children in the Lochaber area  are being encouraged to participate in the Royal National Mòd thanks to the Mòd Academy. Six tutors are visiting around 40 classes across 18 schools in the area to give them a taste of Gaelic song, traditional music and poetry, get them in the Mòd spirit and encourage them to take part in the prestigious event.

The Mòd Academy is delivered by Fèisean nan Gàidheal, in partnership with An Comunn Gàidhealach and funded by Bòrd na Gàidhlig with support from Highland Council.

James Graham, Chief Executive Officer of An Comunn Gàidhealach, said: “The Lochaber Mòd is shaping up to be another milestone celebration of Gaelic – an indigenous language that is thriving. We are looking to maintain the fantastic number of participants and visitors that we saw in Oban last year and would warmly encourage Gaelic enthusiasts, musicians, singers, and performers to submit their applications before the upcoming deadline. The next generation is a central focus of the Mòd and it’s fantastic to see the work being done in local schools to get Lochaber children involved in this historic event on their doorstep.”

Eilidh Mackenzie Barker, Fèisgoil Manager, Fèisean nan Gàidheal said: “Connecting children learning Gaelic with their cultural heritage is at the heart of what Fèisean nan Gàidheal offers. We are delighted to be given the opportunity to make these connections through partnership working once again with An Comunn Gàidhealach, The Highland Council, Bòrd na Gàidhlig and Lochaber schools.

“Our local Fèisgoil tutor team working on the Mod Academy project this year bring a wealth of first-hand experience as Mòd competitors and as professional musicians and they include student teacher, Laura Robertson, Glencoe musician Lucy Doogan (ex Hò-rò), Mòd Gold medalists Mary Ann Kennedy and Riona Whyte and sisters Ingrid (Glenfinnan Cèilidh Band) and Megan (Breabach) Henderson. We really hope this rounded experience encourages youngsters to participate in local and national Mòds and find joy in singing in Gaelic.”

Highland Council leader Raymond Bremner said: “Gaelic brings enormous social, cultural and economic benefits, all of which will be showcased at the Royal National Mòd.

“The National Mòd will help once again demonstrate Highland Council’s enduring support for Gaelic in schools, in events and in our communities.

“We’re delighted the National Mòd is returning to the Highlands for what promises to be a superb eight-day celebration in Lochaber.”

The Royal National Mòd, hosted in a different Scottish town each year, extends beyond the competitions themselves, with a lively fringe programme including concerts, workshops, talks, and community sessions taking over venues across its host location. The 2024 edition in Oban welcomed over 9,000 attendees.

The Royal National Mòd returns to Lochaber in 2025, from 10 - 18 October. Competition entries close midnight, Saturday 31 May. Visit https://enter.ancomunn.co.uk.

Ends

For media enquiries please contact: Corrie Campbell E: corrie@innesandcampbell.co.uk M: 07900 981 073

Visit www.ancomunn.co.uk/ / Facebook @RoyalNationalMod / Twitter @NationalMod / Instagram @RoyalNationalMod  / TikTok @royalnationalmod / YouTube @AnComunnGaidhealach

 

Notes to Editors

  • The Royal National Mòd’s principal funders include Bòrd na Gàidhlig, host Local Authorities and The Scottish Government.
  • The Royal National Mòd is a competitive festival owned and organised by An Comunn Gàidhealach, whose objective is to promote Gaelic language and culture through music, song, dance, drama, literature, and the arts.
  • The Royal National Mòd is the principal Gaelic language festival, and it takes place annually in October in different locations throughout Scotland.

About the Royal National Mòd

  • The Royal National Mòd is organised by An Comunn Gàidhealach which was founded in Oban in 1891 and has HM The King as its Patron.
  • The Gaelic word “mòd” means “a gathering of people” and this festival was first held in Oban in 1892, and it has grown to become Scotland’s premier Gaelic festival famous for celebrating our Gaelic linguistic and cultural heritage.
  • Following Royal assent and now known as The Royal National Mòd®, it provides opportunities for people of all ages to perform across a range of competitive disciplines including Gaelic music and song, highland dancing, instrumental, drama, sport and literature.
15 May 2025