Ceannardan Òga a’ dalladh orra sa Ghàidhlig!
Tha buidheann de sgoilearan Gàidhealach air sealltainn gu bheil comasan ceannaird aca – sa Ghàidhlig – aig cùrsa sònraichte a chaidh a chur air bhonn o chionn ghoirid san Eilean Sgitheanach.
Tha Tagh Ceannardas, an Duais SCQF Ghàidhlig a th’ aig Ìre 4 agus a th’ air a lìbhrigeadh le High Life na Gàidhealtachd ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd, ag uidheamachadh dhaoine òga leis na sgilean a tha a dhìth orra airson tachartasan a lìbhrigeadh sna sgoiltean no sna coimhearsnachdan ionadail aca.
Bha naoinear cheannardan òga bhon Eilean Sgitheanach is Siorrachd Rois an làthair thar an dà latha ann an Stafainn, is iad a’ faighinn trèanadh sa Ghàidhlig airson Tagh Ceannardas agus mar thoradh air, teisteanas ùr cuideachd. Tha tachartas trèanaidh eile san amharc an-ath-bhliadhna, a bheir cothrom do na sgoilearan sin a dhol air adhart gu Duais Ìre 5 agus do sgoilearan eile pàirt a ghabhail ann.
Chuir na sgoilearan fàilte air a’ chothrom a fhuair iad a bhith an lùib na Gàidhlig, is iad air am misneachadh a bhith a’ lìbhrigeadh thachartasan tron chànan.
Thuirt Darren Reid, Ceannard Spòrs is Cur-seachadan Corporra aig High Life na Gàidhealtachd: “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd is Bòrd na Gàidhlig gus an Teisteanas Ceannardais a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha an cùrsa bogaidh dà-latha a’ toirt dhaoine òga còmhla gus na sgilean ceannardais aca a leasachadh ann an àrainn Ghàidhlig.
“Tha an cùrsa, a th’ air a lìbhrigeadh le Co-òrdanaichean nan Sgoiltean Gnìomhach, a’ cuideachadh nan daoine òga againn gus na sgilean ceannardais aca a leasachadh, tha iad a’ faighinn teisteanas foirmeil, agus cothrom a bhith a’ dèanamh cheanglaichean le ceannardan eile aig a bheil Gàidhlig bho air feadh na Gàidhealtachd.
“Bidh na daoine òga seo deatamach a thaobh a bhith a’ cur taic ris na thathar a’ tabhann an-dràsta sa Ghàidhlig às dèidh na sgoile, agus is iad seo an ginealach de shaor-thagraichean is choidsichean a bhios againn san àm ri teachd a bheir tachartasan gu bith ann an coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd.”
Thuirt an Comh. Drew Miller, cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd dealasach a thaobh a bhith a’ leudachadh nan cothroman a th’ aig na daoine òga againn a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, agus mar sin tha e brosnachail dha-rìribh a bhith a’ faicinn cheannardan òga, misneachail a’ tighinn air adhart airson a dhol an lùib phròiseactan mar seo.
“Chan eil teagamh agam nach tèid an fheadhainn a bha an làthair air adhart gus obair mhòr a dhèanamh airson a’ chànain aca agus airson nan coimhearsnachdan aca.”
****
Young Leaders go for it in Gaelic!
A group of Highland school pupils have shown that they have what it takes to lead – in Gaelic – at a special course run recently on the Isle of Skye.
The Gaelic Choose to Lead Level 4 SCQF Award is delivered by High Life Highland in partnership with The Highland Council, providing young people with the skills required to deliver activities in their schools or local communities.
Run over two days in Staffin, a total of nine young leaders from Skye and Ross-Shire took part in the Gaelic Choose to Lead training and received their new qualification as a result. There is another training event planned for next year which will allow those pupils to progress to a Level 5 Award and give others the chance to take part.
The immersive Gaelic setting was welcomed by the pupils, helping them to build confidence in delivering activities through the language.
Darren Reid, Head of Sport and Physical Activity at High Life Highland said: “We are delighted to continue to work in partnership with The Highland Council and Bòrd na Gàidhlig to deliver our Leadership Qualification through Gaelic Medium, with the immersive two-day course bringing young people together to develop their leadership skills in a Gaelic environment.
“The course, delivered by our Active Schools Coordinators, supports our young people develop their leadership skills, gain a formal qualification and allows them to connect with other Gaelic speaking leaders from across the Highlands.
“These young people will play a vital role in supporting our existing after-school provision delivered in the Gaelic language and will become our future generation of volunteers and coaches that support activities to happen in communities across the Highlands.”
Chair of Highland Council’s Gaelic committee, Cllr Drew Millar, said: “Highland Council is committed to widening opportunities for our young people to use Gaelic outside of a school setting, so it is really encouraging to see enthusiastic young leaders coming forward to take part in projects like this one. I have no doubt that those involved will go on to do great work for their language and for their communities.”