Prìomh Mhinistear A’ fosgladh Na Ciad Sgoil Ghàidhlig An Alba A Thogadh A Dh’aon Ghothaich

An-diugh (Dihaoine), dh’fhosgail Prìomh Mhinistear na h-Alba, Alex Salmond, a’ chiad  Sgoil Ghàidhlig, a thogadh a dh’aon ghnothaich, ann an Inbhir Nis. 

Chosg Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis £4millean agus tha i aig cridhe ionnsachadh na Gàidhlig ann an sgìre Inbhir Nis, oir tha iomadh cùis co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a’ dol air adhart innte.

Tha 101 sgoilear innte agus 50 san sgoil-àraich.

Tha 7 rumannan agus ionad stòrasan san sgoil, a tha san t-Slag Bhuidhe, mu choinneimh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Tha talla na sgoile nas motha na an àbhaist airson sgoil dhen mheudachd seo. Tha an talla uidheamaichte le sùidheachain shònraichte gus cùisean cultarail na Gàidhlig a chur air adhart. 

A bharrrachd air an sin, tha stiùidio clàraidh innte, rùm phàrantan airson choinneamhan is chlasaicheann agus bidh Sgioba Ionnsachadh Coimhearsnachd na Gàidhlig stèidhte san sgoil ùir. Gheibhear cuideachd goireasan àraich is cùram chloinne airson Coimhearsnachd Ghàidhlig a’ Bhaile.

Mus do dh’fhoillsich am Prìomh Mhinistear an clàr gus an sgoil fhosgladh, thuirt e: “Tha fosgladh na ciad sgoil Ghàidhlig a thogadh a dh’aon ghnothaich air leth cudromach – chan ann a-mhàin airson Inbhir Nis ach airson Alba gu lèir.

“Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe fèin-aithne na h-Alba agus cudromach do choimhearsnachdan is cultar na Gàidhealtachd is nan Eilean. Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – na sgoilearan is an luchd-teagaisg – air tighinn gu bhith mar phàirt dhen dealbh eadar-nàiseanta gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh, ar n-eachdraidh a ghleidheadh agus gus làn chomas eaconamach na Gàidhlig a choileanadh.

“Chan eil teagamh, còmhla ri na sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu is Slèite, nach bi Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis cudromach gus a bhith a’ meudachadh  inbhe is cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba.” 

Thuirt an Comhairliche Bill Fernie, Cathraiche Comataidh Foghlaim, Cultar is Spòrs Chomhairle na Gàidhealtachd: “’S e latha mòr a tha seo dhomhsa agus sinn a’ fosgladh na ciad Sgoil Choimhearsnachd Ghàidhlig, a thogadh a dh’aon ghnothaich, chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd ach ann an Alba. Tha am pròiseact seo a’ nochdadh ar dealais gus a bhith a bhith cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig tèarainte san àm ri teachd.”

Thuirt an Comhairliche Hamish Fraser, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig na Comhairle: “Chan ann a-mhàin airson feumalachdan foghlaim na Gàidhlig fo aois sgoile agus sa bhun-sgoil a tha an sgoil seo. Bidh i cuideachd feumail do choimhearsnachd na Gàidhlig ann an Inbhir Nis, sa Ghàidhealtachd agus air feadh Alba. Cha robh an seo ach aisling o chionn beagan bhliadhnaichean ach tha an sgoil seo a’ samhlachadh nan ceumannan mòra ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd agus ann an Alba.

“Tha i cuideachd a’ daingneachadh dealas na Comhairle gus a bhith cinnteach gu bheil ar clann a’ faighinn cothrom a bhith dà-chànanach nuair a tha iad òg agus, tha i a’ cuideachadh na cloinne, gu ìre, gu bhith co-ionann rin co-aoisean san Roinn Eòrpa a tha, ann an iomadh dùthaich, a’ bruidhinn co-dhiù trì cànain mus fhàg iad a’ bhun-sgoil.”

Chaidh fàilte a chur air a’ Phrìomh Mhinistear aig an sgoil le pìobaire, Conall MacIllechiar, a tha air a’ chiad bhliadhna ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Choinnich Shona Crosbie agus Donnie Foirbeis, a tha air Clas 7 san sgoil ùir, Mgr Salmond agus thug iad cuireadh dha ainm a chur san leabhar aoigheachd.

An uair sin, thug ceannard na sgoile, a’ Bh-Uas Seònaid NicLeòid, Mgr Salmond air cuairt dhen sgoil ùir mus do choinnich iad ri 200 air aoigheachd ann an talla na sgoile gus an sgoil fhosgladh. 

Thug Niamh Kerr agus Dominic Ferrier, à Clas 1, mìosachan Gàidhlig a’ nochdadh na sgoile, dhan Phrìomh Mhinistear. 

Thuirt a’ Bh-Uas NicLeòid: “Tha an latha seo cudromach, chan ann a-mhàin airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, ach do Chomhairle na Gàidhealtachd. Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ nochdadh dealas na Comhairle a thaobh leasachadh na Gàidhlig. Tha an sgoil againn a’ comharrachadh dealas nam pàrantan agus, feadhainn eile, ann an Coimhearsnachd na Gàidhlig ann an Inbhir Nis. Bha cuid dhiubh an làthair an-diugh agus, cuid nach robh, ach rinn iad uile obair mhòr airson foghlam Gàidhlig a thoirt chun na h-ìre seo. Tha e na urram mòr dhomh a bhith nam Cheannard air a’ chiad sgoil Ghàidhlig, a thogadh a dh’aon ghnothaich, ann an Alba.”  

-crìoch-

11 Jan 2008