Laoidhean Gàidhlig on Chomhairle airson na Nollaig

Councillor Hamish Fraser and Fiona Mackenzie with carol book  (Front L-R): Cllr Graeme Smith (Wick); Fiona Mackenzie Màiri Mhòr Gaelic Song Fellowship Officer; Cllr Hamish Fraser, Chairman of The Council's Gaelic Committee
(Back L-R): Cllr Alex Graham (Inverness West); Donald Morrison, Development Manager Bòrd na Gàidhlig, Cllr Janet Campbell (Inverness Central)

Read this in English

Chaidh leabhar le laoidhean is òrain Ghàidhlig “Duan Nollaig” fhoillseachadh le Caidreachas Màiri Mhòr aig Comhairle na Gàidhealtachd. 

Tha an leabhar a’ leantainn ‘Duan Nollaig’ ann an 2007 – an aon CD dùbailte le òrain is laoidhean Gàidhlig dha gach aois. Shoirbhich gu math le CD Duan Nollaig. Bha e aig bàrr nan liostaichean reic ann an Alba fad iomadh seachdain deireadh 2007 agus tha e air a bhith a’ reic gu math fad na bliadhna cuideachd.

Chaidh an leabhar agus an CD ‘Duan Nollaig’ a chruthachadh le Caidreachas Màiri Mhòr air sgàth iarrtasan bho air feadh an t-saoghail airson òrain is laoidhean Nollaig sa Ghàidhlig. 

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comhairle na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Chan ann a-mhàin dhan Nollaig a tha ‘Duan Nollaig’. Tha e cuideachd freagarrach is sinn a’ coimhead air adhart ri Till 2009. A bharrachd air a bhith feumail ann an teagasg na Gàidhlig air feadh Alba, bidh e cuideachd feumail do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig an taigh agus thall thairis.”

Thuirt Fiona NicCoinnich, Oifigear Caidreachas Màiri Mhòr: An dèidh mar a shoirbhich leis an CD, fhuair mi fios bho air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh bho thidsearan agus bho sheinneadairean, agus iad ag iarraidh dreach sgrìobhte dhe na h-òrain. Seo an aon leabhar laoidhean a gheibhear sna bùithtean agus air-loidhne an-dràsta.”

Rèitich Irvin Duguid, a rinn an CD, an ceòl airson 16 dhen na h-òrain on CD, airson an seinn, airson a’ phiàna agus airson a’ ghiotàr. Nam measg tha laoidhean Gàidhlig traidiseanta airson na Nollaig mar:

Tha òrain ainmeil eile ann cuideachd mar “Air a’ Chiad latha” agus ‘Nollaig Chridheil’.

Thuirt Fiona: “Tha sinn an dòchas gum bi an leabhar feumail do luchd-teagaisg, gu h-àraidh air a’ Ghàidhealtachd, a tha a’ riasladh gach bliadhna a’ feuchainn ri stuthan freagarrach, tarraingeach a lorg airson chonsairtean is dhealbhan-cluiche aig àm na Nollaig.”

Bidh an leabhar ‘Duan Nollaig’ ri fhaotainn air £10 bho Ionad an Fhoghlaim ann an Inbhir Pheofharain; Highlander Music sa Bhlàr Dhubh; The Music Shop, Inbhir Nis; bùithean eile agus air-loidhne bho http://www.musicscotland.com/ agus http://www.footstompin.com/.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu: fìona.mackenzie@highland.gov.uk
no fòn: 01349 863441.

-a’ chrìoch-

16 Dec 2008