Obrachadh Com-pàirteach gus cothroman Gàidhlig a mheudachadh

Lochaber mod 25 opening concert ceilear
The Royal National Mòd 2025 was held in Lochaber. Pic An Comunn Gàidhealach

Tha obair gus cothroman ionnsachaidh sa Ghàidhlig a leudachadh ann an sgoiltean na Gàidhealtachd a’ lìbhrigeadh thoraidhean brosnachail.

Dihaoine (12 Dùbhlachd) chuala Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd aithisgean adhartais mu phrìomh phròiseactan.

Pròiseact Gàidhlig 1+2:

  • Tha a’ Chomhairle a’ leantainn air adhart a’ leudachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd thar sgoiltean na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach Leasanan Beò air-loidhne no a bhith a’ toirt taic do sgoiltean is do thidsearan gus Gàidhlig a thabhann an dàrna cuid mar chànan C2 no C3.

Prògram Acadamaidh a’ Mhòid:

  • Air a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal, chuir an iomairt seo taic ri bun-sgoiltean ann an Loch Abar le leasanan Gàidhlig is ciùil. Chuidich am prògram gus misneachd a thogail ann an taisbeantas Gàidhlig agus gus com-pàirteachas a mheudachadh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025, a chaidh a chumail ann an Loch Abar, agus a bha fìor shoirbheachail.

Prògram Blasad Gàidhlig:

  • Air a lìbhrigeadh le Fèisgoil, ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd, bha a’ Ghàidhlig air a h-ionnsachadh tro òrain is tro gheamaichean ann an sgoiltean thar Chataibh is Ghallaibh far nach eilear an-ceartuair a’ teagasg na Gàidhlig mar chànan a bharrachd.

Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Drew Mac a’ Mhuilleir: “Tha brosnachadh is fàs an dà chuid ann am foghlam tron Ghàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig na phrìomhachas riatanach dhan Chomhairle.

“Gus coinneachadh ris na h-àrd-amasan seo, feumaidh sinn leantainn air adhart ag obair gu cruthachail gus coinneachadh ri iarrtas fàsmhor airson na Gàidhlig ann an sgoiltean. Tha na pròiseactan seo nan deagh eisimpleirean dhen obrachadh com-pàirteach a tha a’ dol air adhart gus na cothroman cànain a tha rim faotainn do dhaoine òga a leudachadh.”

Aig a’ choinneimh Dihaoine chuir buill meal an naidheachd air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson urram fhaighinn mar thachartas coimhearsnachd na bliadhna aig duaisean ceòl traidiseanta na h-Alba, Na Trads.

Rinn iad cuideachd moladh air obair leasachaidh phròiseactan FC Sonas agus Alba FA. Mar thoradh air na h-oidhirpean seo, chaidh Cupa nan Dùthchannan Ceilteach a chumail airson a’ chiad uair san Ògmhios, a’ brosnachadh is ag adhartachadh na Gàidhlig tro bhith a’ toirt choimhearsnachdan còmhla tro bhall-coise.

Chaidh aithisg adhartais a thoirt do bhuill mu lìbhrigeadh Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, obair leantainneach gus comas is follaiseachd na Gàidhlig a neartachadh thar seirbheisean na Comhairle, agus cunntas às ùr mu ghnìomhachd a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig taobh a-staigh prògram High Life na Gàidhealtachd.

Leugh na h-aithisgean iomlan an seo:

https://www.highland.gov.uk/meetings/meeting/5258/gaelic_committee_comataidh_na_gaidhlig/attachment/85927

***

Partnership working to boost Gaelic opportunities

Efforts to extend Gaelic learning opportunities at Highland schools are delivering encouraging results.

On Friday (12 December) Highland Council’s Gaelic Committee heard progress reports on some key projects. 

Gaelic 1+2 Project:

  • The Council continues to expand Gaelic as an additional language across Highland schools, including through online Live Lessons or supporting schools and teachers to offer Gaelic as either an L2 or L3 language.

Mòd Academy Programme:

  • Delivered by Fèisean nan Gàidheal, this initiative supported primary schools in Lochaber with Gaelic language and music lessons. The programme helped to build confidence in Gaelic performance and increase participation at the very successful Royal National Mòd 2025, held in Lochaber.

Blasad Gàidhlig Programme:

  • Delivered by Fèisgoil, in partnership with the Highland Council, this programme introduced Gaelic learning through song and games in schools across Sutherland and Caithness where Gaelic is not currently taught as an additional language.

Chair of Highland Council’s Gaelic Committee, Cllr Drew Millar, said: “Promotion and growth in both Gaelic medium education and for Gaelic learner education is a crucial priority for the council.

“In order to meet these ambitions, we must continue to work creatively to meet growing demand for Gaelic in schools. These projects are great example of partnership working to widen the language opportunities available to our young people."

At Friday’s meeting members congratulated The Royal National Mòd for being honoured as Community event of the year at the annual MG Alba Scots Trad music awards.

They also praised the development work of the FC Sonas and Alba FA projects. These efforts led to the hosting of the first ever Celtic Nations Cup in June, encouraging and promoting Gaelic by bringing communities together through football.

Members were also given a progress report on the delivery of The Highland Council’s Gaelic Language Plan; ongoing work to strengthen Gaelic capacity and visibility across council services and an update on the Gaelic language activity within High Life Highland’s programme.

Read the full reports here:

https://www.highland.gov.uk/meetings/meeting/5258/gaelic_committee_comataidh_na_gaidhlig/attachment/85927

12 Dec 2025